Rannsaich

An triùir phrionnsa a phòs triùir pheathraichean.

Ceann-latha July 1971
Àireamh a’ chlàir 30898
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.101.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.101

Geàrr-chunntas

An triùir phrionnsa a phòs triùir pheathraichean.

Bha triùir mhac aig rìgh, agus bha fear ann aig an robh triùir nighean. Bha a' chlann-nighean airson 's gum pòsadh mic an rìgh iad, agus 's ann mar seo a thachair. Dh'fhàs an tè a b' òige trom, 's bha eud air na peathraichean. Nuair a rugadh an leanabh, 's e na peathraichean a bha a' frithealadh, agus chuir iad cnag mhaide an àite an leanaibh. Air an dàrna turas 's e piseag cait a chuir iad na àite, agus air an treas turas 's e cuilean coin a chleachd iad. Bha an rìgh a' smaoineachadh gun robh rudeigin ceàrr oirre, agus bha e airson a cur gu bàs. Gu fortanach, dh'innis bean-fhiosachd an fhìrinn dhan rìgh.

Chan eil cuimhne aig an fhiosraiche air deireadh na sgeulachd. Chuala e i aig Ailean, mac le bràthair athar, Iain Beag an Èirisgeigh.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT707

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, mar a chuala mise a bh' ann... ach chan eil an sgeulachd uil-... uile idir agam, ach a' bhìdeag a chuala mi dhith, 's ann mar seo a chuala mi i.

'S e fear a bh' ann agus bha triùir nighean aige. Agus bha rìgh anns an àite, air an àite anns an robh iad. Agus bha triùir mhac aig an rìgh seo. Agus bha na h-igheanan cruinn a-sta-... an oidhche ud agus iad còmhla, an triùir aca, agus thuirt an tè bu shine:

"Leabhra," ars ise, "b' fheàrr leam fhìn," ars ise, "gun tigeadh," ars ise, "am fear bu shine," ars ise, "a chlann an rìgh," ars ise, "gam iarraidh airson mo phòsadh."

"An-tà," ars an tè a b' fhaisge dhi, ars ise, "on a tha thusa ag iarraidh," ars ise, "am fear as sine," ars ise, "b' fheàrr leamsa," ars ise, "gun tigeadh am fear as fhaisge air," ars ise, "'s gum pòsadh e mi fhìn," ars ise.

"An-tà," ars an tè òg, ars ise, "on a tha sibh uile gan iarraidh," ars ise, "tha mi fhìn coma," ars ise, "ged a thigeadh am fear òg," ars ise, "gam iarraidh," ars ise.

Ach co-dhiù cha robh air a seothach ach seo fhèin, co-dhiù bha [?sìon] aca 's gus nach robh [???] co-dhiù, ach thàinig am fear bu shine a chlann an rìgh agus phòs e an tè bu shine dhiubh. Agus phòs am fear a b' fhaisge, phòs e an tè eile dhiubh. Agus am fear a b' òige phòs e an nighean a b' òige.

Co-dhiù seothach bha iad air falbh. Dh'fhalbh iad còmhla riutha. 'S bha iad ann... dachaigh aca dhaibh fhèin. Ach cha robh thuar air duine aca... Bha an tè òg, dh'fhàs i trom, agus cha robh thuar air an dithis eile gum biodh sìon aca. Agus bha eud uabhasach ris an tì òg, a chionn ise a bhith trom agus nach robh iad fhèin.

Ach co-dhiù seothach thàinig air an tè òg oir 's gu... gun robh i... dh'fhàs i bochd air a' phàiste. Agus 's e... 's e na peathraichean... peathraichean aice a bha a' frithealadh dhi. Agus rugadh pàiste co-dhiù dhi, agus thug iad leotha am pàiste agus thuirt iad gur e cnag mhaide a bh' aice, agus chuir iad am pàiste am falach, no thiodhlaic iad an àite-falach air choreigin e. Agus chuir... dh'fhaighneachd a h-athair an làrna-mhàireach dhiubh gu dè am pàiste a bh' aice. 'S dh'innis iad dha nach robh ach cnag mhaide.

