Breabadair an Staca

Date
Track ID 38590
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.034.A1

Original Tape ID

SA1970.034

Summary

The Stack Weaver.

An unknown man came off the packet-steamer in North Uist. He walked from there to South Boisdale in South Uist. Night was falling and he arrived at a house where a husband, wife and two daughters lived. He spent the night there and left the next morning, going as far as the Sound of Eriskay. He found a dinghy and arrived at a place called Stack Island, at the south end of Eriskay.

He built a house on the island. He went back to the house in Uist where he had spent the night and married one of the daughters. They went back Stack Island, where both were weavers. He thus became known as Breabadair an Staca [The Stack Weaver].

They had three sons. When they were older they bore holes in boats that came to anchor and would take the cargo when they had sunk. Two of the sons were fishing with their father when they noticed a strange boat near the shore. The boat chased them, and all three were killed.

The youngest son and his mother were left to survive on their own. When the boy was older he went to his grandfather's house in Uist and from there to North Uist, where he got the packet-steamer to Dunvegan. He discovered that the skipper was his father's killer and took revenge, killing him.

He arrived at an inn, whose owner had a fruit tree that was always being spoiled. He was asked to guard it and a fool stayed with him. He became thirsty and so the fool gave him an apple, which made him sleepy. While he was asleep a woman appeared at midnight and asked the fool to wake him, but he couldn't be aroused. She wrote on his gun and left. He was to meet her at the same time the next night, but the same happened again. He killed the fool and went in search of the woman, whom he married. His mother returned to her relatives in Uist.

Item Location

County - Inverness-shire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, 's e naidheachd air Breabadair an Staca a tha mi a' dol a dh'innse dhut an-dràsta mu dheidhinn. Agus cha robh fhios... cha robh fhios gu dè seòrsa duine a bh' ann, ach 's ann anns... leis a' phacaid gu ruige an ceann a tuath a thàinig e an toiseach.

Agus dh'fhalbh e às a' cheann a tuath an sineach agus choisich e a-nall roimhe. Agus thàinig e a-nall tro Bheinn a' Bhadhla agus thàinig e a-nall dhan cheann a deas an seo. Agus chùm e air gu deas. Agus ràinig e suas àite ris an can iad... tha mi a' smaointinn gur e an Leth Mheadhanach a bh' ann. Agus chaidh e gu taigh ann a shin agus an oidhche air tighinn air. Agus bha fear an taighe 's a bhean an sineach agus dithis bhoireannach, nigheanan leis. Agus bha tè aca, 's ann na bainich a bha i.

Uill, chuir e seachad an oidhche sin ann a... anns an taigh, agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh e a-rithist. Agus chùm e air a' coiseachd gu deas, gus an do ràinig e Caolas Èirisgeigh. Agus nuair a ràinig e Caolas Èirisgeigh ann a shin bha e a' coimhead a-null air Èirisgeigh agus bha e a' studaigeadh gu dè mar a gheibheadh e a-null ann. Agus thòisich e ri siubhal a' chladaich an sin agus fhuair e seòrsa de gheòla a bh' ann a shin, de sheann gheòla a bh' ann, agus... Ach co-dhiù, thug e leis i agus tharraing e tarsainn air Èirisgeigh leatha.

Agus chan eil fhios a'm a-nist an robh daoine an Èirisgeigh anns an àm 's gus nach robh. Ach chùm e roimhe co-dhiù gus an do ràinig e an ceann a deas aige. Agus ràinig e fhad 's a gheibheadh e dhen cheann a deas aige sineach agus chunnaic e seòrsa de dh'àite. 'S e àite ris an can iad an-diugh, 's e an Stac a th' air. Ach chan eil fhios a'm dè an t-ainm a bh' air an uair sin.

Ach chaidh esan ann co-dhiù agus bha e a' coimhead air fheadh. Agus studaig e aige fhèin gun togadh e taigh ann a sheothach anns an àite seo. Agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh e agus thill e a-null leis a' gheòla gu ruige Uibhist air ais. Agus thachair seann làir bhàn ris ann a shineach agus thug e leis a-nall i às dèidh na geòla gu ruige Èirisgeigh. Agus thòisich e air tarraing chlach leatha, agus thòisich e air togail an taighe ann a sheo.

Uill, bha e ag obair air an taigh 's thog e an taigh. Ach an triop mu dheireadh ann a sheothach a bha e a' tarraing bha sl-... slinntear de lic aige a bha e a' dol a chur do dh'àrd-doras air an doras anns a... aig an taigh. Agus chuir e air muin na làire bàine e, agus mun do ràinig an làir bhàn suas chaidh an druim aice na dà leth. Agus tha an slinntear ri fhaicinn ann a shin fhathast. Agus... ach co-dhiù, fhuair e rud a chur air àrd-doras an dorais. Agus chuir e suas an taigh. Agus nuair a fhuair e an taigh a-nist suas agus a fhuair e air dòigh e, thill e air ais gu ruige Uibhist, agus chaidh e dhan taigh anns an robh... an do dh'fhan e an oidhche a chaidh e suas reimhid ann. Agus thog e leis an tè a bha ris a' bheairt agus phòs iad, an dithis aca.

