Ciad ainm Aonghas
Cinneadh Fleidsear
Far-ainm Aonghas a' Ghobha
Bliadhna breith 1896
Bliadhna bàis 1982

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Sniothasort

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Siadar

Àireamh an neach 7038

Eachdraidh-beatha

Rugadh Aonghas Fleidsear, Aonghas a' Ghobha, ann an Siadar Ùige an Eilein Sgitheanaich sa bhliadhna 1896. B' e gobha a bha na athair agus dh'ionnsaich Aonghas a' cheàird sin bhuaithe.

Ron Dàrna Cogadh bha Aonghas ag obair air oighreachd ann an Dùn Alasdair airson faisg air deich bliadhna. Bha e pòsta aig tè a mhuinntir Ùige, Anna Ghreumach, agus bha aon nighean aca, Catrìona. Thill an teaghlach air ais dhan eilean goirid mus do thòisich an Dàrna Cogadh agus thog Aonghas taigh ri taobh Abhainn Chonnain, ann an Ùig. Bha Aonghas a' dèanamh bith-beò à diofar sheòrsachan obrach, clachaireachd agus saorsainneachd nam measg. Mar a thuirt e fhèin: "Bhithinn a' togail thaighean, 's ged nach do dh'ionnsaich mi a' cheàird sin cha do thuit gin aca fhathast."

Bha tàlant air leth aige airson òrain eirmseach, èibhinn a bhiodh e fhèin a' seinn. Mar eisimpleir, nuair a ràinig e aois a' pheinnsein fhuair e cuireadh gu partaidh nan seann daoine:

Saoil an tuig sibh mar a bha mi
Nuair a fhuair mi fios na pàrtaidh;
Dùil a'm gur ann òg a bha mi
Ged tha mo chnàmhan làn lumbago.

Mìle beannachd aig a' chòmhlan
Chruinnich iad an seo sinn còmhla;
'M biadh a b' fheàrr ga chur air bòrd dhuinn
Agus ceòl againn ga èisteachd.

Thug iad an seo sinn às gach àite
Ìdrigil, a' Chùil is Eàrlais;
Thug iad ann an seo le càr sinn
Thug iad Santa Claus le fèidh ann.


Rinn e òrain èibhinn air iomadh cuspair eadar coineanaich a bha nan adhbhar doilgheis do chroitearan ann an Òran nan Rabaidean agus each beag bochd ann an Each a' Cheàird. Bha e cuideachd math air sgeulachdan agus naidheachdan innse.

Anns na trì ficheadan ghluais Aonghas à Ùig agus thàinig e a dh'fhuireach dhan taigh a bha aig a' gheata gu Oighreachd Sgeuboist. Cha robh e air a bhith ann uabhasach fada nuair a chaidh faighneachd dha ciamar a bha an t-àite ùr a' còrdadh ris agus air prògram Gàidhlig a' BhBC air 20/09/1979 fhreagair e a' cheist:

"Chan eil cho dona a-nis ach nuair a thàinig mi an toiseach bha dragh agam le beathaichean. Rùdaichean Dùn na Cille, bha iad a' cur dragh orm. Bhiodh iad a' tighinn chun an dorais, 's bhiodh iad a' salach mun doras. Bhiodh iad ag obair air a' chàr. Nam biodh e glan bhiodh iad a' faicinn an ìomhaigh fhèin ann, agus nuair a rachainn às an dèidh, dhèanadh iad mèile is dh'fhalbhadh iad."