"Ò dhuine," ars esan, "tha sin... tha sin uabhasach," ars esan.

Ach co-dhiù, dh'fhàs... dh'fhàs i trom a-rithist. Agus air an turas a bha seothach, nuair a... 's e a peathraichean a bh' aice a-rithist. Agus nuair a rugadh am pàiste rinneadh a leithid eile, agus thuirt iad gur e piseag cait a bh' aice. Agus dh'innseadh seo dha h-athair. Agus ò, cha robh a h-athair toilichte idir.

Ach co-dhiù seothach an treas turas dh'fhàs i trom. Agus... tha... nuair a rugadh an seothach am pàiste, bith gu dè am pàiste a bh' ann, cha... cha chuala mise gu dè a' chlann a bh' aice, co-dhiù 's e gille no nighean a bh' ann, ach co-dhiù 's e cuilean coin a bh' ann. Agus an làrna-mhàireach nuair a chunnaic... thàinig a h-athair, dh'fhaighneachd e mu deidhinn agus dh'innis iad gur e seo a bh' ann.

"Ò," ars esan, "chan eil am boireannach," ars esan, "nàdarra," ars esan. "Feumar a losgadh," ars esan, "crìoch a chur oirre," ars esan. "Chan eil i nàdarra idir," ars esan.

Agus 's e seo an rud a bh' ann. Bhathar a' dol ga losgadh.

Ach gu dè thànaig mu chuairt an àite ach bean-fhiosachd. Agus chaidh i rathad taigh a h-athar-se seothach. Agus thugadh [???] air a... air a... Thuirt a' bhean-fhiosachd:

"Chuala mi," ars ise, "gun robh sibh... gun robh sibh a' dol a losgadh na h-ighinn," ars ise, "bean," ars ise, "mhic an rìgh," ars ise.

"Ò tha," ars esan, "tha sin [?air rud] cho math," ars esan. "Chan eil i," ars esan, "nàdarra co-dhiù."

"Gu dè an dòigh," ars ise, "nach eil i nàdarra?"

"Tha," ars esan, "a' chiad turas a bh' aice... a bha i," ars esan, "trom an sin," ars esan, "'s e cnag mhaide a bh' aice," ars esan. "Agus," ars esan, "an dàrna turas," ars esan, "a bha i sineach air pàiste," ars esan, "'s e piseag cait a bh' aice," ars esan. "Agus an treas turas," ars esan, "an-dràsta," ars esan, "'s e cuilean coin a bh' ann," ars esan.

"An-tà," ars ise, "thugainn thusa còmhla riumsa," ars ise, "agus chì mi dhut," ars ise, "a h-uile gin dhiubh sin," ars ise, "far a bheil iad air an cumail," ars ise.

Agus dh'fhalbh an rìgh... chan e, ach a h-athair, dh'fhalbh e còmhla rithe. Agus ràinig i an t-àite anns an robh iadsan a' tiodhlacadh na cloinne. Agus thionndaidh i suas an t-àite agus sheall i dha e.

"Seo a-nis," ars ise, "sin agad," ars ise, "a' chnag mhaide agad," ars ise. "Agus siud agad," ars ise, "a' phiseag chait agad," ars ise, "agus siud an cuilean coin agad," ars ise. "Agus," ars ise, "sin... sin," ars ise, "obraichean," ars ise, "a peathraichean," ars ise. "Eud rithe," ars ise, "nach robh gin... duine aca fhèin," ars ise.

Uill, chan eil fhios agamsa a-nis dè a' chrìoch a chaidh air a... an ceann-crìche a chaidh orra, ach cha deach ise a losgadh co-dhiù. Dè am peanas a thug e air càch air sàillibh an obair a rinn iad air am piuthar, ach cha chuala mise an còrr aige ach siud.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus 's ann aig ur n-athair, 's ann a bha i?

DA: Ò chan ann. Aig Ailean a chuala mi i siud.

DE: Ò, aig Ailean a bha i?

DA: Ailean. Bìdeag a thug e à sgeulachd a bh' aig athair.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math