Ciad ainm Dòmhnall Camshron
Cinneadh MacColla
Sloinneadh Dòmhnall mac Dhòmhnaill
Eòghainn Dhòmhnaill
mhic Iain mhic Dhòmhnaill
Bliadhna breith 1901
Bliadhna bàis 1977

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird nam Murchan

Baile/Àite - Àth Tharracail

Àireamh an neach 6708

Eachdraidh-beatha

Rugadh e anns a' Ghoirtean, Àth Tharracail, agus bha e na gheamair agus na bhàrd. An dèidh dha an sgoil fhàgail nuair a bha e cha mhòr ceithir bliadhn' deug a dh'aois, ghabh Dòmhnall fastadh na ghàirnealair aig Coimisean na Coilltearachd mus d' fhuair e obair a' togail a' phrìomh rathaid tro Àird nam Murchan. Bha cosnadh ràitheil aige cuideachd na ghillie agus lean seo gu bhith na obair làn-ùine aige mar gheamair air grunn oighreachdan. Bha e ag obair air oighreachd a' Mhorair Astor ann an Diùra bho 1931-1943 agus thug an t-eilean buaidh air mòran dhen bhàrdachd aige mu nàdar.

Bha mòran bhàrd am measg Chlann MhicColla a rinn an dachaigh ann an Àird nam Murchan anns na linntean roimhe, agus bha athair Dhòmhnaill, dithis uncail, agus co-dhiù aon bhràthair dha uile ri bàrdachd. Dhèanadh Dòmhnall òrain air iomadh cuspair, leithid gaol, bàs, a' chlann aige, agus tachartasan cudromach anns a' choimhearsnachd. Ge-tà, tha na h-òrain as ainmeile aige a' buntainn ri nàdar, anns an robh e a' bruidhinn air na h-àitichean air an robh e fìor mheasail agus an fhiadh-bheatha a bha ri fhaotainn annta. Tha na tuairisgeulan geur aige làn de bheathaichean leithid luchan, seanganan, faoileagan agus seilleanan, agus iad uile anns an àrainn shònraichte aca fhèin.

Clàr sgrìobhaidhean

Fàgail Cheann Gheàrrloch
Faoin Thàladh