Search

Murachan agus Marachan a' buain ùbhlan.

Date 1953
Track ID 3623
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.73.2

Original Tape ID

SA1953.073

Summary

Murachan and Marachan picking apples.

Murachan and Marachan went to pick apples. Murachan went up the tree and knocked them down to Marachan, who subsequently ate all of them. Murachan went off to get a stick with which to beat Marachan, but he had many tasks to perform before getting the opportunity.

Item Notes

A Formula Tale. Heard from the contributor's father.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT2030

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh a' dol a ràdh gun robh sgeulachd agaibh, Murachan 's Marachan. Chan eil agaibh dìreach ach... dìreach ach a chumail mar sin agus bruidhinn.

Eairdsidh Camshron (EC): Bheil sin teann gu leòr?

CM: Seadh, mar seo. Mar sin, dìreach.

EC: Uill, uill, a bheil sibh deas?

CM: Tha, tha. Tha e deas. Tha. Chan eagal da, chan eagal da. Seadh.

EC: Uill bha siud fear ris an abradh iad Murachan, agus Marachan, 's chaidh iad a bhuain ùbhlan. Agus dar a ràinig iad a' chraobh-ubhail chaidh Murachan suas don chraoibh 's bha e a' leagail a-nuas nan ubhal. 'S dar a thàinig Murachan a-nuas cha robh ubhal ri fhaotainn nach do dh'ith Marachan. 'S dh'fhalbh e a dh'iarraidh slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe a chuid ùbhlan. 'S ràinig e an t-slat.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-slat.

"Slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-slat, "gus am faigh thu tuagh a bhuaineadh mi."

'S ràinig e an tuagh. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars an tuagh.

"Tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an tuagh, "gus am faigh thu clach a bhleitheas mi."

Ràinig e a' chlach. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars a' chlach.

"Clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars a' chlach, "gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi."

Ràinig e an t-uisge.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-uisge.

"Uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-uisge, "gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi."

Ràinig e fiadh. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars am fiadh.

"Fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-uisge, "gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi."

Ràinig e fiadh. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars am fiadh.

"Fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars am fiadh, "gus am faigh thu cù a ruitheas mi."

Ràinig e an cù. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars an cù.

"Cù a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air... ghabhail air... ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an cù, "gus am faigh thu ìm a thèid ri m' ladhran."

Ràinig e... ràinig e an t-ìm. 'S:

"Cà 'il thu a' dol," ars an t-ìm.

"Ìm ri gadhar, gadhar ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-ìm, "gus am faigh thu luch a sgrìobas mi."

Ràinig e an luch. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars an luch.

"Luch a sgrìobadh ìm, ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-ìm, "gus am faigh thu luch a sgrìobas mi."

Ràinig e an luch. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?" ars an luch.

"Luch a sgrìobadh ìm, ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," thuirt an luch, "gus am faigh cat a ruitheas mi."

Ràinig e an cat.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an cat.

"Cat a ruitheadh luch, luch a sgrìobadh ìm, ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars an cat, "gus am faigh thu deur bainne bhon bhò ud thall."

Ràinig e a' bhò.

"Cà 'il thu a' dol?" ars a' bhò.

"Deur bainne a dh'ionnsaigh a' chait, cat a ruitheadh luch, luch a sgrìobadh ìm, ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu mise," ars a... "chan fhaigh thu bhuamsa bainne gus am faigh thu deannag bhon ghille-shabhail ud thall."

Ràinig e an gille-sabhail, 's dh'fhaighneachd an gille-sabhail:

"Càit... dè... dè tha... cà 'il thu a' dol? Dè tha thu ag iarraidh?"

"Deannag a dh'ionnsaigh a' ghille-shabhail... deannag a dh'ionnsaigh a' mhairt, deuran a dh'ionnsaigh a' chait, cat a ruitheadh luch, luch a sgrìobadh ìm, ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Chan fhaigh thu deannag bhuamsa," thuirt an gille-sabhail, "gus am faigh thu bonnach o bhean an taigh mhòir ud thall."

Ràinig e bean an taigh mhòir. 'S:

"Cà 'il thu a' dol?"

"Bonnach a dh'ionnsaigh a' ghille-shabhail, 's deannag a dh'ionnsaigh a' mhairt, deuran a dh'ionnsaigh a' chait, cat a ruigheadh luch, luch a sgrìobadh an t-ìm, an t-ìm ri gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a dhol mu chloich, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuain slat, slat a ghabhail air Ailean Marachan 's e ag ithe mo chuid ùbhlan."

"Uill chan fhaigh thu bonnach bhuamsa," thuirt bean an taigh mhòir, "gus an toireadh tu trì làn a chlèibh ud de dh'uisge."

Thug e leis an cliabh 's chaidh e a-mach 's bha e a' cur uisge sa chliabh 's bha an cliabh a' call 's cha ghleidheadh e boinne.

Thàinig an sin feannag tarsainn os a chionn.

"Cuir còinneach ris, cuir còinneach ris, cuir còinneach ris," thuirt an fheannag.

Bha e a' cur na còinneach ris 's bha an cliabh cho aoidionach 's a bha e roimhe.

Thàinig an sin clamhan - buzzard.

"Cuir crèadh ruadh rodaidh ris, cuir crèadh ruadh rodaidh ris, cuir crèadh ruadh rodaidh ris," thuirt an clamhan.

Fhuair e crèadh ruadh rodaidh 's dhreas e an cliabh a-suas 's rinn e dìonach e 's thug e a-staigh trì làn a chlèibh de dh'uisge do bhean an taigh mhòir. 'S fhuair e an sin bonnach a dh'ionnsaigh a' ghille-shabhail, 's fhuair e deannag a dh'ionnsaigh a' mhairt, 's fhuair e deur on mhart a dh'ionnsaigh a' chait, 's fhuair e an cat a ruith an luch, 's fhuair an luch a sgrìob an t-ìm, 's fhuair e an t-ìm a chaidh ri ladhran a' choin, 's fhuair e an cù a ruith am fiadh, 's fhuair e am fiadh a shnàimh an t-uisge, 's fhuair e an t-uisge a chaidh mu chloich, 's fhuair e a' chlach a bhleith an tuagh, 's fhuair e an tuagh a bhuain an t-slat, 's fhuair e an t-slat 's rug e air Marachan 's thug e an craiceann deth bho mhullach a chinn gu bonn a chois.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good