Strì an Fhearainn
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1955.161.B5
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Strì an Fhearainn
Tha cuimhne aig an fhiosraiche air dithis dhaoine a bha an sàs ann a bhith a' feuchainn ris an sluagh a chur a-mach às a' Chòigich. Smaoinich an seumarlan gun glanadh e na daoine a-mach gus frìth fhiadh no talamh chaorach a dhèanamh dheth. Thòisicheadh air gàrradh a thogail - An Gàrradh Ùr. Bha dithis sheumarlan mar mheadhan air seo - Coinneach Ruadh à Ulapul, agus fear à Oighreachd Chromba.
Bha dithis dhaoine à Ulapul aig an robh bàta - Dòmhnall Gòrdan a b' ainm dha aon dhiubh. Bhiodh iadsan ag aiseag an t-seumarlain nuair a rachadh iarraidh orra. Chuala iad fathann air an rud a bha fa-near dha na seumarlain, agus mar sin, thug iad rabhadh dha muinntir na Còigich gun robh na seumarlain a bha seo gu bhith a' tadhal orra air a leithid seo a latha.
Nuair a thàinig na seumarlain is na h-oifigearan air tìr, bha an sluagh a' feitheamh orra agus chuir iad an ruaig orra air ais dha na bàtaichean. Dh'fheuch iad an dàrna h-uair, ach cha deach leotha na bu mhotha.
Bha na boireannaich an sàs san t-sabaid cuideachd. Nuair a chuala Ban-uachdaran Chromba (a bha a' fuireach an Lunnainn) na bha a' gabhail àite san dùthaich aice fhèin, chaidh i air ais dhachaigh gun dàil, is chuir i stad air obair nan seumarlan. Cha deach an còrr dragh a chur air muinntir na Còigich o seo a-mach.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Loch Bhraoin
Baile/Àite - Còigeach
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Murchadh Iain MacIllEathain (MM): Ò, chuala, agus chunna mise le mo dhà shùil fhìn dithis dhaoine, co-dhiù triùir, aig an robh làimh air thoiseach ann dar a dh'fheuch iad ris an sluagh a chur a-mach às a' Chòigeach. Agus tha fada bhon uair sin. Cha b' urrainn dhomh innse dhuibh dè a' bhliadhna a bh' ann, no dè tha faisg air, ach bios e mu cheud bliadhna air ais. Cha robh na croitean fada air an dèanamh suas. Char na croitean a dhèanamh suas anns na... bios mu cheud bliadhna 's còig-deug no sia-deug o chaidh croitean a dhèanamh ann an seo, dar a chaidh an talamh a roinn. Agus tha e coltach ris gun do smuainich an seumarlan gun glanadh e an sluagh a-mach dhe ceann shuas na dùthcha ann an sin – bhon a' Pholl Ghlas, Bad Sgàlaidh, Achd an Inbhir, Achd a' Bhràighe, Achadh Dubhaird 's Cùl na Creige – agus gun dèanadh iad frìth fhiadh dheth, no talamh chaorach. Agus 's e a' chiad rud a shìn iad air dèanamh, shìn iad air togail gàrradh, agus bha an gàrradh a' dol an-àirde dìreach aig an àite a bheil an taigh-sgoile ann an siud, agus their iad fhathast ris an Gàrradh Ùr, 's tha caoban deth air a chasan. Cha robh fios aig an t-sluagh dad dhen a seo ach bha iad a' cluinntinn beagan air ais 's air adhart, 's bha iad ann an imcheist.
