Nighean dìolain MhicMhuirich

Date
Track ID 38416
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.068.A3

Original Tape ID

SA1963.068

Summary

MacMhuirich's illegitimate daughter.

MacMhuirich had an illegitimate daughter and had her brought back to Stilligarry. He doubted if she was his daughter until he heard her composing a verse.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - South Uist

Parish - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Shin sibh, ma-thà.

Màiri Anna NicAonghais (MA): Cha robh ach gun robh pàiste aig MacMhuirich [???] am Beinn a' Bhadhla. Agus nuair a bha an t-àm aig a' phàiste a bhreith... a bhiodh e air a bhreith co-dhiù, thuirt e ri a phiuthar:

"Dh'fhàg mi," ars esan, "rud ann am Beinn a' Bhadhla," ars esan, "o chionn treise, agus nam biodh tu cho math," ars esan, "agus gun rachadh tu ga iarraidh."

Cha tug e an còrr fiosachd dha phiuthar no sìon ach gun do dh'fhalbh a phiuthar, 's dh'innis e dhi an taigh dhan rachadh i. 'S nuair a ràinig e... nuair a ràinig i Beinn a' Bhadhla, bha an leanabh ann an creathail roimhpe. Agus dh'innis a' mhàthair dhi gur ann leis a bha e, agus gur e nighean a bh' ann. Agus thug i dhachaigh an nighean gu ruige Stadhlaigearraidh, agus chaidh a togail ann an Stadhlaigearraidh.

'S bha i ann an sgoil 's bha i... 's a h-uile h-ionnsachadh a b' urrainn dhaibh a thoirt dhi, fhuair i e.

Agus nuair a dh'fhàs i seo suas, an Dia, 's ann a bha car de char-a-mach aig MacMhuirich innte nach bu leis fhèin idir i.

"Ò, uill," ars a phiuthar, ars esan... ars ise, "nì sinn dinnear. Agus an t-àm an deach a breith," ars esan... ars ise, "nì sinn an dinnear agus cuiridh sinn," ars ise, "cruinnichidh sinn daoine, agus marbhaidh tusa," ars ise, "rùda, agus cuiridh tu," ars ise, "gnothaichean an rùda air an truinnsear. 'S ma nì i rann," ars esan... ars ise, "mu na tha sin," ars ise, "bidh fhios againn," ars ise, "cò leis i."

Uill, a-nist, chan eil an rann agamsa idir.

DE: Seadh, dìreach.

MA: Agus gur e seo an rud a rinneadh. 'S nuair a thog an nighean an liod far an truinnseir 's a chunnaic i dè bh' air a beulaibh, rinn i rann. Cha robh an rann ro eireachdail, gu dearbh, ach tha pìosan dheth... Ach nuair a ghabh i an rann 's dh'èirich MacMhuirich o cheann a' bhùird agus rug e air làimh air an nighinn agus thug e beannachd 's pòg dhi.

"'S ann leam a tha thu gun teagamh," ars esan, "agus 's furasta aithneachadh gura h-ann."

Uill, a-nist, chaidh an nighean sin gu ruige New Zealand, agus tha iad a' ràdh riumsa... Uill, bha fear... Chan eil fhios a'm a-nist cò am fear a bh' ann. Chan eil cuimhne agam air an ainm aige, ach gur e maighstir-sgoil a bh' ann, gun robh e ann am Barraigh agus gun robh e ann an taigh cailleach air choreigin, agus gun tuirt am fear... i sin ris gur e ogha... iar-ogha do MhacMhuirich a bha an next door neighbour aice.

DE: Ann an New Zealand.

MA: Seadh.

DE: Seadh. Agus an cuala sibh dad mu na sgrìobhaidhean a bh' aig Clann 'ic Mhuirich? An tug iad a-null gin dhiubh sin?

MA: Ò, cha chuala mi gin dhiubh sin. No an tug iad a-null e, no dè mar a fhuair no an d' fhuair iad sìon.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good