Cailleach Beinn a’ Bhric

Clàr 7

Faclan an Òrain

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Bhric horò, bhric horò

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd

Shiùbhladh i bho ghleann gu gleann

Bho ghleann gu gleann, bho ghleann gu gleann

Shiùbhladh i bho ghleann gu gleann

Dh’fheuchainn cò an gleann a b’ fheàrr

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Bhric horò, bhric horò

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd

B’ annsa leam a’ bhiolair-uain’

A’ bhiolair-uain, a’ bhiolair-uain’

B’ annsa leam a’ bhiolair-uain’

Bhiodh air bruach nam fuaran àrd

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Bhric horò, bhric horò

Cailleach Beinn a’ Bhric horò

Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd

Tha na faclan sgrìobhte bho chlàradh 7391.

PDF le faclan nan òran air fad.