Obair na ceilpe.
Contributors
Fieldworkers
Date
10 August 1951
Track ID
35319
Part 1
Track Information
Original Track ID
CW0170A.919
Original Tape ID
Summary
Kelp-making.
The kelp industry gave work to people who otherwise had very little, or no income. The rent was paid with the little they received. In May, folk would collect seaweed from the shore using carts and creels. The seaweed was spread out to dry, and then processed in a kiln. The informant gives a detailed description of the kiln and the kelping process.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Canna
Parish - Small Isles
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain Latharna Caimbeul: This is the 10th of August 1951. Mr Duncan MacDonald, Peighinn nan Aoireann, South Uist, is going to tell how kelp was made in the old days.
Donnchadh MacDhòmhnaill: A-nis, mu obair na ceilpe, bha mise mi fhìn rithe a cheart cho math ri duine eile, agus... cha robh an còrr obrach a' dol anns an àm co-dhiù. Agus nuair a thigeadh am bragaire a-null mu Bhealltainn, bha daoine a' falbh chun a' chladaich ga chur air tìr le eich-chliabh, agus le cairtean. Bha an t-àite san dèanadh na h-eich-chliabh feum nach gann leotha, agus far an dèanadh a' chairt feum, far am biodh àite rèidh ciatach, bhathar a' dol ann. Agus a-nis, nuair a bhathar a' cur air tìr na feamann, bhathar ga sgaoileadh, agus nuair a bhiodh i lathaichean sgaoilte, 's an tuireadh ann, bhiodh i airson a tionndadh, bhathar an uair sin ga tionndadh. Bhiodh na bha fòidhpe os a cionn, agus mar bu trice ghabhadh e cur ann an cocannan mòra dìonach am feasgar a bhiodh ann an sin, agus bhiodh i ann an sin an uair sin beagan lathaichean ann an cocannan gus an tigeadh i [?can air ais], a chionn cha bhiodh i buailteach air ceilp cheart a dhèanamh gus an tigeadh i air ais ann an cocannan.
Agus cha bhiodh fhios aig duine an àm tòiseachadh gu dè a bha e a' dol a dh'fhaotainn oirre ann, ach gun robh daoine coma nam biodh am màl aca air a phàigheadh. Ach co-dhiù, nam biodh dad sam bith a bharrachd ann air a' mhàl, gum faigheadh iad e. Cha b' ionnan agus daoine a bha ri ceilp mun deach ciad Achd nan Croitearan a phassadh anns a' bhliadhna ceithir [sic] cheud agus ceithir fichead agus a sia. Ge bith dè a dhèanadh duine an uair sin roimhe sin air ceilp, cha robh e a' dol a dh'fhaighinn ach gum biodh am màl pàighte, ged a bhiodh fiach fichead not eile aige de cheilp a bharrachd air a' mhàl, chan fhaigheadh e sgillinn dheth, ach gum faigheadh e clachan de mhin-chorca ann an taigh a' mhaoir.
Agus math dh'fhaodte nuair a rachadh tu ga iarraidh a thaigh a' mhaoir, gun stiùirt' thu ri poca a bha a bheul fosgailte agus nach robh ach muc an dèidh falbh às an dèis a leòr ithe às. Ach cha robh do bheul agad ri fhosgladh, ach gabhail ris mar a gheibheadh tu. Ach co dhiù, chaidh sin seachad, agus ri linn an Achd, tha fhios agaibh, thàinig cùisean beagan na b' fheàrr, agus leanadh air a' cheilp, agus ge bith dè a dhèanadh duine a bharrachd air a mhàl, bha e ga fhaotainn. Agus cha bhiodh an aon phrìs air a shon sin aig dithis idir, ach diofar prìs a bhiodh ann, agus... gu ruige agus ged a bhiodh dithis ann a b' àirde ag obair mar a bha, agus a' losgadh anns an aon àthaidh-cheilpe còmhla, nuair a bheireadh iad a' cheilp às an àthaidh, agus cnap mu seach aca ga roinn dhith, bhiodh diofar prìs aca.
Agus a-nist, nuair a bha an fheamainn tioram aca, bha iad an uair sin... dh'fheumadh iad a losgadh, agus bha iad a' togail àtha, iad a' togail dà bhalla mu throigh gu leth o chèile, agus a' dùnadh an dàrna ceann... an dà cheann eatorra. Agus bha iad an uair sin... [???] iad a' dol a losgadh, chuireadh iad... sgaoileadh iad sop [???] no connlaich o cheann gu ceann anns an àthaidh sin, agus ghabhadh iad aig taobh an fhasgaidh dhith cuideachd mun dèanadh iad a losgadh le feamainn fhliuch, a bheireadh iad às a' chladach, airson gum biodh a' cheilp blàth ciatach na broinn agus nach reòthadh i, a chionn nan reòthadh a' cheilp, cha bhiodh ann ach cnapan geala aotrom.
