Ciad ainm Catrìona
Cinneadh Dhùghlas
Sloinneadh Ceitidh a' Mhaighstir
Bliadhna breith 1893
Bliadhna bàis 1965

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Cille Mhoire

Àireamh an neach 1939

Eachdraidh-beatha

Rugadh Catrìona Dhùghlas (Ceitidh a' Mhaighstir) ann an 1893 ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach far an robh a h-athair, Iain Mac an Aba, na mhaighstir-sgoile agus na bhàrd. Fhuair i a foghlam foirmeil air fad ann an sgoil a h-athar, agus teagasg ann an Gàidhlig bho nighean piuthar a h-athar, Anna Dhòmhnallach, no Anna an Champion mar a chante rithe.

Bha Clann an Aba air a bhith anns an eilean fad iomadh linn agus bha gibht na bàrdachd anns an teaghlach. Sgrìobh, mar eisimpleir, Niall Mac an Aba, a bha beò ann an Cille Bhacastair eadar 1740 agus 1818, marbhrann an dèidh bàs fear de Mhàrtainnich a' Bhealaich is Dhùn Tuilm:

Bha thu foghainteach, làidir,
Bha thu spioradail, tàbhachdach, ciùin;
Dreach an t-samhraidh mar shnuadh ort
Cha robh nàimhdeas no fuachd nad ghnùis.


Bha Iain Ruadh Mac an Aba, sinn-seanair Chatrìona, na mhaighstir-sgoile ann am Mairiseadar agus b' e bàrd a bha na h-athair cuideachd. A rèir an Urramaich Dòmhnall Buids, a bha eòlach air an teaghlach:

"Chan e mhàin gun robh gibhtean gliocas agus foghlam aig na daoine bho robh Catrìona, bha ceòl, bha bàrdachd, bha seanchas aca ann an tomhas nach robh beag. Ann an teaghlach a h-athar bha luchd-foghlam, luchd-bàrdachd, luchd-ciùil agus pearsa-eaglais. Is e làn-bhàrd a bh' ann an athair Chatrìona, Iain Mac an Aba. Tha cuid de bhàrdachd an làthair, air an gleidheadh le Catrìona, cuid dhith aighearach spòrsail, aotrom; cuid eile stòlda, dòigheil, grinn, duain Challainn agus rannan tlachdmhor eile, agus e gu h-uile anns a' Ghàidhlig as blasta agus as fheàrr."

Ann an òraid a thug e do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 8 Samhain 1974, thug an t-Urr. Buids eisimpleir de Dhuan Callainn a rinn athair Chatrìona:

Hò rò la ri ò
Thàinig mise 'n taobh seo
Dh'ùrachadh na Callainn
Hò rò la ri ò
Mise fear a h-uile bliadhna
Tha tighinn air m' fhiaradh à Peighinn-Òra.

Cha chùm uisge, gaoth no sian mi
Gàrradh-crìche no cion rathaidean
San dorcha 'n cunnart gum bàthar
An làthach Tobar an Òigh mi,
No an ìochdar croit 'icMhaoilein
Gun caochail mi am poll-mòna;
Nì mi stiùireadh air Catrìona
Nuair bhios an diathad an òrdugh
Pailteas de dheoch is de bhiadh ann
Bidh fìon ann do gach neach a dh'òlas
Bidh pailteas de dh'aran is de dh'iasg
Bidh sitheann eun agus feòil ann
'S mòran de ghnothaichean cosgail
Thàinig leis a' phost a' bhon-dè.


Bha Catrìona is a cèile, Seumas Dùghlas, à Cille Mhoire, a' fuireach ann am Peighinn-Òra nuair a chuir Eòin Dòmhnallach eòlas orra an toiseach, mar a dh'innis e air prògram air BBC Radio nan Gàidheal:

"Bha Ceit air leth measail air ceòl agus bha ùidh mhòr aice ann a bhith a' toirt cuideachadh do dh'òigridh mar mi fhìn a bhiodh a' seinn aig na Mòdan. Bha làn a chinn de sheann òrain an Taobh Sear aig Seumas agus eatarra cha bhiodh feasgar geamhraidh fada a' dol seachad."

