Search

Fhuair Mi Naidheachd As Ùr

Date November 1965
Track ID 24898
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.104.1

Original Tape ID

SA1965.104

Summary

In this song the poet celebrates the repeal of the laws which forbade the wearing of Highland dress. The Marquis of Graham is praised in the song, as he was largely responsible for their removal from the Statute Book in 1782.

Item Notes

Seven 8-line verses sung. The song was composed by Duncan Bàn MacIntyre.

See:
'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre' (MacLeod) p. 238
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' (MacKenzie) p. 270 (1907 edition)

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Fhuair mi naidheachd as ùr
Tha taitinn ri rùn mo chridh',
Gum faigheamaid fasan na dùthcha
Chleachd sinn an tùs ar tìm;
On tha sinn le glainneachan làn
A' bruidhinn air mànran binn,
'S i deoch-slàinte Mhontròis
A sheasadh a' chòir seo dhuinn.

Chunna mi 'n-diugh an Dùn Èideann
Comann na fèile cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach ar n-èibhnis dhuinn;
Pìob gu loinneil air ghleus
Air soilleireachd rèidh an tuim;
Thug sinn am follais ar n-èideadh,
'S cò a their reubail ruinn?

Deich bliadhna fichead is còrr
Bha casag den chlò m' ar druim;
Fhuair sinn ad agus cleòc
'S cha bhuineadh an seòrs' ud dhuinn;
Bucaill a' dùnadh nam bròg,
'S e 'm barrall bu bhòidhche leinn;
Rinn an droch fhasan a bh' òirnn
Na bodaich de 'r n-òigridh ghrinn.

Mhill e pàirt de 'r cumhachd
On bhlàr gu mullach ar cinn;
Bha sinn cho làn de mhulad
'S gun d' fhàs gach duin' againn tinn;
'S ann a bha 'n càs cho duilich
'S a thàinig uile ri 'r linn,
Nuair a rinn pàrtaidh Lunnainn
Gach àit' is urram thoirt dhinn.

O 's fhada bha 'n onair air chall
Is fasan nan Gall oirnn dlùth,
Còta ruigeadh an t-sàil,
Cha tigeadh e dàicheil dhuinn;
B' èiginn don bhriogais bhith ann,
Nuair chaidh an comannd cho cumhang
'S gun d' rinneadh gach fine na thràill,
'S gach fireannach fhàgail rùisgt'.

Tha sinn a-nis mar as math leinn
'S gur h-àrd ar caraid sa chùirt,
Chuir air na daoin' am fasan
Rinn Pàrlamaid Shasainn thoirt dhiubh;
Beannachd gu bràth don Mharcus
A thagair an-dràst' a' chùis
Fhuair e gach dligheach air ais dhuinn
Le ceartas an Rìgh 's a' chrùin.

Tha sinn an comain an uasail
Choisinn le cruadal cliù;
Chuir e le teòmachd làidir
Faoineiseachd chàich air chùil:
Oighre chinn-chinne nan Greumach
'S iomadh fuil àrd na ghnùis,
'S ann tha Marcus an àigh
Am mac thig an àite 'n Diùc.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good