Search

Ailean na Biodaig a' fàisneachadh nach fhuiricheadh am bàill...

Date 20 May 1953
Track ID 3755
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.084.5

Original Tape ID

SA1953.084

Summary

Ailean na Biodaig foreseeing that the bailiff would never enter the house he was building.

People were hauling stones to build a house for the bailiff. Ailean na Biodaig had stopped early and had gone home to look after his sick wife. Everyone gave him a stone, thinking no one would notice, but the bailiff sent him back for more. He brought another load and promised that the bailiff would never enter the house. The bailiff became very ill, but was carried to the house to prove Ailean wrong. He died before he got inside.

Item Subject/Person

Ailean na Biodaig

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Seadh ma-thà, bha sibh ag ràdh mu dheidhinn am fear... am fear seo ris an canadh iad Ailean na Biodaig. Seadh.

Eachann MacIllEathain: Dìreach... an tòisich mise... innsidh mi? Bha anns an dùthaich seo o chionn mòran bhliadhnachan air ais fear ris an abair iad Ailean na Biodaig. B' e an t-ainm... an t-ainm anns an cuireadh Ailean MacIllEathain e. Agus bha iad a' tarraing chlach a dh'ionnsaigh Taigh an Eilein. Sin far a bheil bàillidhean na dùthcha seo a' fuireach gus an latha an-diugh. Agus roimhe sin 's e an t-ainm a bh' air a' chaisteal nuair a bha e aig feadhainn Dhubhaird.

Nach... a bheil sin ceart? Chan eil... chan eil [???] a' bruidhinn idir.

Agus bha iad... dè ach bha iad a' tarraing chlach le càrn.

Gu dè a' Bheurla a bhios air càrn? Càrn.

Bha iad a' tarraing chlach agus bha e coltach gun robh an duine bochd, gun robh a' bhean aige agus teaghlach mòr anns an taigh. Agus dè ach cha robh i gu math an latha seo. Agus bha e a-null mu mhìle gu leth seachad air Taigh an Eilein ann an àite [???] a-staigh an eilein, agus thug na daoine eile, agus iad a' tilleadh air a' chiad chuairt, clach an t-aon dha agus thuirt iad ris gum b' fheàrr dha tilleadh agus nach smaointicheadh duine dad dheth.

Agus siud a rinn iad. Agus nuair a bha iad a' tilleadh feasgar, air a' chuairt mu dheireadh, thuirt am bàillidh a bh' ann aig an àm ris gun robh aige ri tilleadh uair eile, gum faca e dè rinn iad.

"Rinn sinn sin agus bha sin mar sin. Tillidh mise agus bheir mi lòd eile thugaibh. Ach chan i leisg a chùm air m' ais mi idir no innleachdan no nì sam bith eile."

Ach co-dhiù, dh'fhalbh e agus thill e agus chop e na... chuir e a-mach air an làr na clachan aig Taigh an Eilein agus thuirt e ris a' bhàillidh:

"Siud agad iad a-nist a laochain, a h-uile clach dhiubh, agus rinn mise a h-uile rud a bha thu ag ràitinn. Thill mi, agus thug iad dhomh clach an t-aon, ach chan e leisg no innleachd no nì sam bith a chùm mise air [?roinneadh], ach bha a' bhean agam tinn agus teaghlach beag a-staigh agam. Agus cuimhnich," ars esan, "cha sèid thusa do shròn a-staigh fo bhallachan an taighe gu bràth."

Agus dè ach thàinig tinneas trom air a' bhàillidh agus... agus airson an duine a dhèanadh breugach dìreach, thuirt iad ris... thuirt e ris... thuirt e riutha, ris an luchd-frithealaidh a bh' aige mun cuairt, a thoirt a-staigh. Agus dè ach chuir iad air [?float] e agus bha iad ga ghiùlan a-staigh, agus bhàsaich e mun do ràinig iad àite anns an taigh, agus cha do shèid e a shròn riamh ann.

Sin agaibh a-nist i.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good