Ciad ainm Gilleasbaig
Cinneadh MacDhòmhnaill
Sloinneadh Eairdsidh Dhòmhnaill Lachlainn
Bliadhna breith 1874
Bliadhna bàis 1942

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Ceann a' Bhàigh

Àireamh an neach 11284

Eachdraidh-beatha

B' ann à Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath a bha Gilleasbaig MacDhòmhnaill, no Eairdsidh Dhòmhnaill 'ic Lachlainn, mar a dh'aithnichear e san eilean. Rugadh e ann an 1874 agus ged a thug e a' mhòr-chuid dhe bheatha ag obair ann an Glaschu, thill e air ais a Cheann a' Bhàigh nuair a leig e dheth a dhreuchd. Cha do phòs e riamh.

Bhiodh e a' sgrìobhadh dàin spioradail agus 's e cuideachd a sgrìobh an t-òran ainmeil ris an canar am Beurla The Uist Tramping Song, a chaidh a chlàradh le seinneadairean ainmeil leithid Raibeart Wilson agus Coinneach MacEalair:

Sèist:

Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leamsa thar na mara null do dh'Uibhist bheag nam beannaibh,
'S gheibh sibh mil ann agus bainne, thugainn leam, thugainn leam.

Tha a' ghrian anns an àird dheas is blàth ghaoth bhon iar,
Tha an lochan cho còmhnard 's cho stòlda san fhèath,
Tha tuinn mhara crònan an òrain bho chian,
A' tairgse dhuinn sòlais 's a' tàladh gach miann.

Nuair a theirgeas an samhradh 's thig foghar an àigh
Bidh cruach air an achadh agus maorach san tràigh;
'S cha bhi sinn gun annlan gach ceann de na bhòrd
Fhad 's bhios breac anns an linne 's lacha riabhach air lòn.

'S a-nis, bhean mo ghràidh-sa, thoir dhòmhsa do làmh,
'S thèid sinn null don eilean far am faod sinn bhith tàmh,
Gun bhreislich, gun ghleadhraich, gun ùpraid, gun cheò,
'S bidh a' ghrian air an uinneig cumail tìm dhuinn air dòigh.


Chaochail Gilleasbaig ann an 1942.

Clàr sgrìobhaidhean

Teann a-nall