Search
Cleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas

Cleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas

Leasan 15 (le bhideo)

An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/39795

1. Tar-sgrìobhadh (pdf)

2. Sgriobt (pdf)

3. Obair (pdf)

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Alasdair Boyd (1889-1970) à Uibhist a Deas a’ bruidhinn ri Calum MacIllEathain (Sgoil Eòlais na h-Alba). Leugh an t-ath-sgrìobhadh a tha an cois a’ bhidio ma tha duilgheadas agad ann a bhith a’ freagairt nan ceistean.

Pàirt a h-Aon

1. Cuin a bhiodh iad a’ cur a’ chuirp anns a’ chiste?

2. Cia mheud spèic a bha anns a’ chrò-leaba?

3. Cuin a bhiodh am pìobaire a’ tòiseachadh air seinn na pìoba?

4. Dè tha e a’ ciallachadh a bhith a’ dol ‘deiseal’?

5. Dè bhiodh a’ tachairt nuair a sguireadh a’ phìob?

6. Dè tha Alasdair ag ràdh mu ainm a’ phuirt, Port Luchd Dhùghaill ’ic Ruairidh?

7. Cuin a chluicheadh Dòmhnall Mac a’ Phì Bas Bualadh nam Ban?

8. Dè bhiodh Nighean Dhòmhnaill Ghlais a’ dèanamh?

9. Dè an duais a fhuair i airson seo a dhèanamh?

Pàirt a Dhà

10. Dè dhèanadh an sluagh nuair a bha a’ chiste ga tarraing?

11. Cò bhiodh aig ceann na ciste?

12. Cò bhiodh a’ leantainn na ciste?

13. Dè bhiodh na mnathan a’ dèanamh nuair a bhiodh iad a’ bristeadh a-mach on ghiùlan?

14. Dè dhèanadh cuideigin nam biodh e anmoch agus a’ tachairt ris an tiodhlacadh?

15. Dè nach dèanadh duine sna sgìrean gus am biodh an tiodhlacadh seachad?

16. Cuin a bhiodh iad a’ gabhail na conail Mhoire?

17. Carson a bha iad ag ùrnaigh agus a’ lasadh nan coinnlean?

18. Càit am biodh na coinnlean gan cur?

19. Dè dhèanadh daoine leis an uisge-choisrigte?

20. Dè bhiodh daoine a’ dèanamh fhad ’s a bha iad a’ caithris?

21. Dè bhiodh cuid de dhaoine ag iarraidh nuair a bha iad fhèin air leabaidh a’ bhàis?

22. Dè chuireadh iad a-steach gu uaighean ùra?

23. An robh e gu diofar dè seòrsa sìde a bh’ ann nuair a rachadh iad air an glùinean aig a’ chladh? Thoir adhbhar airson do bheachd.

24. Dè an cleachdadh mu dheireadh a bhios Calum a’ faighneachd mu dheidhinn ach nach fhaca Alasdair riamh?

b. Ealain

Tha na cleachdaidhean timcheall air a’ bhàs gu math àraid bho chultar gu cultar. A bheil gin de na cleachdaidhean seo anns a’ choimhearsnachd agad fhèin fhathast, no an robh iad aig do shinnsirean? Dèan beagan rannsachaidh air dè bhios a’ tachairt ann an sgìrean Gàidhealach san latha an-diugh mus tèid an corp a chur dhan talamh.

Stuthan Taic

a. Briathrachas

a’ tuiream – a’ caoidh, a’ caoineadh

piocadh – taghadh

crò-leaba – uidheam airson a’ chiste a tharraing (cha robh iad a’ cleachdadh each is cairt sna sgìrean seo)

spèicean – pìosan fiodh, no seòrsa de phòlaichean, airson a’ chiste a tharraing

an t-seann aimsir – na seann làithean

deiseal – a’ dol taobh na grèine, a’ tionndadh dha do làimh dheis (an coimeas ri tuathail – a’ tionndadh gu tuath, dha do làimh chlì)

is cuimhneach leamsa – tha cuimhne agam

tòrraidhean – tiodhlacaidhean

ri linn nan daoine aige – ri linn ginealach no dhà roimhe

cochair – seòrsa de phàigheadh, tiodhlac

mulachag – pìos mòr càise

seinn na pìoba – cluich na pìoba

comhair an casan – na casan aig an toiseach

nòs – cleachdadh

an giùlan – an loidhne de dhaoine a bha a’ dol dhan chladh leis a’ chiste

an cip dhiubh – gun cheap air an cinn (a’ toirt spèis dhan neach mharbh)

a’ cur iarann ann an talamh – a’ cladhach le spaid.

fad finn-fuainneach – uile-gu-lèir, o thùs gu èis

a’ caithris – a’ fuireach air chois fad na h-oidhche

conail Mhoire – a’ chonair, no conair Mhoire, ùrnaigh shònraichte a bhios Caitligich a’ gabhail do Mhoire, màthair Ìosa. ’S e a’ phaidir a chanar ris an t-sreang de ghriogagan a bhios aig mòran Chaitligeach airson na h-ùrnaighean a chuimhneachadh.