'S e an duine eucoireach a bha sin ris... a dh'ainmich mi mar-thà, Coinneach Ruadh, a bha an Ulapul. Bha e na sheumarlan ann an seo. Agus bha seumarlan eile a-bhàn ann am Baile a' Mhuilinn. Sin agaibh Oighreachd Chromba. Bha dithis dhaoine ann an sin aig an robh bàta, agus tha ogha fear aca beò an Ulapul fhathast – ach chan eil cuimhn' agam air ainm an fhir eile – ris an canadh iad Dòmhnall Gòrdan. Agus chunna mi fhìn a mhac, agus chunna mi an t-ogha, agus chunna mi an t-iar-ogha aig Dòmhnall Gòrdan. Tha a mhac 's an t-iar-ogha aige fhathast ann. Agus 's e Dòmhnall Gòrdan agus an duine eile a bha seo, cha chreid mi nach e Coinneach Ruadh a bh' air cuideachd, sin na daoine a bhiodh ag aiseag an t-seumarlain. Agus bios e coltach ris gun tuirt e riutha:
"Bithibh deiseil, a dhaoine," ars esan, "airson a dhol a Chòigeach," ars esan, "a leithid seo a latha."
Bha iad a' cluinntinn faiseachd dhen rud a bha a' dol. Fhuair iad faiseachd. Agus ars an dàrna fear ris an fhear eile:
"Cionnas a bheir sinn rabhadh dha muinntir na Còigich?"
"Thèid mise," arsa fear aca, ars esan, "thèid mi gu leithid seo a dh'fhear air feadh na h-oidhche, ann an Rubha Àird a' Chadail."
Sin agaibh an taobh as... caob de dh'Ulapul.
"Agus thèid esan," ars esan, "gu leithid seo a dh'fhear, duine [?troighreach]. Agus thèid am fear sin," ars esan, "dhan a' Chòigeach agus gheibh muinntir na Còigich fios."
Agus 's e seo a thachair. Agus dar a thàinig na fir leis na h-earraidean, thàinig iad an tìr aig Cùl na Creige, agus bha an sluagh romhpa ann an sin, daoine agus boireannaich, na daoine le aodach bhoireannach, agus pàirt dhe na boireannaich le aodach dhaoine orra. Agus thachair iad riutha mus tàinig iad air tìr... dar a thàinig iad air tìr.
Nise, tha aon chuid dhen eachdaireachd a' cantainn gur ann anns a' chladach a char an cath a chur, ach thuirt duine riumsa aig an robh cuimhn' air – chaochail an duine bho chionn deich bliadhna fichead air ais, no còrr – thuirt e rium gun robh cuimhn' aigesan a bhith na bhrogach beag, a' tional nam putanan a thàinig à còtaichean nam policemen air [?a' chreagan] aig an taigh aca fhèin ann an Cùl na Creige. Agus ma bha sin mar sin, ghabh iad dhaibh gus an do chuir iad a-mach air a' mhuir iad, agus gu na bàtaichean, 's bha e ri chantainn gun robh feadhainn de na policemen nach d' fhuair riamh os a chinn. Char iad dhachaigh gun na... gun na pàipearan a chur orra. Mur fhaigheadh iad na pàipearan air a chur orra, fhios agaibh, pàipearan an t-siorraim, cha dèanadh iad dad orra.
An ceann ùine... bha a-nise freiceadan tron t-àite, 's bha fraoch 's connadh air a chur suas air cnoc an siud 's an seo airson gun d' rachadh teine a chur ris, mar a dhèanadh iad anns na seann làithean, seann làithean nan cogaidhean dubha againn fhìn uaireigin, am measg... am measg nan treubhan. Ach thàinig iad an dàrna turas, agus bha an sluagh romhpa air na h-uile sròn, agus a' dèanamh dheth gun toireadh iad an car às an t-sluagh, thàinig iad timcheall an rubha a chì sibh ann an sin, 's e Rubha an Dùnain, 's thàinig iad air tìr... thàinig iad air tìr aig port ris an can iad Port an Ràth-chamais, aig bonn Achd Ille Bhuidhe a-bhàn bhon taigh-òsta. Agus thachair an sluagh riutha ann an sin. Ruith iad am bàta air a' mhol, na fir, agus char an sluagh an sàs anns a' bhàta 's shìn iad air rannsachdainn. Rug iad air na h-othaichearan, 's shir iad na h-othaichearan, 's cha robh pàipear ri fhaighinn.
