Search

Dòmhnall Cam, Alasdair na Sàile Giorra, agus an carbad caorach.

Date March 1955
Track ID 29008
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.6.A6(a)

Original Tape ID

SA1955.006

Summary

Dòmhnall Cam, Alasdair na Sàile Giorra, and the sheep's jawbone.

Some devious folk got Dòmhnall Cam drunk and sent him away on a vessel to the mainland along with Alasdair na Sàile Giorra. They were imprisoned in Ullapool, but managed to free themselves by using a sheep's jawbone to saw the door. They walked to Kyleakin. When Dòmhnall Cam got back to Lewis, he went and killed the man who orchestrated his initial banishment.

Item Subject/Person

Dòmhnall Cam; Alasdair na Sàile Giorra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

James Ross (JR): Seadh ma-thà, ciamar a bha sibh ag innse dhomh mu... mu Dhòmhnall Cam?

Ruairidh MacAmhlaigh (RM): Ò bha Dòmhnall Cam... bha Dòmhnall Cam, 's ioma rud a rinn e. Bha e an toiseach... 's e rud a... chuir iad air falbh e à seo cho dona 's a bha e, 's ghabh e an daorach. Chuir iad an daorach air gun fhiosta dha.

JR: Seadh, an robh e dona gu bhith a' gabhail na daoraich?

RM: Ò cha robh. 'S ann a chuir iad an daorach air, le car gus am faigheadh iad air falbh e, e fhèin 's Alasdair na Sàile Giorra. Am beil... An cluinn sinn e?

JR: Ò 's dòcha gun cluinn, 's dòcha... chan eil fhios agam fhathast. A rèir 's mar a chòrdas... ma dh'innseas sibh naidheachd glè mhath dha, tha mi a' smaoineachadh gum bruidhinn e air ais rinn, ach mura bi naidheachd... mura bi naidheachd math chan eil mi a' ràdh gum faigh sinn sìon.

RM: Ach... chan eil... chuir iad air falbh à seo e agus... le car, 's chuir iad an daorach air 's chuir iad dhan t-soitheach e, e fhèin 's Alasdair na Sàile Giorra. Agus chuir iad dhan phrìosan ann an Ulapul e. Agus bha fear a bha pòsta aig a... aig a phiuthar ann an Rànais, bha e mar mhiannd a chur air falbh. Agus ràinig iad Ulapul 's chuir iad dhan a' phrìosan e 's bha e treiseag ann. Ach dh'iarr e an latha sa air a... 's chuir iad a chas ann an ceap, 's chuir iad cas Alasdair na Sàile Giorra ann an ceap iarainn.

Agus dh'iarr e an latha sa air an t-searbhanta aig an diathad, nuair a thigeadh i leis an diathad, carbad caorach a chur thuige. Agus rinn i sin. Agus thòisich e a' sàbhaigeadh an dorais le carbad caorach, le carbad na caorach, gu 'n d' fhuair e làrach a làimh ann. 'S nuair a fhuair e làrach a làimh ann, reub e doras a' phrìosain a-mach às. Mach e fhèin 's Alasdair na Sàile Giorra às.

Dh'fhalbh iad. Ràinig iad Caol Àcain. Mharbh iad mart air a' mhòintich 's choisich e... choisich Dòmhnall Cam ach fhuair Alasdair na Sàile Giorra a chas a-mach às. Agus choisich iad gu 'n do ràinig iad Caol Àcain 's a... agus Dòmhnall Cam 's an ceap... a chas anns a' cheap. Choisich e leis a' cheap ann a shiud, a Chaol Àcain. 'S fhuair iad aiseag ann a shin. Choisich iad à Caol Àcain a-nuas anns an Àth Leathann no ann am Port Rìgh ann a shin. Choisich e a cheàrdach Dhùn Bheagain, dhan an t-seana cheàrdaich. Sin far an do ghearradh dheth i.

JR: Gu dearbha.

RM: Choisich e ann a shiud. Choisich e anns na beannaibh. Nach ann ann a bha an neart.

JR: Gu dearbh, bha.

RM: Ghearradh ann a shiud i. 'S ann a bha Sgitheanach ag ràdh riumsa gun robh i anns an t-seana cheàrdaich gu bho chionn glè ghoirid ann a sheo man a h-eil... [???] bheil i fhathast ann.

JR: Ò gu dearbha.

RM: A' gheimheil anns an robh a' chas aige - ceap iarainn. Agus ghearradh dheth i 's fhuair e clìor e.

JR: Seadh.

RM: Fhuair e à sin... Thachair eathar riutha ann a shin nuair a fhuair iad clìor agus [?fiar] troimhpe agus thug e air Alasdair na Sàile Giorra a h-iomradh a Leòdhas a-nall dhan a' Phàirc. Cha tuirt e facal ri Alasdair gu 'n do chuir e... gu 'n d' fhuair e air tìr 's thuirt e ri Alasdair:

"Tha thu, tha mi cinnteach, a' gabhail iongantas nach do bhruidhinn mi riut," ars esan.

"Ò tha," ars Alasdair.

"Uill," ars esan, "bha mi cho sgìth dhe mo bheatha, agus nam biodh tu air facal a ghràdh rium gun robh cunnart gum marbhainn thu."

Ò thàinig iad air tìr, 's thàinig e a Rànais, àite an robh... thàinig e... choisich e a Rànais. 'S e a' chiad rud a rinn e thoirt na tòrach a-steach thuige - fear a bha... am bodach a bha pòsta aig a phiuthar. Bha e a' dèanamh garadh cùl-chas ann an uachdar an taigh sin - teine am meadhan an làir a bh' ann.

JR: An e sin am bodach?

RM: Sin am bodach. Bha e a' dèanamh garadh cùl-chas.

"Nan tigeadh," ars esan, "a-nis," ars esan, 's e an uachdar an taigh, "nan tigeadh a-nis Dòmhnall Cam 's am bogh... an t-saighead a chur na mo thòin."

Mus... bha e ga èisteachd shìos air feadh an taigh. Mus do leig e facal às a bheul bha i tron a' chridhe aige, tron druim aige. Thuit e marbh ann a shiud.

"Carson," ars ise, "a mharbh thu an duine?"

"Tod," ars esan, "am bodach grànda, salach," ars esan. "Ghabhadh e a chuid dhen a' chrich 's cha togadh e i."

JR: Ò gu dearbha. Agus carson a bha an aimhreit eadar Dòmhnall Cam agus am bodach? An e am bodach fear dhen fheadhainn a chuir an daorach air an toiseach, mus do chuir iad air falbh e?

RM: Ò bha e mar mhiannd a chur air.

JR: Seadh, agus cò bh' ann an Alasdair na Sàile Giorra?

RM: Bha fear MacLeòid eile a bha ga leantainn.

JR: MacLeòid. Seadh.

RM: Thug Alasdair na Sàile Giorra... uill bha an t-sàil goirid air. Thug e a-mach às i ach dh'fhailich airsan a toirt a-mach às. Ach...

JR: Seadh gu dearbha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good