Ciad ainm Alasdair
Cinneadh Boidhd
Bliadhna breith 1889
Bliadhna bàis 1970

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Clachan Mòr

Àireamh an neach 925

Eachdraidh-beatha

Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dàmhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a b' athair dha, agus b' i Ciorstaidh NicDhòmhnaill, nighean Raghnaill Alasdair, a mhàthair, agus bha dachaigh aca air fearann a h-athar-se. Bho bha e na dhuine òg, bha Alasdair air a chuartachadh le ceòl agus bha e follaiseach gu math tràth gur e pìobaire math a bhiodh ann. Bha a mhàthair math air seinn agus bha i gu h-àraidh math air tàlaidhean. Dh'ionnsaich e mòran bho nàbaidhean cuideachd.

Bha Màiri NicIllFhialain, a bha a' fuireach an ath dhoras dhaibh, sònraichte math air puirt-à-beul agus dh'ionnsaich e òrain aig an robh ceangal ri ceòl mòr bho Anna NicDhòmhnaill, Anna a' Phìobaire, piuthar a mhàthar. Bhiodh ise a' seinn gun lasachadh nuair a bha i a' fighe agus a' fuaigheal. Bha fèill mhòr air aig cuirmean sam bith a bha a' dol. Nuair a bhiodh luadh anns an sgìre bhiodh e daonnan an làthair airson a' phìob a chluiche aig an dannsa a bhiodh ann an dèidh an luaidh. Às aonais gealladh air dannsa, chanadh na caileagan ris an neach leis an robh an clò nach b' urrainn dhaibh a dhol a luadh. Mar sin, bha feum tric air Alasdair agus a' phìob. Bha e na thlachd mhòr dha a bhith ag èisteachd ri Màiri NicAonghais agus Oighrig NicIllFhialain aig na cruinneachaidhean sin, agus chanadh e gur iadsan na seinneadairean a b' fheàrr a chuala e riamh a' gabhail òrain luaidh.

Bha Alasdair anns na Camshronaich anns a' Chogadh Mhòr agus bha an rèisimeid anns an robh e anns an dà bhatal aig Loos, far an deach sgrios a dhèanamh air na saighdearan Breatannach. Bha an 1914 Star, no am Mons Star, mar a chanar rithe, bonn a choisinn saighdearan a bha anns a' Chogadh Mhòr, aige. Theirear gur e fear de dhithis phìobairean Uibhisteach a shàbhail às na Camshronaich. B' e am fear eile am bàrd Dòmhnall Ruadh Phàislig [310], agus nuair a smaoinicheas sinn air an dìleab a dh'fhàg an dithis aca againn, gheibh sinn beagan tuigse air na chailleadh ri linn an sgrios a rinn an dà chogadh mhòr.

Dh'fhàg Alasdair Uibhist mu 1920 agus chaidh e a dh'fhuireach dhan Òban. Bha e ag obair an toiseach aig tuathanach, fear Caimbeul Barron, agus airson ùine mhòr an dèidh sin aig Comhairle a' Bhaile, an sàs gu h-àraidh ann an obair gàirnealaireachd. B' ann an dèidh a dhol dhan Òban a phòs Alasdair Màiri Chuirigh, nighean Dhòmhnaill Iain Dhòmhnaill, 468 Taobh a Deas Loch Baghasdail. Bha triùir cloinne aca - Dòmhnall, Niall agus Ceit.

Tha cuimhne aig a mhac Dòmhnall, nuair a thilleadh e fhèin dhan Oban a dhachaigh athar, 's a thigeadh Alasdair a-steach bho obair, 's gann a bhiodh e air suidhe sìos nuair a bhiodh e a' gabhail òran. Mar bu mhotha bh' annta de cheathramhan b' ann a b' fheàrr a bha iad a' còrdadh ri Alasdair. Bhiodh a bhean, Màiri, a' maoidheadh nuair a bha e am beachd a dhol gu cèilidh nach rachadh ise còmhla ris ma bha e a' dol a sheinn òran le dusan ceathramh no barrachd.

Choisinn e cliù mar fhear-ciùil anns an Òban. Bha e na Mhàidsear Pìoba air còmhlan a' bhaile agus thòisich e còmhlan pìoba airson òigridh. Bha an teaghlach a' fuireach an toiseach aig 17 Airds Crescent agus mu dheireadh aig 21 Sràid Combie.

Bho 1953 agus 1970 chaidh còrr air trì fichead 's a deich de na h-òrain aige a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba. Chlàr am BBC òrain bhuaithe cuideachd.

Chaochail Alasdair ann an Ospadal Dhail an Tairt anns an Òban, air 12 Samhain, 1970, aig aois ceithir fichead agus a h-aon.