Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 10 September 1997
Àireamh a’ chlàir 10825
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 10.09.1997

Geàrr-chunntas

Tha an Dr Calum Òg MacRath, mar chèiliche na seachdain, a' freagairt cheistean pearsanta.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CMI): 'S ann am Port Rìgh a tha cèiliche na seachdain sa. 'S esan an Dotair Calum Òg MacRath, a thug iomadh bliadhna ri dotaireachd anns an eilean. Tha e còmhla rium. Ciamar a tha thu, a Chaluim?

An Dotair Calum MacRath (CMR): Tha, glè mhath.

CMI: Am faod mi faighneachd... am faod mi ceist phearsanta fhaighneachd dhut?

CMR: Glè mhath.

CMI: Cò às a thàinig Calum Òg?

CMR: Às an eilean, à Caol Àcain. Rugadh mi ann an Caol Àcain.

CMI: Ach carson as e Calum Òg a th' ort? An robh Calum Aosta ann cuideachd?

CMR: Dhà no trì Calum... Caluman aosta ann. Ach bha mo shinn-sheanair, 's e Calum Òg a bh' air.

CMI: Ò, seadh.

CMR: Taobh mo sheanmhar.

CMI: Sin agad e. Uill, gabh mo leisgeil. Bha mi airson siud fhaighneachd.

CMR: Ah uill, 's ann mar sin a thachair. 'S bha... bha bràthair m' athar, 's e Calum a bh' air, 's tha mi a' smaoineachadh gur ann airson a chuir iad...

CMI: 'S tusa Calum Òg. 'S cha do chaill thu an òg a-riamh.

CMR: Uill, tha mi beagan sean a-nis.

CMI: Dè a' chiad chuimhne a th' agad?

CMR: Dè a' chiad chuimhne a th' agam? Tha cuimhn' agam nuair a bha mi glè òg, mar a tha dhà no trì, bha... 's e twin a bh' annam. Chaochail am bràthair agam, ach 's e twin aig an àm sin, agus bha sinn ann am pram àrd, no ann an leabaidh àrd, agus taobhan air, ach a' chiad cuimhne a th' agamsa, bha mi air an ùrlar. Feumaidh gun do thuit mi. Bha mi a' sreap air an leabaidh a bha seo, suas air an taobh, agus feumaidh gun do... chaidh mi... chaidh mi cas mu sheach gu 'n t-ùrlar, agus tha cuimhn' agam a bhith a' coimhead suas air mo bhràthair - bha esan anns a' phram no anns an leabaidh - agus bha e ag èigheach 's a' sgiamhail. Agus thachair seo dìreach ann an tiotan. Dh'fhosgladh an doras 's ruith mo mhàthair agus boireannach eile a-staigh, 's thog iad mi, 's sin uile a tha cuimhn' agam air. Ach 's e... nach robh e neònach, aig an aois cho... tha mi a' smaoineachadh nach robh mi ach a dhà no trì aig an àm, ach tha sin anns an inntinn agam agus anns a' chuimhne agam.

CMI: Sin agad e. Nach eil e àraid, gu dearbha, na rudan a bhios cuimhne aig daoine, agus nuair a bhios sinn a' faicinn leanaban, bidh sinn ag ràdh riutha fhèin... rinn fhìn, och, cha bhi cuimhn' aca air a seo 's cha bhi cuimhn' aca, ach 's ioma rud a tha cuimhne aig daoine òga air.

CMR: Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sinn nar leth-chadal fad ar beatha, agus nach eil a' chuimhne ach ag obair aig... nuair a tha gnothachan cunnartach no iongantach a' tachairt.

CMI: Ò uill.

CMR: Airson a' chuid mhòr dheth, tha sinn dìreach nar cadal.

CMI: Cha chreid mi nach b' fheàrr leam a bhith air leth-chuimhne, a-rèiste. A bheil càil pearsanta agad am broinn an taighe nach dealaicheadh tu ris?

