Ciad ainm Alasdair
Cinneadh MacMhathain
Bliadhna breith 1911
Bliadhna bàis 1973

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Lannraig

Paraiste - Coille an Ear

Baile/Àite - Pollokshaws

Àireamh an neach 11265

Eachdraidh-beatha

Rugadh Alasdair MacMhathain ann an Glaschu. Bha athair, Aonghas MacMhathain, à Stafainn san Eilean Sgitheanach agus bha a mhàthair, Criosaidh, à Loch Euphort an Uibhist a Tuath. Bha an dachaigh aca air Wellmeadow Road ann an sgìre Pollokshaws sa bhaile. Nuair a bha Alasdair òg, bhiodh e tric a' dol air làithean-saora a thaigh a sheanmhar ann an Loch Euphort, agus dh'fhàg seo gun robh e measail air Uibhist a Tuath fad a bheatha.

Bu mhiann leam bhith 'g amharc bho mhullaichean Lì,
Beinn Mhòr an taoibh dheis is gach monadh is frìth,
'S Loch Euphort nam fiadh far 'eil dachaigh mo chridhe,
Gach alltan is linne sa mhòintich.


Thug Alasdair greis ag obair mar fhear-cuideachaidh aig a' Chomunn Ghàidhealach còmhla ri Niall MacIllesheathanaich anns an oifis a bha aca an Glaschu. Thug e greis cuideachd a' siubhal a' reic teatha. Phòs e Seasaidh Nic a' Mhaoilein à Siadar an Rubha ann an Leòdhas agus bha triùir chloinne aca – Alasdair, a tha fhathast a' fuireach ann an Steòrnabhagh, Christine nach maireann, agus Iain a tha a' fuireach ann an Lunnainn.

Ann an 1952 thàinig an teaghlach a Leòdhas agus còmhla ri a dhithis bhràithrean-cèile, Ailig Dan Eairdsidh agus Seonaidh Eairdsidh, leasaich agus leudaich iad Taigh-òsta a' Chrùin ann an Steòrnabhagh, far an robh an triùir aca ag obair. An uair sin bha iad a' ruith taigh-òsta Doune Braes ann an Càrlabhagh. Bha Alasdair gu mòr an sàs ann am beatha baile Steòrnabhaigh. Bha e na chathraiche air Coimisean Cidhe is Caladh a' bhaile, na chathraiche air Comann Turasachd nan Eileanan an Iar, na bhall de dh'Urras Steòrnabhaigh, agus bha e air a' chomataidh a bha a' ruith Còmhlan Phìobairean Leòdhais. Aig amannan eadar-dhealaichte bha e na chomhairliche, na ionmhasair, na bhàillidh agus mu dheireadh na phròbhaist air a' bhaile.

Bha e math air seinn agus bha fèill air aig consartan agus cèilidhean. Ged nach d' fhuair e riamh am prìomh Bhonn Òir rinn e grunn chlàir còmhla ri Beltona. An-diugh tha a mhac, Iain MacMhathain, no Ado mar a dh'aithnichear e, e fhèin na sheinneadair agus na òranaiche mar a chluinnear air an CD aige, Out on the Islands. Air an CD seo tha e a' faighinn taic bho a mhac, Hans MacMhathain, a tha air cliù a chosnadh dha fhèin mar neach-ciùil tàlantach agus mar chleasaiche a tha air nochdadh ann am filmean agus air telebhisean còmhla ri leithid Kiera Knightley, Sam Neill, Anna Friel agus Demi Moore.

Chaochail Alasdair MacMhathain, aig aois 62, air 15 Giblean 1973.

Tha sinn an comain Alasdair, a mhac, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Clàr sgrìobhaidhean

Eilean Uibhist