'S e a rinn iad, ma-thà, char iad timcheall air a' bhàta, 's dh'fhalbh iad leis a' bhàta a-mach a' bhruthach 's gu dearbh bha i cas, agus an-àird an raon. Agus bha aon duine sgoinneil ann an sin ris an canadh iad Iain Greum. Chaochail e bho chionn còrr 's deich bliadhna fichead air ais agus e ceud bliadhna 's a còig, 's tha an t-ogha aige sa bhaile sa fhathast. Agus char esan an-àirde agus chuir e stiùir air a' bhàta, agus e a' stiùireadh a' bhàta 's càch timcheall oirre, agus ann an dol an-àird an raon bhuail e a dhà shàil air a' bhòrd-chas a bh' ann an deireadh a' bhàta agus chuir am bòrd-char cas... chuir am bòrd-chas car, agus dar a chuir am bòrd-chas car, 's ann a bha na pàipearan air an [?tairginn] aca aig bonn a' bhùird-chas. Fhuair e na pàipearan 's chaidh an leughadh 's chaidh an losgadh. 'S dh'fhalbh na daoine 's cha deach an còrr dragh a chur orra.
Ùine an dèidh sin, a' bhan-uachdaran a bh' againn an uair sin, bha i na Ban-diùc Chataibh, cho cinnteach agus bha i na ban-iarla Chromba. Phòs i Diùc Chataibh. Agus bha i aig fleadh mòr ann an Lunnainn, ùine an dèidh sin, 's fhuair i treòir eòlas ann an sin air boireannach [???] chòmhradh. Dar a fhuair an tè a-mach gur ann ri Ban-uachdaran Chromba:
"Ò," ars ise, "'s ann air an oighreachd agadsa," ars ise, "a tha na boireannaich thapaidh a rinn siud 's a rinn seo 's a rinn an rud eile."
Fhuair, tha fhios agaibh, na pàipearan-naidheachd grèim air. Agus bha mòran air a dhèanamh airson na boireannaich. Uill, ma-tà, cha chuala i facal riamh dheth mu dheidhinn, 's thàinig i dhachaigh gun dàil, 's rinn i rannsachdainn, agus chuir i stad air na h-uile dad dheth, cha robh fios aice dad mu dheidhinn, chuir i stad air na h-uile dad dheth. Obair nan seumarlain.
CM: 'S e Coinneach Ruadh 's iad sin?
MM: Cha b' e... bha Coinneach Ruadh cho dona ris an t-Sàtan fhèin, a rèir an eachdaireachd a fhuair sinn air, ach bha am fear a bha bhos a chinn co-dhiù cho dona ris no nas miosa na e fhèin. Cha robh Coinneach Ruadh ach na sheumarlan anns an earrann sa 's bha e fon duine a bha ann am Baile a' Mhuilinn. Chan eil cuimhn' agam c' ainm a bh' air an duine a bha sin, an e Scottach a bh' ann no nach e, chan eil cuimhn' agam c' ainm a bh' air. Ach cha b' e an Guinneach a bh' ann; tha cuimhn' a'm fhìn air a' Ghuinneach. Agus cha deach an còrr dragh a chur orra. Agus tha na daoine an-diugh, an t-iarmad aig na daoine sin a thug an-àird iad, a sheas an aghaidh nan seumarlain 's a sheas an aghaidh nan earraidean, 's an aghaidh na h-uile dad a bh' ann, tha iad ann an sealbh an talamh sin fhathast. Sealbh an talamh sin fhathast. Ach 's e a' bhochdainn an-diugh nach eil ann ach beagan diubh. Nam biodh uiread de shluagh anns a' Chòigeach an-diugh 's a bha ann an latha sin, cha dèanadh... cha dèanadh na th' ann a thalamh mar buntàta am fear dhaibh.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math