Ciad ainm Dòmhnall
Cinneadh Mac an t-Saoir
Far-ainm Am Bàrd Phàislig (The Paisley Bard) / Dòmhnall Ruadh Phàislig
Sloinneadh Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh 'ic
Nìll 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill 'ic Nìll
Bliadhna breith 1899
Bliadhna bàis 1964

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Snaoiseabhal

Àireamh an neach 310

Eachdraidh-beatha

Rugadh Dòmhnall Mac an t-Saoir, Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh, ann an Snaoiseabhal an Uibhist a Deas air 1 Dàmhair, 1889. A rèir coltais bha cuimhne anabarrach aig a mhàthair Ceit agus bha cuimhne aig Dòmhnall air iomadh ùrnaigh is òran, port is seanfhacal, a chuala e aice 's e na bhalach. Dh'fhàg e sgoil aig aois 14, 's dh'ionnsaich e bhith na chlachair.

Bha Dòmhnall as na Camshronaich ron Chiad Chogadh, 's bha e na phìobaire aig Loch Iall. Dhearbh e a threubhantas àm a' chogaidh aig Blàr Loos. An dèidh a' chogaidh thill e a Chill Donnain, gu iasgach ghiomach, ach cha b' fhada gus am b' fheudar dha an t-eilean fhàgail airson a dhol a shireadh cosnadh air tìr-mòr. Thug e greis ann an Loch Abar, an uair sin an Siorrachd Pheairt, an Grianaig agus an Glaschu. Mu dheireadh thall rinn e a dhachaigh ann am Pàislig. Phòs e Màiri NicIllFhialain an 1930, 's bha ceathrar chloinne aca.

Rinn e ainm mar bhàrd an toiseach nuair a riochdaich e croitearan Shnaoiseabhal aig a' chùirt ainmeil Cùirt nan Con, nuair a dh'fheuch an t-uachdaran, Lady Cathcart, ri bacadh a chur air na croitearan bho bhith cumail choin gun chead. Chaidh an latha le na croitearan agus rinn Dòmhnall dà bhàrdachd mun chùis - Cùirt nan Con agus Triall gu Cùirt nan Con.

Sgrìobh e mòran òrain agus cluinnear cuid mhath dhiubh aig seinneadairean an latha an-diugh, gu h-àraidh òrain èibhinn mar Òran na Cloiche, Sporan Dhòmhnaill, agus Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Rinn e eadar-theangachadh sgaiteach de Thòmas Seanntar aig Raibeart Burns agus choisinn e Crùn na Bàrdachd aig Mòd Ghlaschu an 1938 le Aeòlus agus am Balg.

Chaochail Dòmhnall Ruadh air 7 Faoilleach, 1964, agus tha e air a thiodhlacadh an cladh Hawkhead am Pàislig.

Tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the late Donald Macintyre, the Paisley Bard. Nuair a dh'fhoillsichear an leabhar ceithir bliadhna an dèidh a bhàis, sgrìobh an sgoilear Coinneach Dòmhnallach mun bhàrdachd aige:

"Tha e fìor mun deidhinn air fad gu bheil saibhreas is eirmseachd fhaclan annta, nach fhaicear, tha mi a' creidsinn, gu bràth tuilleadh a leithid ann am bàrdachd Ghàidhlig. Tha bàrdachd Ghàidhlig ann, anns am bheil mòran fhaclan neo-chumanta, 's fàileadh làidir an fhaclair dhiubh, ach 's e th' againn an seo fallaineachd na Gàidhlig Uibhistich a fhuair Dòmhnall Ruadh mar dhìleab, 's a leudaich e le bhith sgrùdadh obair nam bàrd a chaidh roimhe... Ged nach b' ann às na faclairean a fhuair Dòmhnall Ruadh "cainnt gheur-fhaclach nam bàrd", 's fhad a bhios luchd an fhaclair a' rùrach na chuid bàrdachd." (Gairm, Àireamh 65, An Geamhradh, 1968)

Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh leis an Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1968.

Chaidh Aeòlus, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Clàr sgrìobhaidhean

Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid
Dol do dh'Uibhist
Fear a' Chòta Ruaidh
Òran na Cloiche