Manaidhean
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
103915
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1982.159.B2
Original Tape ID
Summary
A discussion on supernatural matters such as omens.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - North Uist
Parish - North Uist
Item Location
County - Inverness-shire
Island - North Uist
Parish - North Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Och, uill, tha cuid a rudan ann fhathast, a bheil fhios agad, mar a tha manaidhean 's gnothaichean mar sin, 's taibhsean, 's...
Aonghas MacIllFhialain (AM): Tha. Ach 's e... 's e a bhios mi fhèin a' gabhail iongnadh na bheil a' dol air adhart ann a sheo fhèin anns na h-amannan a tha seo, mar a tha a-muigh ann an Cliatrabhal ann a shineach 's a leithid Alasdair MhicCuithein, nach cualas guth riamh gun cuala e no gun do dh'fhairich e dad a-muigh an sineach.
DE: Cha robh duine a' ràdh riamh gun cuala e sìon...
AM: Cha chuala sinn guth riamh. Cha chuala mise co-dhiù guth riamh mu dheidhinn... mu dheidhinn gun do dh'fhairich iad gnothach sam bith a bhith a' dol air adhart. Bhithinn a' cluinnteil mu dheidhinn manaidhean gun teagamh, ach chan eil fhios a'm, chan eil mi a' toirt mòran creideas dha. Air neo nam biodh a leithid ann, tha e neònach nach cuala cuideigin, nach do dh'fhairich cuideigin rudeigin. Gun teagamh sam bith, mu dheidhinn rud a dh'fhalbh, tha mi cinnteach gur dòcha gum faodadh feadhainn a bhith ann.
DE: A bheil thu a' ciallachadh mar gum b' eadh...
AM: Dham buineadh e, no gun robh a leithid aca 's gum faiceadh iad mu dheidhinn rud a dh'fhalbh. Ach rud nach do thachair, chan eil mise a' smaoineachadh gun robh iad a' faireachdainn sìon dhe na gnothaichean sin, ann a sheo co-dhiù.
DE: Tha e doirbh a thuigsinn ciamar a tha rud nach do thachair, ciamar a tha daoine ga fhaicinn. Ach na dhèidh sin, tha mise a' smaoineachadh gun robh... gun robh rudeigin dhe sin ann co-dhiù.
AM: Ach an rud... an rud... tha... rud a dh'fhalbh, no feadhainn a dh'fhalbh, agus tha e cinnteach gu leòr gum faodadh e a bhith, agus feumaidh gun robh a leithid ann. Feadhainn nach robh aig fois 's bha iad a' tighinn... tilleadh air ais. Tha e neònach.
DE: Ach na dhèidh sin, bha feadhainn ann agus daoine gu math creideasach a chitheadh, can, tiodhlacaidhean mu... mun robh iad ann, nach robh?
AM: Bha. Tha e coltach. Ach tha e neònach gum faiceadh iad, mar gum b' eadh, tiodhlacaidhean mura faiceadh iad rudan eile.
DE: Uill. Uill, tha sin ann cuideachd.
AM: No an e... an robh an aire aca cho mòr air a leithid a rud sineach, gun robh e anns na daoine co-dhiù, agus gum faiceadh iad rudan nach a bha iad rudeigin eòlach air, nach faiceadh iad 's nach fhairicheadh iad rud nach robh iad eòlach air.
DE: Dh'fhaodadh sin a bhith cuideachd.
AM: Mar a tha na h-iongnaidh a tha sineach a-muigh anns a' bheinn an-dràsta ann a shin, an Cliatrabhal, uill, shaoileadh tu gun cluinneadh iad fuaim, no gum faiceadh iad solas no gnothach dhen t-seòrsa sin.
DE: Tha e iongantach, ge-tà, mar a tha an dala h-àite, mar gum b' eadh, tha e coltach gu... Uill, ann an cuid a dh'àiteachan 's dòcha nach fhairicheadh iad dad, ach àiteachan eile... Tha iad a' ràdh deas ann a shin, a bheil fhios agad, far a bheil an gnothach air mullach na beinne ann a shin, nuair a tha thu shìos mu Ghèirinis, gun robh iad a' faireachdainn rudan ann a shin fad... och, bha, ginealaichean nan ginealaichean mun do thachair dad ann.
AM: Seadh.
DE: Sin a tha iad a' ràdh co-dhiù.
AM: Seadh. Chan eil beachd agamsa gun cuala mi duine a dh'fhaicinn no a dh'fhaireachdainn...
DE: Dad a-muigh an seo.
AM: Dad a-muigh an seo.
DE: Aidh. Cha chuala no mise. Cha chuala mi duine riamh...
AM: Ach rud eile, tha e neònach, chanadh iad gun robh feadhainn an t-Hòigearrraidh a chitheadh gnothaichean timcheall air tiodhlacaidhean no a leithid sin.
DE: Tha mi a' smaoineachadh gun robh sin ann.
AM: Ach, ge-tà, carson Hòigearraidh seach àite sam bith eile?
DE: Chan eil fhios a'm.
AM: An ann a chionn 's gun robh e faisg air a' chladh?
DE: Dh'fhaodadh e a bhith. Dh'fhaodadh e a bhith, tha mi cinnteach. Rud eile, tha mi a' smaoineachadh gun robh... gun robh... tha... a leithid seo, gun robh e a' ruith nan teaghlaichean, agus canaidh e... uill... ge brith...
AM: Faodaidh e a bhith.
DE: Ge brith dè rud a th' ann, tha mi a' smaoineachadh gun robh.
AM: Dìreach. Ò, faodaidh e a bhith gun robh e a' ruith nan teaghlaichean. Ach carson a bhiodh e anns an dàrna h-àite nach biodh e anns an àite eile, can, na bu mhotha anns an dàrna h-àite co-dhiù?
DE: 'S dòcha gun teagamh gun robh gnothach aig a' chladh ris a sin, a thoradh ma bha thu a' dol a dh'fhaicinn dad tha mi cinnteach gur ann... 's ann an àite far am bitheadh tiodhlacaidhean no...
AM: 'S ann. Tha sin ceart. Tha sin ceart, far am biodh a leithid a' dol a thachairt.
DE: Agus nach biodh iad a' faicinn... bhiodh iad a' faicinn nan tiodhlacaidhean a' dol sìos rathad Hòigearraidh gun teagamh, nach robh?
AM: Tha e glè choltach. Bhitheadh. Bhitheadh. 'S bhiodh iad uaireigin a' creidsinn, feadhainn, gun robh iad... nam biodh duine a' coiseachd a-muigh air an oidhche air an rathad, gun robh iad a' dol an lùib, mar a chanadh iad, an t-sluaigh.
DE: Bha.
AM: 'S gun robh an duine sin, ged nach fhaiceadh e dad bha e a' faireachdainn gun robh an cudrom a bha seo air, gum feumadh e teannadh gu iomall an rathaid gus faighinn cuidhteas e.
DE: Bha.
AM: 'S bha e a' creidsinn gu dè an rud a bh' ann, 's bha e a' tuigsinn dè an rud a bh' ann.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good