Siud na rùdaichean bha cianail
Mhilleadh iad a h-uile sìon ort
Chagainn iad an t-slat-iasgaich
Driamlach 's dubhain Ghallt' air
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

O, mura bi an doras dùinte
'S gur e 'n fhìrinn th' anns a' chùis seo;
Gun tig iad a-staigh 'n rùm
A dh'èisteachd news na wireless.
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

An uair a dh'èireas mi sa mhadainn
Bidh na trì dhiubh anns an doras;
Saoilidh tu air an starsaich
Gur robh agam gamhn' ann.
Rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

Mas e 'n fhìrinn th' anns an stòiridh
Nach eil daoine gabhail còir orr',
Càit an t-saoghal bheil a' chlòimh
A bh' orra 'm braon an t-samhraidh?
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

Ach gu faic mi fhìn an cìobair
Faighnichidh mi a h-uile nì dheth
'N d' fhuair e brath sam bith ag innse
Gun robh trì air chall
Dhe na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

Nuair bhios mi sgiùrsadh nam bèistean
Uaireannan 's mi às mo lèinidh;
Nì iad mèile bheag ri chèile
Mus leum iad thar an alltain
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

Ach ann an Co-operative Ùige
Gu bheil dòigheannan às ùr ann
Dòcha nach bi feum air rùda
'S thig luchd a' Bhùird chuir bann air
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?

'S e mo dhùrachd fhìn am-bliadhna
Cìobair Gallta tighinn dhan iarraidh
Nach cuir tuilleadh chun nan t-sliabh iad
'S gun toir mo liadh an ceann dheth
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?


Ged a b' e rudan beaga anns a' choimhearsnachd anns an robh e bu mhotha a bha a' spreigeadh Aonghais gu òran, cha robh leisg air a dhol an sàs ann an cùisean poilitigeach mar Òran a' Veto nuair a bha deasbad mhòr ann an Sniothasort am bu chòir dha na taighean-seinnse a bhith fosgailte no am bu chòir an dùnadh uile. Nuair a bha aimhreit mun aiseag eadar muinntir Ratharsair agus an t-uachdaran Dotair Green, cha robh Aonghas fada gun a bheachdan a chur an cèill ann an òran:

O gun innis mi dhuibh gu h-ealamh
Mar a thachair dhan a' chùis seo,
Bha Ratharsair ag iarraidh aiseag
Bho chionn fada 's iad ga h-ionndrainn;
Gur e Sgonnsar àite b' fhasa
Dhan an aiseag dhol ga h-ionnsaidh,
Ach thàinig Dotair Uaine à Sasainn
'S chuir e chas ann chun na glùineadh.

'S nuair a thàinig e a Ratharsair
Fhuair e h-uile càil a dh'iarr e,
Taighean agus fearann àlainn
Ged nach do dh'àitich e riamh iad;
'S ann anns a' chladach aig bha 'm bàgh
A bha math gus am bàta dhìon dhaibh
Ach on a thionndaidh e cho grànda
Tha bhròg air a' chois cheàrr am-bliadhna.

Siud agaibh far 'n robh 'n nàbaidh
Rinn e grèim bàis air na crìochan
Fhuair e iasgach bhon Department
Ged a thàrr iad bhuaith' am-bliadhn' e;
Shaoil leis nach robh 'n Council làidir
Ach cha do thuig e tràth na Sgitheanaich
'S on a ghabh e an taobh ceàrr dhiubh
B' fheàrr dha nach tàinig e riamh ann.

Ach bheir an Council dhaibh gun aireachas
Am bàta tha 'd ag iarraidh
Ghabh iad math de lagh na banrigh
A thug dàil dhaibh airson bliadhna.
Airson Dotair na làmh làidir
Gur e rud a b' fheàrr dha dhèanamh
Maitheanas iarraidh mar fhàbhar
'S Dùn Cana chur gu bràth as fhianais.


Chaidh Òrain Aonghais agus an Sgiobair, leabhar agus teip le cuid de na h-òrain aig Aonghas agus cuid de na h-òrain aig a' charaid Iain MacNeacail, An Sgiobair, a dheasachadh agus fhoillseachadh le Catriona NicGumaraid ann an 1980.

Chaochail Aonghas Fleidsear ann an 1982.

Clàr sgrìobhaidhean

Clachan Ghlinn Da Ruaidheil
Òran a' Veto