CMR: Uill, tha. Tha uaireadair agam anns an t-seòmar. 'S e uaireadair a fhuair mo phàrantan nuair a phòs iad. Chan eil e... chan e rud cosgail a th' ann, ach tha e a' toirt smaointinn orm air lathaichean a chaidh seachad nuair a chì mi e, agus... agus na lathaichean sona a bh' againn nuair a bha mi òg. Airson sin, tha e... tha e glè... glè... 's e rud a th' ann nach dealaichinn ris.

CMI: 'S a bheil e a' dol fhathast?

CMR: Ò, tha. 'S e tha a' dol math, 's e. Cha mhòr nach eil e ceud bliadhna a dh'aois a-nise, chanainn.

CMI: 'S dè cho tric...

CMR: Tha sin ag innse cho... cho sean 's a tha mise.

CMI: Dè cho tric 's a dh'fheumas tu a bhith ga chur a dhol?

CMR: Dè... dè cho tric...?

CMI: Dè cho tric 's a dh'fheumas tu a bhith ga rothaigeadh, mar a chanas sinne?

CMR: Chuir mi battery ann.

CMI: Ò, tut, tut, tut, tut.

CMR: Aidh, aidh, rinn mi... ach 's e tha a' dol math, agus chan eil fhios aig duine ach mi fhìn gu bheil battery ann.

CMI: Tha a-nis.

CMR: Tha thu ceart an sin.

CMI: Dè an dealbh a th' agad as fheàrr leat?

CMR: Tha dealbh agam. Fhuair mi aig rup e dìreach mu fichead bliadhna air ais. 'S e dealbh Eadailteach a th' ann. Cha tug mi mòran air, ach 's e dealbh glè... math dha-rìribh a th' ann. Dealbh pearsanta dhe nighean òg bhrèagha, agus chan eil fhios a'm... 's e... 's ann à Eadailt a thàinig e, tha mi a' smaoineachadh, agus aig oisinn an dealbh, tha an t-ainm Rosa. Nise, bha aig toiseach an linn seachd-deug ceud, bha duine ann an Eadailt, dealbhadair, agus ainm Salvator Rosa air. Nise, bha esan an-còmhnaidh a' dèanamh dealbhan dhe cogaidhean 's gnothaichean mar sin, ach rinn e dhà no trì dealbhan pearsanta. Tha fear ann an Rome, tha fear ann an Lunnainn, anns a' Ghailearaidh Nàiseanta, 's chunna mi am fear sin, ach chan eil e idir, idir coltach ris an dealbh a th' agamsa. Tha fear eile ann an Ameireaga, ann an Hartford, anns a' ghailearaidh ann an Hartford, agus tha mac agam ann am Boston, 's tha mi seachd sgìth a' cantail ris, 'Thalla suas gu Hartford agus thoir sùil air a... air an dealbh a tha seo gus an chì sinn a bheil e heat coltach ris an dealbh a th' agamsa.' Agus thuirt e, 'Carson nach... carson nach sgrìobh thu fhèin thuca.' Bha mi a' bruidhinn ris an oidhche roimhe 's thuirt e gun tèid e suas cho luath 's a tha latha dheth aige. Ach 's ann mar sin a tha a' chùis an-dràsta.

CMI: Uill. Uill, uill.

CMR: Ò, 's e dealbh brèagha a th' ann.

CMI: 'S a bheil thu... a bheil thu a' smaoineachadh gur e am fear Rosa, gur e dha-rìribh a rinn an dealbh a th' agadsa?

CMR: Uill, 's e Rosa... chan eil fhios agam idir, ach 's e dealbh Eadailteach a th' ann, agus 's e Rosa an aon rud a tha sgrìobhte air an dealbh.

CMI: Uill, mas e... mas e agus gu bheil thu ceart ann an sin, 's e as fhiach tòrr a bharrachd na 's fhiach peinnsean an dotaireachd dhut.

CMR: Ò, suas gu... ò, chan eil fhios a'm. 'S dòcha ceud mìle.

