Search

Mar a bha am Brusach, Rìgh Raibeart, daonnan air an allaban.

Date 25 May 1952
Track ID 22893
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.125.A1

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

How King Robert the Bruce was often on the run.

One time, when being pursued, King Robert the Bruce rode a horse which had been shod back to front. When the pursuers saw the footprints, they followed them.

Item Subject/Person

Robert the Bruce

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Right ma-thà.

Iain MacDhòmhnaill (IM): Dè th' againn? Dè tha sinn a' dol a ghabhail an toiseach?

CM: Am Brusach agus na cruidhean.

IM: Na cruidhean. Bha am Brusach air an ruaig agus air an allaban, mar bu tric a bha e. 'S e sin Rìgh Raibeart. Cha robh e ach na dhuine òg dar a chaochail e, agus 's e gnothach duilich a bh' ann gun do chaochail e cho luath. Rugadh Brus anns a' bhliadhna dhà-dheug agus... agus ceithir-deug thar an trì fichead - twelve seventy-four - agus chaochail e anns an trì cheud deug agus an naoi thar an fhichead - thirteen twenty-nine. Bha e mar sin leth-cheud bliadhna agus a còig.

Agus bha e air an allaban glè chruaidh agus iad a' cur teann air. Agus thàinig e thun taigh tuathanaich, agus dh'iarr e an t-each air an tuathanach.

"Gheibh thu sin," thuirt e, "'s tu gheibh. Agus thèid mi don cheàrdaich leis cho luath 's a rinn mi riamh," thuirt e, "agus cuiridh mi na cruidhean air an rathad eile air."

'S e sin a rinn e. Agus nuair a thàinig an ruaig agus iad a' faicinn nan luirg air an rathad agus air an talamh, bha iad a' leanachd nan luirg agus an dèidh sin 's e an rathad eile bha am Brus a' dol, leis gun robh na cruidhean air an dèanadh... an tionndanadh an cùl ris a' bheul. Agus fhuair e teicheachd mar sin. Agus dar a fhuair e astar fada gu leòr air falbh bhuapa, chuir e na cruidhean mar bu chòir dhaibh air an ainmhidh a thug air falbh gu grad agus gu luath e à làmhan nan nàimhdean.

Ciamar a tha sin?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good