Agus nuair a bha iad an uair sin a' cur teine ris a' chonnlaich anns an spot uaireannan a-nist bha iad a' teannadh ri an fheamainn a shadadh air na ballachan thall agus a-bhos air gach taobh, agus bha an lasag a' faighinn grèim oirre, agus bhiodh an fheamainn a' gabhail. Agus bha duine daonnan aig an àthaidh, agus bha duine eile a' tarraing na feamann ga ionnsaigh. Agus nam biodh duine ann a bha leis fhèin, dh'fheumadh e an fheamainn a tharraing chun na h-àtha, mun tòisicheadh e ri losgadh. Ach far an robh dithis, dh'fhaodadh iad tòiseachadh nuair a thàirneadh iad glè bheag chun na h-àtha, agus bhiodh fear a' losgadh, agus bhiodh fear eile a' tarraing na feamann.
Agus a-nis, nuair a bhiodh an àth deagh ghreis dhen latha a' losgadh, bhathar an uair sin a' sgrathadh taobh an fhuaraidh dhith air chòir agus gum biodh a' cheilp air a cumail blàth, agus nach reòthadh i. Agus an sin feasgar, a rèir agus na bhiodh a dhaoine a' losgadh, ceathrar no chòigear, gum biodh àth aig a h-uile fear dhiubh anns an [?leth-oir] bha an t-àm aig feareigin aca an àth a leigeil sìos, a chionn dh'fheumadh iad frithealadh air a chèile airson ceilpe nan àthannan. Agus leigeadh a-nist feareigin aca sìos an àth, agus bheireadh e greis air a bruich, nam biodh i airson a ceilpeadh. Agus nuair a dh'aithnicheadh e an uair sin gun robh i airson a ceilpeadh, bha muinntir nan àthannan eile a' tighinn ga ionnsaigh, agus bha iad a' faighinn nan iarainn-cheilpidh. Agus 's e iarann a bh' ann an sineach, bhiodh aon cheithir troighean anns an iarann, agus pliùchd air an dàrna ceann dheth... lùbte. Agus air a' cheann eile bha [?osan] air, agus bha cas-mhaide ga cur sìos anns an [?osan] a bh' ann a shin agus bhiodh aon cheithir troighean innte fhèin, air chor agus gum biodh do làmhan sàbhailte, gun an teas ga ruighinn nuair a bhiodh tu a' ceilpeadh na h-àtha.
Agus a-nist, nuair a bha an àth a' bruich, bha e a' tòiseachadh leis na h-iarainn a bh' ann an seo, agus... Bhiodh trì iarainn daonnan a' ceilpeadh a h-uile h-àtha. Agus sa chiad tòiseachadh, bha iad a' tarraing thuca na ceilpe a-nuas leis a' phliùchd a bh' air an iarann-cheilpidh, ga shadadh sìos bhuapa agus ga shlaodadh a-nuas... slaodadh a-nuas na ceilpe gan ionnsaigh. Agus bha an uair sin duine sgiobalta air choreigin a' toirt thuige spaid agus a' dol sìos a cheann eile na h-àtha agus a' sgioblachadh a-nuas leis an spaid gus am biodh dìreach a' cheilp air a teannadh a-nuas aon dà throigh on cheann a b' fhaide air falbh dhen àthaidh bhuapa. Agus nuair a bha, bhathar an uair sin a' cur sgrath tarsainn anns an àthaidh rithe, agus clachan ri a cùl.
Agus bhathar an uair sin a' teannadh ri ceilpeadh na h-àtha. Agus 's e an reusan a bh' aca air a' cheilp a thoirt gu dàrna ceann gum biodh... [???] ceilpeadh a-màireach gum biodh e tiugh. Agus bhathar ag obair air a h-obrachadh an uair sin leis na h-iarainn, air ais agus air aghaidh, agus bhiodh i uaireannan... àthannan ann a bhiodh a' cheilp cho tana innte ri poit-bhrochain. Agus iomadach uair a dh'fheumadh na... an fheadhainn a bha ag obair leis na h-iarainn, na h-iarrainn a thogail às an àthaidh agus an cur treis air fuarachadh a-mach, mar a chanadh iad fhèin a' toirt faothachadh dhaibh, mun leaghadh iad.
