Search

Fuaim ro bhàs.

Date March 1953
Track ID 2624
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.20.A4

Original Tape ID

SA1953.020

Summary

A noise before a death.

A man nicknamed Morgan from Kneep, Lewis, told the contributor the following story. When newly married, he came home one day to find his pregnant wife very distressed. She had heard a bang, and saw a 'dèile' [plank] shaking as if it had been knocked. He reassured her. The same happened a second time, and Morgan cut up the plank to put in the cattle stall. They had a baby, which soon died. Morgan gave the wood from the plank to the carpenter to make the coffin. When he struck it, the man's wife recognised the sound as being the same sound as she had heard before.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Calum MacIllEathain: Uill, ma-thà, a Chaluim, anns a' bhliadhna naodh ceud deug agus a fichead, dh'fhalbh mise a-null às an Sgarpa gu òrduighean Ùig, mi fhèin agus fear a mhuinntir Ghòbhaig air a bheil Fionnlagh Chaluim. Tha e beò fhathast. Agus ghabh sinn an t-aiseag gu Loch Thamnabhaigh sin ann an eathar iasgaich a bha a' dol a dh'iasgach an sgadain, agus chuir iad air tìr sinn air taobh a tuath an locha agus choisich sinn an oidhche sin agus bha sinn ann am Mangarstaidh. Agus chuir sinn an oidhche seachad cuide ri càirdean ann an sin agus an làrna-mhàireach, Diardaoin, choisich sinn sìos a Cheann Langabhat agus bha sinn anns an t-searmon aig a' mheadhan-latha.

Agus nuair a thàinig sinn a-mach às an t-searmon, choinnich gillean rinn far a' Chnìp agus thug iad dhachaigh sinn. Agus 's e am far-ainm a bh' air an athair Morgan. Duine còir a bh' ann, agus bha sinn glè mhath aca an oidhche sin.

Agus nuair a bha sinn a-staigh cuide riutha tron oidhche, thòisich sinn a' bruidhinn air an dearbh nì seo fhèin - manainnean agus rabhainnean agus rudan dhen t-seòrsa sin. Agus 's ann a thòisich Morgan air dèanamh seanchas dhuinn, agus bha a bhean a-staigh cuide ris, agus thuirt e, goirid an dèidh dhaibh pòsadh, gun tàinig e dhachaigh latha agus gun robh a bhean a-staigh agus i a' caoineadh, agus dh'fhaighneachd e dhith dè bha ceàrr oirre. Agus thuirt i gun robh rud mì-chneasta a chuala i a-staigh; gun cuala i brag agus gun robh dèile de dhuilleag a bha o thaobh gu taobh dhen an taigh aige, gum faca i an dèile sin agus i air chrith, agus gun robh i cinnteach gur e sin a rinn am brag.

Uill, chunnaic e gun do ghabh a bhean dragh agus bha an gnothach na bu duilghe leis a chionn bha iad a' sùileachadh leanabh. Agus a-nise, 's e an rud a rinn e, dh'fhalbh e agus fhuair e cnag fhiodh agus chuir e a' chnag sa crochte le sreangan fon an dèile bho thaobh gu taobh dhen taigh. Dèile a fhuair e air a' chladach, tha fhios agad. Agus nuair a thàinig a bhean a-staigh thuirt e rithe:

"Stad a-nis agus innsidh mi dhut an rud a chuala thu. Seo an rud a chuala thu."

'S bhuail e an dèile gus an do bhuail an dèile air a' chnag agus rinn i brag, agus thuirt e:

"Siud an rud a chuala thu, agus cha robh càil ann ach gun do leum an cat bhàrr an dreasair chun na dèile agus rinn e am brag a bha siud."

"Ò," ars ise, "chan eil fhios nach e."

Ach co-dhiù, bha e a-muigh latha eile agus nuair a thàinig e a-staigh bha a bhean air mhì-dhòigh a-rithist, agus thuirt i gun cuala i an dearbh bhrag agus gun tug i fa-near nach robh cat no nì an còir na dèile, agus gum faca i an dèile a-rithist air chrith nuair a chuala i am brag. Uill, leis an dragh a chuir an rud air fhèin thuirt e:

"Cuiridh mise seo gus nach dèan e an còrr dragh."

Agus thog e an dèile sin a bha e a' tiormachadh agus gheàrr e i agus chuir e an làr a' chruidh i, a' dèanamh àite do thè dhen a' chrodh, agus chàirich e ann an sin i agus thuirt e ris a' bhean aige:

"Cha chuir siud an còrr dragh ort."

Ach co-dhiù, latha dhe na lathaichean, 's ann a chaochail... chaochail... thàinig an leanabh, [?dh'ullaicheadh] an leanabh. Agus chaochail an leanabh agus chaidh e far an robh saor a bha san àite agus dh'iarr e air ciste-laighe bheag a dhèanamh dhan an naoidhean a chaochail, agus an làrna-mhàireach thàinig an saor far an robh e agus thuirt e:

"Tha rud duilich air tachairt domh," ars esan. "Tha fiodh agam dìreach cho math 's a dh'iarradh duine airson an adhbhair, ach tha e a' fairleachdainn orm a thoir gu rathad. Ma chuireas mi tarrag ann, bristidh e, 's ma chuireas mi òrd air no... no locair air, tha mi ga mhilleadh, 's tha e a' pronnadh eadar mo làmhan 's chan eil rian agam air an rud a dh'iarr thu orm a dhèanamh a dhèanamh."

"Stad," arsa Morgan ris, "agus gheibh mise dhut fiodh a nì a' chùis." Agus chaidh... "Chaidh e," ars esan... "Chaidh mi," ars esan, "sìos gu làr a' chruidh agus an t-òrd-ladhrach agam, agus thug mi a' chiad bhuille," ars esan, "do phìos dhen an dèile, gus a chur às àite ann an buathal na bà, agus cho luath agus a bhuail mi an dèile, chuala mi an èigh aig mo bhean shuas aig an teine, agus ruith mi suas agus thuirt mi, 'Dè tha ceàrr?'"

Ars ise: "An cuala thu," ars ise, am brag a bha siud? Siud," ars ise, "am brag a chuala mise dà uair roimhe."

"Ò," ars esan, "na cuireadh siud dragh ort," ars esan. "Tha mi," ars esan, "ag obair shìos air làr na bà agus na cuireadh e eagal sam bith ort. Chan eil ann ach an t-òrd."

"Agus," ars esan, "thug mi am fiodh sin don an t-saor agus chaidh am fiodh sin an altaibh a chèile mar gum biodh e air a dhèanamh airson a' ghnothaich, agus chaidh an leanabh a thiodhlacadh anns an fhiodh a bh' ann an sin."

Agus bha a bhean a-staigh cuide ris agus i a' cur a h-aonta ris ceum air cheum gur ann mar siud a thachair e.

Nis, chan fhaca mise dad den t-seòrsa riamh agus cha chuala, ach de na chunnaic agus de na chuala mi riamh den t-seòrsa, 's ann don an t-seanchas sin bu mhotha a thug mi creideas, a chionn bha an dithis aca le chèile ann agus iad ag aontachadh mun an rud.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good