Coirce agus eòrna: dòighean-deasachaidh

Date
Track ID 10532
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.035.A3

Original Tape ID

SA1970.035

Summary

Grain crops and processing.

Oats were grown in rigs every other year. Barley was grown in rigs in the contributor's youth. He can remember a quern being used. Corn was hardened in a pot above the fire. The quern was worked by men in pairs. Information on winnowing and flailing. The contributor has seen flail used. Corn was cut with a sickle. Chaff was not used. He has heard of càbhraich being made, but doesn't remember seeing it.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - South Uist

Parish - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus a-nist, am bi iad a' dèanamh... am biodh iad a' dèanamh coirce anns na... anns na feannagan-taomaidh cuideachd, am bitheadh?

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Bhitheadh, an ath bhliadhna. An ath bhliadhna.

DE: Seadh. Am bi coirce a' fàs aca a-muigh fhathast?

DA: Tha. An coirce mòr, 's e an roinn as motha a tha a' fàs aca a-mach an seothach fhathast, an coirce mòr.

DE: Seadh. Cha bhiodh eòrna a' dol idir, an robh?

DA: Bhitheadh. Ach chan eil mòran dhen eòrna an-diugh, ach bhiodh... bha... ri m' chiad chuimhne 's ann bha an t-eòrna ga chur cuideachd. Bha pìos de dh'eòrna ga chur.

DE: Agus an ann anns an fheannaig a bha an t-eòrna a' dol cuideachd?

DA: 'S ann, anns an ruamhar mar siudach.

DE: Seadh.

DA: 'S e ruamhar a bh' air an eòrna.

DE: 'S e.

DA: 'S e.

DE: Agus an robh iad... an robh iad a' bleith an eòrna ri ur ciad chuimhne?

DA: Tha... tha... tha beachd agam a bhith a' bleith a-staigh againn.

DE: Le brà.

DA: Seadh.

DE: Uill, uill.

DA: Tha cuimhne agam air a sin. Anns an t-seann taigh.

DE: Bhiodh i dìreach aca am meadhan an ùrlair?

DA: Am meadhan an ùrlair shìos mar siudach, an taobh shìos dhen teine. 'S ann anns an t-seann taigh a tha beachd agamsa oirre. Cha robhar a' bleith riamh anns an fhear a thogadh an siud, ach bhathar a' bleith anns an t-seann fhear. 'S tha beachd agam air glè mhath air a bhith a' bleith an taobh shìos dhen... bha an teine mar sineach 's bha iad... an taobh shìos mar siudach agus cuibhrig mòr, fear a chuibhrigean nan leapannan, air an ùrlar.

DE: Seadh, gu dearbh.

DA: Agus rud... anart geal air foidhe... air uachdar sin agus a' bhrà ann a shin.

DE: Uill, uill. Agus bhiodh iad fhèin a' cruadhachadh an eòrna?

DA: Bha iad fhèin a' cruadhachadh an eòrna. A' cruadhachadh an eòrna ann am poitean.

DE: Os cionn an teine?

DA: Air an teine.

DE: Seadh.

DA: Os cionn an teine suas. 'S e teine slabhraidh a bh' ann an uair sin co-dhiù.

DE: Seadh. 'S e. Agus an e boireannaich a bhiodh a' bleith, air neo na fir?

DA: Ò, na fireannaich.

DE: An iad?

DA: Seadh. Bhiodh na boireannaich a' bleith... a' cuideachadh an cuid a dh'àiteachan, ach chan fhaca mise. 'S e fireannaich a chunna mise a' bleith.

DE: Seadh. Agus an e aon... an e aon duine a bhiodh ag obair còmhla air a' bhrà no dithis?

DA: Bha dithis ga... bha fear ga biathadh agus fear eile ga cur mu chuairt.

DE: Seadh. Agus am maide a bha a' falbh aiste, dè cho fad... dè an fhaid a bhiodh ann? An robh... an e maide fada a bh' ann?

DA: Ò, cha robh e... cha robh am maide a bha a' falbh aiste ach mu... mu fhaid sin.

DE: Mu throigh.

DA: Seadh. Mu throigh. Troigh no naoi òirlich. Dhèanadh sin sgonnan innte.