Agus nuair a bha an àth sin air a ceilpeadh aca, bhathar an uair sin a' sadadh a-staigh air a h-uachdar deagh thòrr de thodhar fliuch a bhiodh ri taobh na h-àtha a' feitheamh gus an rachadh sin a dhèanamh. Agus bhathar an uair sin ga fhàgail sin ann a shin an oidhche sin. Agus san spot a [???] leis bhathar a' falbh gu àth eile, agus o àthaidh gu àthaidh gus am biodh a h-uile h-àth a bh' ann air a ceilpeadh. Agus nuair a bha, bha obair latha seachad.
Agus bha iad a-nis a' falbh dhachaigh an uair sin, agus 's dòcha an làrna-mhàireach no an-earar, gun gabhadh a' cheilp a bh' ann a shin togail. Co-dhiù 's e a' chiad rud a dhèanadh iad nuair a thigeadh iad chun na h-àtha, bheireadh iad bhuaipe am balla on dàrna taobh agus leigte a' ghaoth ga h-ionnsaigh. Agus nuair a bheireadh iad bhuaithe am balla, bha a' cheilp ann a shin an uair sin ri faicinn na cnap mòr brèagha tiugh, mar gum biodh dìreach cnap deighe. Agus dh'fheumadh duine òrd air neo clach gus a bristeadh na cnapan. Agus dh'fheumadh duine [???] fhaighinn agus clach a chur fo shàil agus a' dùsgadh a' chnaip a bh' ann a shin, 's nuair a gheibheadh tu clach a-staigh fon chnap ceilpe an uair sin, bha thu a' faighinn an uair sin òrd agus ga bualadh air uachdar agus ga bristeadh. Agus o chnap gu cnap chuibhleadh tu a-mach às an àthaidh e agus chuireadh tu ann an tòrr a-muigh e, agus sgrathadh tu suas e mum faigheadh uisge ga ionnsaigh.
Agus bha thu ag obair air a sin a' losgadh a h-uile latha fhad 's a bhiodh feamainn agad a loisgeadh tu, agus fhad 's a bhiodh feamainn anns a' chladach a chuireadh tu air tìr, nuair a gheibheadh tu tuireadh gus a tiormachadh, agus bhiodh an tòrr ceilpe a' sìor fhàs mòr.
Agus an sin, gheibheadh tu brath gun robh saothach na ceilpe air tighinn, agus gum... feumaidh tu a cur a-mach. A-nis, bha thu a-nis a' teannadh ris a' cheilp a chur a-mach air mìltean de dh'astar le cairt, agus 's ann nuair a ruigeadh tu a-mach an uair sin an cidhe leatha, 's ann a bhathar ga tomhas dhut. Agus mura robh cairt agad fhèin a chuireadh air an astar sin i, dh'fheumadh tu cairt fhaotainn o dhuine eile, agus pàigheadh air a son. Agus... an dèidh sin, cha robh cinnt fon ghrèin agad air dè gheibheadh tu air sàillibh do shaothrach. Ach co-dhiù gun robh thu cinnteach gum biodh am màl pàighte agad, agus ge air bith dè an còrr a bhiodh ann, gum faigheadh tu e.
Agus... tha an cothrom mòr nas fheàrr an-diugh aig daoine air a sin. Tha buidheann eile an-diugh ann le seilbh air a' chladach, agus mun dèan thu car air a' chladach dhaibh, air stamh no air feamainn, tha iad ag innse dhut dè gheibh thu air a son, agus mura bheil thu riaraichte, chan eil agad ach fuireach cuidhteas e. Agus nuair a chuireas tu air tìr air a' chladach na staimh dhaibh, agus a chuireas tu gàradh fòdhpa, gheibh thu pàigheadh airson a h-uile slat gàraidh a nì thu. Agus a bharrachd air a sin, tha iad fhèin ga togail air falbh far a' chladaich. Chan eil agad ri dhol air astar fon ghrèin no rid mheur a chur oirre. Agus mar sin tha mi a' faicinn a' chothruim fada, fada nas fheàrr an-diugh air a h-uile dòigh aig a' bhuidheann a th' ann an seothach, na bha nuair a bha... rim linn-sa, nuair a bha mi fhìn agus feadhainn eile ag obair oirre, agus mar sin tha an cothrom fada, fada nas fheàrr an-diugh.

Source Type
Wire
Audio Quality
Good