Òran na Tì
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
107572
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1966.098.A5
Original Tape ID
Summary
A humorous local song in which the composer complains of the effect of the tea shortage on the local community, during the Second World War. Many local people are mentioned.
Item Notes
Faodar an t-òran seo a ghabhail air fonn Mo Dhachaigh.
B' e Lachlainn MacLeòid fear dhe na Muilich a bha nam marsantan ann an Loch Sgioport. B' e Calum fear eile dhiubh. Dhùin a' bhùth mu dheireadh aca, aig ceann-rathaid Stadhlaigearraidh, anns na 1980an.
Airson òran eile mu bhuaidh nan cuibhreannan bìdh an àm a' chogaidh, faic Òran na Rations: clàr 132363 agus clàr 132364.
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Village/Place - Howmore
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Emma Wilson (EW): Òran na Tì.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Shin sibh, ma-thà.
EW: An àm cogaidh, 's nuair a bha an tì uabhasach gann, 's am marsanta an Loch Sgioport, Lachlainn MacLeòid, 's thàinig e an latha a bha seo 's cha robh tì idir aige. Cha robh boireannach ann an Togh Mòr nach robh a' gearan a cinn goirt, 's bha mi fhìn air tè dhiubh. Uill, leis mar a bha mo cheann cho goirt, smaointich mi gum b' fheàrr dhomh duanag òrain a dhèanamh, gun cuireadh e seachad an ùine, 's gum falbhadh tinneas-cinn.
Seo agaibh e, ma-thà:
Seinn hìribh a, hiùraibh a, hùgaibh o hì,
Seo agaibh an obair bheir togail dha m' chridh'
Bi-... 'S e seo agaibh an obair bheir asam mo chlì,
Bhith feitheamh ri Lachlainn, 's nach tig e le tì,
Is claban mo chinn gu sgàineadh.
Bha mise fo mhulad sa mhadainn an-dè,
Ged a thogainn an teine, mo choire gun ghleus,
Poit-tì air an dreasair, 's cha dèanadh i feum,
'S an canastair falamh, gun ghràinnean.
Gum faca mi carbad a' tighinn na deann,
'S thuirt mi ri càch gur e Lachlainn a bh' ann.
Dh'fhalbh mi nam chabhaig chur beannag mum cheann,
'S a' [???] bha gann tighinn làmh rium.
Thuirt Lachlainn gu socair, 's e cromadh a chinn,
"Cha d' fhuair sinne fhathast ach invoice na tì,
'S tha mise cho duilich nach cuidich mi sibh,
Ged tha sibh le cinnt gam chàineadh."
"Ged bheirinn-sa cairteal do dh'Oighrig an t-Saoir,
Fear eile dhan tidsear, 's do Cheiteag Nìll Duinn,
Bhiodh Màiri 's Stineag a' gearan mar-aon,
'S chan e Ealasaid mòran as fheàrr dhomh."
"Nuair thèid mi a Thogh Beag, chan eil m' fhortan nas fheàrr,
Nuair a chruinnicheas iad uile a ghearan mun chàil,
Bheir Teenie dhomh lecture, cho geur ris an t-sàbh,
'S gum b' fheàrr dhomh bhith thall aig na Nàsaich."
Gun toir mi mo bheannachd air Calum MacLeòid,
A thigeadh le rations an [?caitheamh] mo shròin.
'S ma gheibh mi mar 's math leam dhen mharsanta chòir,
Gur fhad bhios e beò le làraidh.
DE: Seadh, glè mhath. Agus, 's ann ri linn a' chogaidh a rinn sibh seo?
EW: 'S ann. Agus siud am fonn air, Seinn hìribh... siud agaibh òran...
DE: Glè mhath.
EW: ...Mo Dhachaigh, sin am fonn aige.
DE: Ò, 's aithne dhomh am fonn, gun teagamh.
EW: Sin agaibh. Gabhaidh am fonn cur air an fhear...

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good