CMI: Seadh?

CMR: Aidh.

CMI: Ò uill.

CMR: Tha mi an dòchas nach goid cuideiginich e.

CMI: Ò, feumaidh sinn cuideigin a chur... a chur gad ionnsaigh aig a bheil eòlas air na rudan sin.

CMR: Ò, feumaidh. Uill, tha mi fhìn a' dèanamh a-mach cho mòr 's as urrainn dhomh, ach 's ann mar sin a tha a' chùis an-dràsta, 's chì sinn dè... dè...

CMI: Sin agad e. Am faod mi faighneachd dè a phàigh thu air?

CMR: Dìreach còrr 's fichead not.

CMI: Sin agad e.

CMR: Aidh, nach eil e neònach. Agus... agus bhuail mi... dìreach cha robh duine eile ga iarraidh ach mi fhìn.

CMI: Sin agad e. A bheil sgil nach eil agad a bu toigh leat ionnsachadh?

CMR: Ò, bhithinn toilichte sgil an fhidheall a bhith agam. Tha cuimhn' agam nuair a bha mi òg a-rithist - bha tòrr a' tachairt nuair a bha mi òg - tha cuimhn' agam seo, bha ceathrar anns an teaghlach, ceathrar bràithrean, agus chan eil fhios a'm carson, ach fhuair aon dhiubh leasanan air a' phiàna, 's fhuair an dithis eile, fhuair iad... thòisich iad leasanan air an fhidheall, ach chan eil fhios agam dè bha ceàrr ormsa, feumaidh nach robh na pàrantan a' smaoineachadh gun robh... gun robh sgil no... uill, sgil cheart no ceòl annam, ach cha d' fhuair mise e, 's bha an fhearg orm aig an àm. Tha cuimhn' agam, thàinig iad dhachaigh aon latha, agus dh'fhàg fear dhiubh dìreach an fhidheall faisg orm, 's fhuair mi grèim air, agus sgrìobh mi m' ainm air cùl an fhidheall le tarrag, ach cha do chuidich sin dhomh [???] [?gheibhinn dèillseag] air a shon.

CMI: Ò uill, 's iongantach man do bhuail i not gu math àrd an latha sin. Uill, uill. Dè bu mhotha a chuir eagal ort a-riamh?

CMR: Tha cuimhn' agam... chan e idir mar gum b' eadh [???], tha cuimhn' agam nuair a bha mi òg, mu ochd bliadhna, anns a' Chaol, Caol Àcain, agus aig an àm sin bha sinn uile, bha tyres againn, cuibhlichean againn, 's bha sinn gam putadh le pìos mhaide, agus fhuair mise tyre, ò, 's e bha brèagha - mòr, leathann - agus bha na balaich eile anns a' bhaile, bha iad airson cuairt fhaighinn dhen an tyre a bh' agam, 's cha robh mi airson sin a dhèanamh idir, ach co-dhiù, an latha seo bha mi aig ceann a' chidhe anns a' Chaol, agus thàinig balach laghach mun cuairt, 's thuirt e:

"Dè mu dheidhinn cuairt bheag dhen an tyre agad fhaighinn?"

'S:

"Ò uill, glè mhath," thuirt mi ris.

