Rannsaich

Boireannach a rinn corp-crèadha air cumadh balach nach pòsad...

Ceann-latha 25 May 1952
Àireamh a’ chlàir 1347
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1952.127.4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1952.127.128

Geàrr-chunntas

Boireannach a rinn corp-crèadha air cumadh balach nach pòsadh a nighean.

Bha boireannach ann a bha airson 's gum biodh a leithid seo a ghille na chliamhainn aice, ach cha robh esan airson an nighean a phòsadh. Rinn am boireannach corp-crèadha - crèadha is fodar air a dhèanamh air cumadh duine, le tàirngean 's prìnichean air an sàthadh a-steach ann. Bha seo air fhàgail ann an sruthan air chor 's gum fàsadh an gille tinn. Ach lorg balach air choreigin an corp-crèadha, agus chuir a mhàthair fon talamh e. Le sin, dh'fhàs an gille na b' fheàrr.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacDhòmhnaill: Bha gille òg tapaidh anns an dùthaich de ghille eireachdail, agus bha boireannach ann an seo agus bha i ro-thoileach gum biodh e na chliamhainn aice. Ach an dèidh sin agus gach mealladh a bha iad a' feuchainn air, cha robh iad a' faotainn a thoirt gu taobh.

Agus smaoinich i leis cho dona 's a ghabh i a' chùis, nach robh i a' dèanadh a' ghnothaich, 's bha i olc na h-inntinn, rinn i corp-crèadha dha. Agus 's e th' ann an seo, crèadh agus fodar ag-... air a dhèanadh a-suas air cumadh duine. Tàirngean agus prìneachan 's a h-uile seòrsa air a chur ann, agus e a chur ann an sruthan. Agus mar a tha an sruthan ga chost, tha na tàirngean a' dol a-staigh, agus mar a tha na tàirngean a' dol a-staigh, tha an duine bochd a tha seo a' fàs euslainteach.

Ach dè bh' agad air ach gun robh gille òg - giullan - a' gabhail a' mhonaidh, 's nach tàinig e air an ru-... air a' chorp-chrèadha.

Cha robh fhios aige dè bh' ann, ach dh'innis e dar a chaidh e dhachaigh an rud iongantach a chunnaic e air cumadh duine anns an t-sruthan.

Smaoinich a mhàthair dè bh' ann. Chuala i mu dheidhinn roimhe - iomradh air - 's chaidh iad an-àirde agus thog iad gu sàmhach, fàilidh e agus chuir iad fon talamh e. Agus nuair a bha e air a chur fon talamh agus nach robh e a' dol a bhith a' cost, dh'fhàsadh an duine a bha seo na b' fheàrr, agus cha robh e tiotadh dar a dh'fhàs e na b' fheàrr, am balach, agus na b' e dè bh' ann, thuig a' chailleach gun deach an corp-crèadha fhaotainn agus gun deach coimhead mun cuairt da. Dar a bha i an dùil gum biodh an gille marbh, 's ann a bha e a' siubhal nan gleann 's nam beann 's nan glac cho làidir 's a bha e riamh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math