Eachdraidh-beatha
Rugadh Uilleam Caimbeul, Willie Teddy, ann am Port nan Giùran anns an Rubha, Leòdhas, air 23 Dùbhlachd, 1937. 'S e bu shine de na triùir ghillean aig Calum Caimbeul agus Seasaidh Anna NicLeòid à Ùig. 'S e Iain agus Ruairidh a thugadh air an dithis eile. Chaidh Uilleam do Bhun-sgoil na h-Àirde agus do Sgoil MhicNeacail agus an dèidh an sgoil fhàgail chaidh e do Cholaiste a' Chaisteil airson comas iùil ionnsachadh. An dèidh crìochnachadh anns a' Chaisteal chaidh e gu muir domhainn ann an 1955, a' siubhal air feadh an t-saoghail aig companaidhean leithid Tate & Lyle, Bàtaichean Barron, Curries à Lìte agus Crawfords à Lunnainn.
Choinnich e ri Seonag NicÌomhair, Joan Sheonaidh Dhonnchaidh Mhòir à Càrlabhagh, aig dannsa air a' Bhac agus phòs iad ann an 1966 agus bha triùir nighean aca - Anna, Caitlin agus Lorraine. Le bhith air falbh aig muir cha robh Uilleam a' faicinn an teaghlaich ach ainneamh, agus ann an 1971 leig e seachad e. Fhuair e obair air Abhainn Chluaidh an uair sin, far an robh e ag obair mar boatman, a' dèiligeadh ris na bàtaichean a bha a' ceangal suas anns na docaichean. Rinn e fhèin agus an teaghlach an dachaigh air White Street ann am Partaig. Fhuair an teaghlach buille chruaidh nuair a chaochail Seonag ann an 1980. Leis cho òg 's bha a' chlann-nighean chuir Uilleam roimhe tilleadh dhachaigh a Leòdhas agus chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri mhàthair anns an Rubha gus an deach a' chlann do Sgoil MhicNeacail. An dèidh sin, bha e a’ fuireach ann an Steòrnabhagh airson a’ chorra de a bheatha.
Rinn e an t-òran Gad Ionndrainn ann an 1981, a’ cur an cèill mar a bha e a’ faireachdainn an dèidh bàs Joan; agus b’ i Christine Primrose a sheinn e an toiseach. Rinn Uilleam iomadh òran eile cuideachd, nam measg Eilean Beag Leòdhais, agus Baile M’ Àraich, a choisinn a’ chiad duais aig farpais Seo Seinn ann an 2004. B’ e Na Rothan-gaoithe aon de na h-òrain mu dheireadh aige, òran a bha mu chuspair connspaideach.
Chaochail Uilleam ann an 2022.
Clàr sgrìobhaidhean
Gad Ionndrainn