Agus thug mi dha e. 'S chaidh mi sìos air a' chidhe, 's bha tòrr a' feitheamh air an aiseag a' tighinn a-staigh, 's bha i air a rathad a-null, agus, och, mu leth-cheud duine ann, chanainn-sa. Ach co-dhiù, bha mise a' seasamh aig oisinn a' chidhe, agus an ath mhionaid, bhuail an tyre mi anns an t-sliasaid, 's chuir e seachad air a' chidhe mi. Agus gu fortanach, bha am muir-làn a-staigh, agus shàbhail sin mi. Cha robh heat ach creagan nuair a bha am muir a-mach - 's e creagan, 's bha iad pìos mòr sìos cuideachd. Ach co-dhiù, cha robh mi riamh anns a' mhuir gu sin, agus bha tòrr ag èigheach 's ag èigheach, 's cha robh mise a' faicinn ach a h-uile rud uaine no gorm, agus bha iad ag èigheach 's a' sgiamhail, ach cha robh duine a' dèanamh heat mu dheidhinn. Ach co-dhiù, thàinig an t-aiseag a-staigh, agus bha duine air an aiseag [???], 's e a shàbhail a' bheatha agam. Ruith e a-null 's leum e a-staigh anns a' mhuir, agus ann am mionaid bha mise air tìr. 'S fhuair esan... fhuair esan presentation air a shon, 's fhuair mise... uill, 's e ministear a bha a' toirt a' phresentation dha, 's ò, bha e crosta riumsa airson... airson tuiteam, 's seasamh cho faisg air oisinn a' chidhe. Sin uile a fhuair mise air a shon. Ach ò, bha mi glè fhaisg air a bhith air mo bhàthadh.

CMI: Dh'ionnsaich thu snàmh bhon uair sin, tha mi cinnteach?

CMR: Ò, beagan. Dh'fhaodainn beagan a dhèanamh. Glè bheag fhathast.

CMI: Seadh. Uill, uill. An do thachair càil dhut a-riamh a mhaslaich gu tur thu?

CMR: Nise, a mhaslaich mi? Tha cuimhn' agam nuair a bha mi na mo dhotair òg, bha againn... ann an Obar Dheathain, bha againn ri cuairt a dhèanamh aig ospadal nan seann daoine aig... ò, bha e a-mach aig oisinn a' bhaile, agus a h-uile... uill, Disathairne, bha aig duine, fear dhe na dotairean òga a dhol a-mach agus cuairt a dhèanamh air na wards an sin. 'S thàinig an t-àm agamsa, 's chaidh mi a-mach... 'S e seòrsa de obair onarach a bh' ann, airson an fheadhainn òg. Agus bha beagan eagal orm cuideachd, a' dol a-mach. Ach co-dhiù, bha iad cianail laghach rium. Bha am matron a' feitheamh rium aig an doras, agus thug i a-staigh mi dhan t-seòmar aice fhèin, 's fhuair mi cupa tì, 's bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a h-uile gnothach, agus às dèidh sin chaidh sinn cuairt na wards, agus, och, suas gu uair a thìde, 's dòcha, uile-gu-lèir, 's nuair a bha sinn deiseil, thàinig i gun an doras, agus dìreach... bha mi a' dol a-mach air an doras 's chunna mi am bodach seo a' seasamh aig oisinn an doras. Thuirt mi ris... ò, aig an àm seo bha mi dìreach na mo fìor chonsultant, agus thuirt mi:

"Ah, nise, tha mi a' faithneachadh an aodainn agad, ach ò, chan eil cuimhn' agam air an ainm."

"A' faithneachadh an aodainn agam?" thuirt e. "Bha mi a' bruidhinn riut air an rathad a-staigh."

'S le sin, thug mise an doras orm cho luath 's a b' urrainn dhomh. Bha mi... chan e mòran a thachair, ach dh'fhàg e dìreach air mo mhaslachadh mi.

CMI: Rudan beaga mar sin.

CMR: Ò, rudan beaga mar sin.

CMI: Dè an t-aithreachas bu mhotha a ghabh thu a-riamh?

CMR: Nach... nach... uill, tha mi an-còmhnaidh ag obair air peantadh mi fhìn. Thòisich mi a' peantadh mu fichead bliadhna air ais, 's tha e duilich, tha mi ga fhaireachadh duilich nach d' fhuair mi ionnsachadh ceart air, agus... agus tha mi a' faighinn... och, 's e rud as toigh leam glè mhòr, a bhith a' peantadh, ach chan eil mi cho math 's a bu chòir dhomh a bhith. Ach 's e an aon rud... uill, mar a tha mi an-dràsta, 's e... tha mi a' peantadh dìreach an eilein agus na Cuiltheann mar as trice. Tha feadhainn a tha mi eòlach, tha iad an-còmhnaidh a' cantail rium:

"Na Cuiltheann à Ealaghol a tha thu a' dèanamh an-diugh?"

