Ciad ainm Niall
Cinneadh Peutan
Far-ainm Neil Gow
Bliadhna breith 1888
Bliadhna bàis 1974

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Bhaltos

Àireamh an neach 4563

Eachdraidh-beatha

Rugadh Niall Peutan ann am Bhaltos, Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich, air 7 Sultain, 1888. Bho bha e glè òg, b' e Niall Gow a chante ris agus dh'innis Alasdair MacLeòid air BBC Radio nan Gàidheal air 15/05/1999 mar a fhuair e am far-ainm:

"Bha e na dhuine cho ceòlmhor agus cho fileanta air ceòl. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e math air fìdhlearachd cuideachd. Ach co-dhiù sin mar a choisinn e an t-ainm, ainm an fhìdhleir ainmeil, Niall Gow. Agus cha d' fhuair e riamh, agus cha chuala mise riamh ach glè ainneamh air a chleachdadh ris ach Niall Gow. Cha chanadh tu Niall Peutan ris uair sam bith ach chanadh tu gun robh thu an dèidh a bhith a' bruidhinn ri Niall Gow."


Bha Niall na dhuine làmhchaireach, a dhèanadh clachaireachd agus saorsainneachd agus iomadh seòrsa obair càraidh. Thug e greis ag obair aig a' Chounty a' càradh thaighean-sgoile agus ri caran sam bith eile a bha ri dhèanamh. Bha Dòmhnall Dòmhnallach cuideachd a' cuimhneachadh air:

"Bhiodh e a' dèanamh obair do dhaoine eile na thìde fhèin. Bhiodh e a' falbh leis a' bhaidhsagal 's a' càradh sheadaichean agus bhàthchannan 's a' feansadh 's a' clachaireachd. Cha robh càil a dh'fheuchadh Niall nach dèanadh e. 'S e duine beag uabhasach dìcheallach a bh' ann, math air obair, 's tha e coltach gun cuireadh e obair a bha garbh às a dhèidh ann an latha."


B' e bàrd a bha na athair, Aonghas Peutan, agus thòisich Niall fhèin air òrain a dhèanamh agus e glè òg. Cha robh e ach 17 nuair a rinn e òran a' dì-moladh Ghlaschu:

Air an t-sràid ri fuachd,
Gun chòmhdach air na cnàmhan ac'
Na chumas blàth iad uair;
Ged reothadh iad gu bàs an sin
Chan fhaigh iad bàigh no truas
Gun bhiadh, gun deoch, gun fàrdaich ac'
No àit' san loisg iad gual.


Bu toigh le Niall a bhith a' seinn, na h-òrain aige fhèin agus a h-uile seòrsa òran. Bha buaidh aig na seann òrain air:

Tha do ghruaidhean deàrrsanta
'S an dreach mar bhlàth nan ròsan;
Do bhilean mar an sgàrlaid
'S mòr gur fheàrr na mhil do phògan.

Tha do chìochan gucagach
Air d' uchd is gile còmhdach;
Do shlios mar shneachda geamhraidh
Air a chur gu teann de lòineag.


Bhiodh Niall tric a' cleachdadh seann fhuinn airson na h-òrain aige fhèin.

Bha e aig muir air soithichean a bha a' sguabadh mhèinnean às an rathad aig àm a' chogaidh ach thill e sàbhailte a Phort Rìgh às a dhèidh. Thug e co-dhiù aon seusan aig iasgach nam breac, a' fuireach ann am bothag lom, mhì-chofhurtail air Cladach Bheararaig, àite iomallach mu letheach-slighe eadar Port Rìgh agus Stafainn.

Toll dubh dorch' air cùl an t-saoghail
Fad' bho àite-còmhnaidh dhaoine;
Chan eil ann ach caoraich mhaola
'S mòr an t-iongnadh g' eil iad fhèin ann.