dà-reug – meadhan-oidhche, no meadhan-latha: dà uair dheug air a ghiorrachadh

anam – spiorad (tha cuid a’ creidsinn gum mair anam neach an dèidh a’ bhàis)

ceusadh – san t-seagh seo, ìomhaigh de chrois air a bheil Ìosa crochte

cha b’ fhiach e hò-rò – cha bhiodh dad a fheum/luach ann

leadan – ùrnaighean sònraichte airson amannan eadar-dhealaichte a’ caitheamh trì dòrn – a’ caitheamh dòrn de thalamh

ullamh – deiseil

os cionn na h-uaghach – uaigh anns an tuiseal ghinideach

b. Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mionaideach mu chleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas.

Fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn mar a bhathar ag ullachadh airson tiodhlacadh ann an Uibhist a Deas. Bha am pìobaire a’ tòiseachadh nuair a bha an corp a’ dol dhan chiste air latha an tiodhlacaidh. Rachadh iad deiseal daonnan leis a’ chiste. Nuair a sguireadh a’ phìob, thòisicheadh boireannach a’ tuiream. Tha Alasdair ag ainmeachadh puirt pìobaireachd àraidh a bhathar a’ cluich. Iomradh air bean-tuireim san Ìochdar a bha ainmeil. Bhiodh iad ga pàigheadh no a’ toirt rudeigin dhi.

Fiosrachadh mionaideach mu bhith a’ giùlan a’ chuirp. Nuair a bhàsaicheadh duine cha robh obair sam bith air a dhèanamh gus an rachadh a thiodhlacadh. Fiosrachadh mu chaithris agus mu choinnlean san eaglais. Bha coinnlean, ceusadan agus uisge-coisrigte ri taobh a’ chuirp san taigh. Bhiodh daoine ag innse sgeulachdan aig caithris ’s a’ gabhail tì agus dramannan. Uaireannan bhiodh duine sònraichte a’ leughadh Leadan nam marbh. Bhiodh iad a’ gabhail na conail Mhoire aig amannan sònraichte. Chuireadh iad bonn airgid ann an uaigh ùr agus bheannaicheadh an sagart e an uair sin. Bhiodh a h-uile duine air an glùinean nuair a bhiodh a’ chiste ga leigeil sìos.

Fiosrachadh Eile

a. Am Fiosraiche

Rugadh Alasdair Boyd (1889-1970) ann an Sgalaigearraidh agus thogadh e ann an Àird na Mònadh, Uibhist a Deas. B’ e croitear agus pìobaire a bh’ ann. Tha mòran chlàraidhean aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/alasdair_boidhd/ (air fhaotainn anns a’ Ghearran 2021).

b. Ceanglaichean

Cleachdaidhean bàis ann am Muile.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/49678

Aonghas MacEanraig

Fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn cleachdaidhean bàis ann am Muile nuair a bha am fiosraiche òg, le iomradh air caithris, litrichean le fios mun tiodhlacadh, a’ chiste, an tiodhlacadh agus an uaigh.

Cleachdaidhean aig àm bàis ann an Griomasaigh.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/15045

Pàdruig Moireasdan

Ro linn an fhiosraiche, bhite a’ coiseachd fad na slighe chun a’ chladha leis a’ chiste-laighe. Bhite a’ giùlan na ciste air crò-leaba. Às dèidh sin, bha e na fhasan a bhith a’ cleachdadh each is cairt. Às dèidh an tiodhlacaidh, bhite ag ithe bhriosgaidean is càise agus ag òl uisge-beatha. ’S e ‘cosgais’ a bha aca air seo. Fiosrachadh air an taobh a ghabhadh iad chun a’ chladha. Bhiodh daoine a’ sgur a dh’obair gus am biodh an tiodhlacadh deiseil. Còmhradh mu chaithris agus lèine-mhairbh.

Cleachdaidhean ri linn bàis ann an Asainte.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68826

Seòras MacCoinnich

Bha sabaid air tiodhlacaidhean gu math cumanta ri linn athair an fhiosraiche. Bhiodh daoine a’ reic an aon bheathach mairt a bha aca gus uisge-beatha a cheannach airson latha an tiodhlacaidh. Bhathar a’ cumail taigh-faire far am bite ri caithris a’ chuirp fad trì oidhcheannan. Bhite a’ coiseachd chun a’ chladha agus a’ gabhail dhramaichean, bhriosgaidean is càise. Bhiodh fear ann a dh’aon bhàgh gus an cingean a ghiùlan. Bhite cuideachd a’ togail càrn far am bite a’ stad leis a’ ghiùlan air an t-slighe.

Cunntas air cleachdaidhean tiodhlacaidh ann am Barraigh.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/81850

Anna NicNèill

Cunntas air cleachdaidhean tiodhlacaidh ann am Barraigh agus mu bhith a’ dèanamh lèine-mhairbh.

Freagairtean

Tidsearan: cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk gus lethbhreac de na freagairtean airson nan leasanan air fad fhaighinn.

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)