Search

Iomradh air fear à Raineach a fhuair biadh bho chailleach gu...

Date 25 May 1952
Track ID 1355
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.9

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

Mention of a Rannoch man's clever wording (quatrain) to get food without asking for it.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill (IM): Thàinig e a-nall à Raineach, fear, agus chaidh a ghràdh ris gum biodh e sona dha nam faigheadh e biadh gun iarraidh; chan fhaodadh e am biadh iarraidh.

Thàinig e air adhart 's cha robh fhios aige dè a dhèanadh e 's chaidh e seachad air taigh 's taigh 's taigh 's taigh, ach mu dheireadh bha an t-acras cho dona air agus thuirt e:

"Feumaidh mi rudeigin a ghràitinn."

Bhuail e aig an doras, 's tha mise a' smaoineachadh gun robh e thall, mar a tha iad a' bruidhinn, mu Achadh na Carra, na b' e cò air a bha e a' dèanadh a chùrsa, agus thuirt e ann an seo 's e a' tighinn a-staigh:

"Chì mi an t-aran a losgadh... Thàinig mi à Raineach 'am thrasgaidh; chì mi an t-aran a' losgadh. Tha seipeinn anns a' mhiùg," thuirt e, "agus dh'òlainn deoch dhen uisge."

Thuig a' chailleach dè bha e ag ràitinn.

"Uill, a laochain, 's math a labhair thu, agus mar sin," thuirt ise, "gheibh thu am pailteas biadh."

Agus fhuair e a bhiadh mar a... mar a... mar a thuig i.

Nach robh e glan, 'ille?

Calum MacIllEathain (CM): Fhuair e am biadh gun iarraidh.

IM: Cha do dh'iarr e idir e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good