Rinn Catrìona i fhèin iomadh òran agus chuir i facail ri puirt leithid Mòrag à Dùn Bheagain, Alasdair an t-Sìthein agus An Cala Sèimh, agus an-diugh tha seinneadairean measail air òrain a rinn i, leithid Nach Truagh Leat Mi 's Tu 'n Èirinn, Chaill mi mo Chridhe 's mi Òg, Nochd gun Chadal agus Pìob Uilleim Rois. Ann an 1971, dh'fhoillsich an t-Urramach Dòmhnall Buids leabhran de na h-òrain aig Catrìona fon tiotal Sàr Òrain le Catrìona Dhùghlas, Bana-bhàrd Thròndairnis an Eilein Sgitheanaich. Anns an eachdraidh ghoirid a tha e a' toirt air a beatha, tha e ag ràdh:

"Chaith Catrìona, mar a rinn a h-athair, uile-làithean a beatha anns an sgìre anns an d' rugadh i, am measg Gàidhlig agus sluagh Gàidhealach, agus 's math am feum a rinn i dhen t-sochair sin."

'S e pàirt den fheum sin a rinn i, cruinneachadh a dhèanamh de dh'òrain na sgìre, obair air an do thòisich i tràth, mar a dh'innis Eòin Dòmhnallach:

"Bha a h-obair mar oifigear a' pheinnsein ga toirt gu taighean san dùthaich mun cuairt, far an tric am biodh cuideigin a sheinneadh òran dhi. Chuireadh i sìos le peann air pàipear gach pong is lide agus san dòigh seo chruinnich i meall math de dh'òrain an eilein. Bha meas mòr aig Ceit air na h-òrain luaidh agus aig an àm ud bhiodh bannal cruinn gu bitheanta a' luadh ann an taigh-obrach Chille Mhoire, far an robh na h-uimhir de dh'fhir is de mhnathan an àite ri breabadaireachd. Bha làn an cinn de dh'òrain luaidh aig na mnathan agus cha b' e ruith ach leum leotha dol air feasgar an-dràsta 's a-rithist a shuidhe timcheall nan cleith-luaidh."

Nuair a chaochail Catrìona Dhùghlas ann an 1965, thug Seumas na leabhraichean òrain aice don Urr. Dòmhnall Buids:

"A' chiad rud a rinn mi is e cuid dhe na h-òrain aig Catrìona a chur a-mach air an clò-bhualadh ann an song sheets, ann an duilleagan leotha fhèin a chum 's gum faiceadh daoine luach agus meud na h-obrach aig Catrìona."

A bharrachd air an leabhar de dh'òrain a dh'fhoillsich an t-Urr. Buids ann an 1971, chuir e a-mach leabhar de dhealbhan-cluiche a sgrìobh i airson clann, fon ainm Pein-Ora, agus mhìnich e an t-ainm:

"Nuair a chuir Iain Mac an Aba dheth dreuchd maighstir-sgoile, thog e dachaigh dha fhèin air cnoc faisg air an sgoil. Thug e ainm a' chnuic air an taigh, Peighinn Ortha, an t-àite-ùrnaigh, Peinora. Thug mise ainm an taighe air an leabhar agus ainm an taighe anns an do chuir Catrìona seachad mòran bhliadhnaichean dhe a beatha agus anns an d' fhuair a' bhana-bhàrd bàs."

Dh'eug Catrìona ann an 1965. Tha an cruinneachadh òrain a rinn i an-diugh air a chumail ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Clàr sgrìobhaidhean

Nach Truagh Leat Mi 'S Tu 'n Èirinn
Nochd gun Chadal
Òran Gaoil a Rinneadh Taobh Loch Laomainn