Agus greiseag air ais bha mi ann an Dùn Èideann, 's dh'fhòn a' bhean suas, 's:

"Dè tha thu a' dèanamh?"

"Och tha mi dìreach a' sgeidseadh beagan an seo, leam fhìn, agus a' peantadh."

"Dè tha thu a' peantadh? An e an Cuiltheann à Dùn Èideann a tha thu a' dèanamh?"

CMI: Ah, ge-tà, can thusa rithe, 's dòcha ann an ceud gu leth bliadhna gur e mise Rosa... Rosa [???].

CMR: Cò aig a tha brath. Cò aig a tha brath.

CMI: An Cuiltheann. Ò uill, ma tha sealladh brèagha agad, carson a tha thu ag iarraidh a' chòrr ri dhèanamh.

CMR: Ò, 's toigh leam sin, a bhith a' dèanamh sin.

CMI: Nam biodh... nam b' urrainn dhut a bhith air aon òran a sgrìobhadh, dè an t-òran a bhiodh ann?

CMR: Dè an t-òran? 'S toigh leam Moladh Beinn Dobhrain, agus Nach cluinn thu mi mo rìbhinn... mo nighean donn - tha sin glè mhath. Ach chanainn, dòcha, am fear as fheàrr leam uile-gu-lèir, 's e Fuirich a rìbhinn phrìseil phrìseil, fuirich a rìbhinn is dìlse na càch. Agus Gilleabart MacPhàil nach maireann ga sheinn. Òran brèagha. A bheil thu eòlach air?

CMI: Ò tha. Tha mi... bidh iad ga sheinn gu math tric aig mòdan.

CMR: Tha. Ò, 's e òran brèagha a th' ann, 's gu h-àraid nuair a bha esan ga sheinn.

CMI: San dealachadh, ma-thà, a-rèiste. Nam b' urrainn dhut àite chuideigin eile ann an eachdraidh a ghabhail, cò bhiodh ann?

CMR: Cò bhiodh ann, Choinneach? 'S e ceist a tha sin. Dòcha Calum Chille.

CMI: Seadh.

CMR: Chan eil fhios a'm carson. Uill, tha mi an-còmhnaidh a' leughadh suas mu eachdraidh na làithean a chaidh seachad an sin, ach 's e glè bheag a tha fhios againn ceart mu dheidhinn, agus ma robh... ma robh mi na mo Chalum Chille, gheibhinn a-mach tòrr. Ciamar a fhuair e Eilean Ì? An e na Pioctaich no na... chan eil fhios a'm ciamar a fhuair e cho soirbh e nuair a thàinig e a-null. Uill, bhiodh fhios againn air sin. Agus dè rinn e anns a' Ghàidhealtachd. Dè rinn e anns an eileanan. Càite... tha iad a' cantail gun do... thàinig e air tìr air an Eilean Sgitheanach ann an Slèite, ach chan eil sinn cinnteach à sin. 'S dè na eaglaisean a thog e. 'S dè seòrsa duine a bh' ann. Agus dè seòrsa daoine a bh' air an eileanan aig an àm sin. Agus a h-uile gnothach mar sin, bhiodh... bheireadh e cuideachadh mòr dhuinn.

CMI: Uill, bheireadh gu dearbha. Ach gu mì-fhortanach, chan e Calum Cille a th' againn ach Calum Òg an-diugh. Agus a Chaluim, ceud mìle taing dhutsa airson a thighinn a-steach a Phort Rìgh airson beagan cèilidh a dhèanamh orm an t-seachdain sa.

CMR: Glè mhath. Mòran taing.

CMI: Tapadh leatsa gu dearbha. An Dotair Calum MacRath ann an sin. Cèiliche na seachdain.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math