DE: Dhèanadh, dìreach.

DA: Bha. San tè ìochdar. 'S ann anns an tè uachdar a bha... a bha... Bha dà brà ann.

DE: Bha, dìreach.

DA: Anns an tè... an tè uachdar, 's ann aiste a bha an sgonnan a bha seo. Uill, bha sùil anns an tè eile cuideachd.

DE: Bha.

DA: Cnag tarsainn innte ann an seothach, agus bha toll beag cruinn. Cha robh e a' dol troimhpe idir.

DE: Seo anns an tè uachdar?

DA: Anns an tè ìochdar. Cha robh e a' dol troimhpe idir anns an toll.

DE: Seadh.

DA: Agus bha an sgonnan a bha seothach, bha bìdeag a' tighinn a-mach tron tè àrd, tron tè uachdar. Bìdeag a' tighinn a-mach. 'S bha e a' dol dhan toll a bha seothach. Ach cha mhòr, fhios agad... ach cha mhòr nach robh an dà bhrà, fhios agad, a' bualadh na chèile.

DE: Cha mhòr nach robh.

DA: Agus seo a-nist... bhathar a-nist a' cur... bha e a' dol sìos cho fada, fhios agad, seo a-nist a bhathar a' cur a-staigh an t-sìl innte. Tè mar seothach, fhios agad. Bha ise a-nist a' dol leis an t-sìol mar seothach [???] gus an do sgrìobadh na dhà a chèile, 's bha an gràn air a phronnadh...

DE: Bha, dìreach,

DA: Right off.

DE: Bha, dìreach. Agus a-nist am biodh iad... am biodh iad ga chriathradh, no dè bhiodh iad a' dèanamh?

DA: Bhitheadh, bhitheadh, iad ga chriathradh. Bhiodh iad ga chriathradh a-rithist an dèis a' mhin a thoirt às.

DE: 'S bhiodh iad ga chriathradh an toiseach, mus... mus cuireadh iad dhan... mun cruadhaicheadh iad e?

DA: Bhi-... ò, bh-... ò, bhitheadh. Bha iad ga bhualadh. ga spiolgadh, ga... ga bhualadh.

Mòr Johnson (MJ): Ga chàthadh.

DA: Ga chàthadh agus a' toirt... bhiodh iad ga ghearradh le spaidean, a' toirt... a' toirt às a chalg.

DE: Bhitheadh.

DA: A' cur às a' chalg.

DE: A-nist, am biodh iad a' bualadh le sùiste?

DA: Ò, chunna mi bualadh le sùiste. Chunnaic.

DE: Seadh. Seadh.

DA: Chunna mi e.

DE: Agus nuair a bhiodh iad a' buain an eòrna airson na mine a dhèanamh, an ann... an ann ga bhualadh le corran a bhiodh iad, no...?

DA: Corran. Corran.

DE: 'S ciamar a bha iad a' toir an dias dheth an uair sin?

DA: Dè? Ga spioladh le an làmhan.

DE: Seadh. Seadh, dìreach.

DA: Ga spioladh le an làmhan mar seothach, a' breith air mar seothach 's a' toirt dheth nan dias mar seo le an làmhan fad an t-siubhail.

DE: Seadh, dìreach.

DA: Bhathar an uair sin gan cruadhachadh. Bhathar an uair sin gam... gam bleith 's a' toirt às... ga chur às a chèile.

DE: Bha. Agus a-nist, am biodh iad a' dèanamh feum sam bith dhen a' chàth?

DA: Ò, chan eil mi a' smaointinn gun robh [???].

MJ: Bhiodh iad uaireannan ga [???] dha na beothaichean.

DA: Bhiodh iad uaireannan sineach, nam biodh fiach na saothair [???].

DE: Seadh. 'S an cuala sibh iad riamh a' dèanamh rud ris an canadh iad càbhraich?

DA: Ò, chuala, ach chan eil beachd agam gum faca mi i.

DE: Dìreach.

DA: Chan eil cuimhne agam.

DE: Dìreach.

DA: Ach chuala.

DE: Seadh.

DA: Chuala. Chuala mi iad a' dèanamh càbhraich. Bhiodh iad a' dèanamh sin. Bhitheadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good