Nuair a laigheas mi fon aodach
An dùil ri cadal mar a dh'fhaodainn,
Bidh deargannan fada, caola,
Ga mo chaobadh às a chèile.

Dh'ith iad m' fhuil is m' fheòil 's mo chnàmhan
'S dh'fhàg iad mi cho caol ri ràsair;
'S mi gun dùraigeadh am bàs dhaibh
Ach chan fhaigh mi làmh air tè dhiubh.

Agus radain mhòra, liatha,
'S cuid ac' air call na feusaig;
'S ann a thig iad staigh cho fiataidh
Mar nach d' rinn iad riamh an eucoir.

'S ann an seo tha 'n t-àite cianail
Anns nach faicear grian san iarmailt;
Is cunnartach gun tèid mi fiadh ann
Mura cùm rium Dia mo reusan.


Ged nach b' e òrain èibhinn a-mhàin a rinn Niall Gow chan eil teagamh nach robh liut shònraichte aige air an t-seòrsa òran sin. Agus mar a tha Throid a' Bhean a' dearbhadh, cha robh leisg air magadh air fhèin.

Cha do rinn e riamh cleith air cho dèidheil agus a bha e air an drama agus air a' chuideachd a bha ri lorg an taighean-seinnse Phort Rìgh. Bha Dòmhnall Dòmhnallach eòlach air:

"Nuair a bha e a' dèanamh òran, bha e ainmeil. Bha e aig a h-uile duine. Bhiodh iad a' gabhail nan òran aig Niall 's nan dèanadh e òran ùr, rud a bha e gu math tric a' dèanamh, bha e a' dol, 's ma bha interest sam bith agad ann, cha b' urrainn dhut gun ionnsachadh. Bha a h-uile duine caran eòlach air 's gu h-àraidh ma bha thu a' gabhail dramaichean, bhiodh Niall 's dòcha anns a' bhàr, is dheigheadh tu far an robh e a ghabhail drama còmhla ris feuch am faigheadh tu fear dhe na h-òrain aige a ghabhail, 's a ghabhail òrain cuide ris. Ach duine uabhasach toilichte a bh' ann, is bha e math air mixeadh am measg dhaoine, 's bha e eirmseach."


Tha an eirmseachd sin ri chluinntinn anns an t-òran Hò Ro 'Illean, Na Biomaid Tùrsach:

'S tric bhios mi 'g aithris gun sguir mi gun dàil
Nach òl mi deur tuilleadh, nach fhuiling mi 'm fàileadh:
Dh'aindeoin mo bhilean, chan urrainn mi fàgail -
Bidh i gam thàladh mar gum b' i ceòl.

Nuair thèid mi dhachaigh bidh bhean ann an gruaim rium
Gheibh mi mo theist'nas gu dleasanda bhuaipe;
"Ciamar, a bhurraidh, a chumas tu suas mi
Cosg do chuid duais an taighean an òil?"

Feumaidh mi aithris, ged tha i na buaireadh
Dh'aindeoin a mealladh tha iomadan buaidh innt';
Togaidh i aighear air fear a bhios gruamach
'S bheir i air cuasach rìbhinn còir.

Fàgaidh i cridheil thu, 's bidh tu dàna,
Bheir i dhut misneachd s cha chlisg thu le nàire;
Fògraidh i d' eagal 's cha teich thu ro d' nàmhaid -
Bidh tu cho làidir nuair bhios tu 'g òl.


Thug Niall Gow iomadh bliadhna a' fuireach air York Drive ann am Port Rìgh. Bha e pòsta airson an dàrna uair aig Teenie NicAonghais à Camas Dìonabhaig, Teenie a' Mhuilich, agus bha triùir nigheanan aca.

Chaochail Niall Peutan ann an Glaschu air 1974.

Clàr sgrìobhaidhean

Hò Ro 'illean, Na Bitheamaid Tùrsach
Throid A' Bhean 'S Gun Throid I Rium