Ciad ainm Calum Donnachaidh
Cinneadh Mac an Tòisich
Sloinneadh Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich
Bliadhna breith 1921
Bliadhna bàis 2002

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Grèinetobht

Àireamh an neach 11267

Eachdraidh-beatha

B' ann à 1 Grèinetobht ann an sgìre Sholais an Uibhist a Tuath a bha Calum Mac an Tòisich (Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich). Rugadh e ann an 1921 agus bha dà phiuthar is dà bhràthair aige, Ciorstaidh Màiri agus Magaidh, agus Uilleam agus Iain. Phòs Calum Mòrag Fhearghasdan à Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath agus bha iad pòsta leth-cheud bliadhna. Bha iad a' fuireach an Ceann a' Bhàigh agus bha ceathrar chloinne aca – Mairi, Dòmhnall Eairdsidh, Maighread agus Iain.

Sgrìobh Calum an t-òran 'S Fhada Bhuamsa Thar a' Chuain, ris an do chuir Catrìona Garbutt am fonn, aig àm an Dàrna Cogaidh, agus, air BBC Radio nan Gàidheal, mhìnich e an suidheachadh a ghluais e gus a dhèanamh:

"Bha sinn air a' bhàta a' dol a-null gu Normandy, trì latha an dèidh gnothach D-Day. Am bàta air an robh mi, bha gunnaichean oirre. 'S e anti-aircraft a bh' innte 's bha gunnaichean air a' bhàta an aon seòrsa 's a bha sinn fhèin a' cleachdadh. 'S fhuair sinn òrdan a dhol a mhann-adh nan gunnaichean. 'S e mi fhìn a' chiad fhear a chaidh suas dhan an turret far an robh an gunna, 's thàinig an uair sin a' chiad làmh a-staigh às mo dhèidh. 'S e fear a bha car charge air a' chriutha. Agus nuair a chaidh e suas chuir e uchd air iomall an turret agus thòisich e air caoineadh. Agus bha Dover an uair sin air a dhol ann an ceò. Bha e a' teannadh air a dhol às an t-sealladh oirnn agus thuirt e, 'Ò,' ars esan, 'chan fhaic mise an t-àite seo tuilleadh.' 'Ach,' thuirt mise ris, 'nach eil do theansa agad mar a th' againn fhèin? 'S dòcha nach fhaic sinne e cuideachd.'

Chaidh an gnothach seachad mar sin fhèin. Ach land sinn co-dhiù. Cha robh sinn fada sin gus an d' fhuair sinn tachairt rinn. Ach bha sinn a' cladhach sìos dhan talamh co-dhiù airson gun defend-adh sinn. Bha gunna mòr againn airson a thoirt air tìr 's cha tàinig e riamh air tìr. Chuireadh fodha e. Ach co-dhiù, bha an gnothach a' dol agus 's ann às an iarmailt a bu mhotha a bha sinn a' faighinn a dhìol a dhèanamh oirnn ged a bha shell-adh a' dol cuideachd. Greis dhen oidhche suas bha mi fhìn san toll nuair a leum an seàirdseant a-nuas air mo mhuin 's dh'èigh e gum feumainn èirigh a-mach, gun robh cuid mhòr dhiubh air an leòn 's air am milleadh. Agus nuair a nochd mi a-mach às an toll, 's e a' chiad làmh a bha seo, bha e air bruaich an tuill agam agus e marbh. Sin a' chiad fhear dhe na chaidh a-null cuide riumsa, a' chiad fhear a chunnaic mi air a mharbhadh, ged a chunnaic mi gu leòr dhiubh às a dhèidh sin. Agus thàinig am feeling a bha seo annam an uair sin, dìreach tòiseachadh air cur an gnothach an tàth a chèile mar a thachair. 'S am faireachdainn a bh' agam mar a bhithinn air ais ann an Uibhist cho sèimheil agus cho sìtheil 's cho math 's a bhiodh e, seach a bhith a' faicinn daoine gan reubadh às a chèile agus na bha daoine a' fulang air a thàillibh."


Chaochail Calum Mac an Tòisich san Dàmhair 2002.

Clàr sgrìobhaidhean

'S Fhada Bhuamsa Thar a' Chuain