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Chaidh iad gu ruige an Stac suas an uair sin, gu ruige an Caisteal. 'S e an Caisteal a theirte ris an uair sin, Caisteal an Staca, agus 's e a th' air chun an latha an-diugh, na bheil air fhàgail dheth.

Agus bha iad ann a shin agus iad a' fighe le chèile. Agus thòisich esan air ionnsachadh na beairte cuideachd. Agus 's e sin... 's e sin a thug Breabadair an Staca air an uair sin.

Uill, bha... rugadh an seothach gille dhaibh. Ach co-dhiù, bha triùir ghillean aca. Agus bha na gillean a-nist bhiodh iad... bhiodh esan ag iasgach a-mach. Agus 's e an cosnadh a thòisich e seothach air... an uair sin nuair a bha... 's e bàtaichean-seòl a bha a' falbh le cargu an àite nan stìomairean mòra a tha a' falbh an-diugh. 'S e saothaichean-seòl a bh' ann. Agus bhiodh iad uaireannan ag acrachadh, a' leigeil seachad na h-oidhche, a' dol tro Chaolas Èirisgeigh ann a shiud, tron oitir mhòir. Agus 's e an cosnadh a thòisich e air, a' falbh air feadh na h-oidhche agus a' tolladh nam bàtaichean aig beul an uisge agus gan leigeil fodha. Cha robh annta an uair sin ach fiodh. Chan e iarann a bh' annta. Bha iad furasta gu leòr an tolladh.

Ach co-dhiù, bha e a' dol 's bhiodh e fhèin an uair sin a' faighinn pàirt dhe na bh' anns na bàtaichean sin nuair a rachadh iad fodha 's nuair a thigeadh an cargu asta 's a h-uile sìon. Bhiodh e a' faighinn sin 's bhathar ga... bha e ga chumail fhèin mar sin.

Bha na gillean aige a-nist air fàs nan cnapaich. An dithis bu shine dhiubh bha iad air fàs nan cnapaich suas. Bhiodh iad a' dol a-mach còmhla ris a dh'iasgach. Agus...

Ach an latha a bha seothach co-dhiù, bha iad a-muigh ag iasgach agus thug iad an aire dhan bhàta neònach a bha seothach a' dol suas am Minch. Agus bha i gu math goirid a-staigh dhan chladach an iar ri taobh... suas ri cladach Èirisgeigh. Agus dh'fhaighneachd esan dhen ghille bu shine:

"Dè," ars esan, "an seòrsa bàta a tha siud?"

"An-tà, chan eil fhios a'm," ars an gille, ars esan, "ach chan eil mi a' faicinn innte," ars esan, "ach an aon duine," ars esan, "an duine," ars esan, "a tha ga stiùireadh."

"An-tà," ars am fear òg 's e a' freagairt, am fear a b' òige na e, "ged nach eil thusa gam faicinn," ars esan, "tha gu leòr anns a' bhàta sin gu h-ìseal," ars esan. "Tha mise a' faicinn," ars esan, "an anail aca," ars esan, "far beul a' bhàta," ars esan.

"Ò, ma-thà," ars athair, ars esan, "tàirngibh na duirgh."

Uill, tharraing iad na duirgh 's chuir esan a-mach dà ràmh 's dh'fhalbh e. 'S ma dh'fhalbh esan dh'fhalbh am bàta às a dhèidh.

Uill, ghabh esan a h-uile cùil 's a h-uile geodha a b-... a b' u-... a bha e a' smaointinn a mhiss-adh e iad. Ach co-dhiù, nuair a bha e a' leum aiste dìreach ann an Caolas an Staca fon taigh, thàinig am fear a bh' anns an toiseach a' bhàta dìreach agus spliot e leis an tuaigh e. Agus mharbhadh an dithis ghillean.

Uill, bha iad a' smaointinn a-nist nach robh an còrr de theaghlach ann 's nach rachadh iad a chur dragh air an tè bh' ann – bha ise air an uinneig a' gabhail allamh riutha, ris a h-uile sìon – nach rachadh iad a chur dragh sam bith air an tè bh' ann, gun robh gu leòr... gun robh call gu leòr an siud fhèin. Agus thill iad air falbh.

'S ann mar seothach a bha. Bha ise a-nist ann a shiudach anns an Stac leatha fhèin, 's cha robh duine aice ach am pàiste òg. Ach co-dhiù, thòisich i eadar [???] maorach a' chladaich 's a h-uile sìon a bh' ann, bha i a' togail a' ghille. Agus thog i an gille agus bha an gille, dh'fhàs e na ghille mòr foghainteach. 'S bhiodh e daonnan a' faighneachd dhe a mhàthair:

"A bheil duine air an t-saoghal idir ach mi fhìn 's sibh fhèin, a mhàthair?"

Agus chanadh ise ris:

"Ò, chan eil, a leabhra, duine. Tha sinne ann a sheo leinn fhìn."

Agus... Ach dh'fhàs e seo suas glic, suas gu math seachad còig bliadhna deug 's an sineach, 's bha e air fàs na bu ghlice 's bha e ag ràdh:

"An-tà," ars esan, "feumaidh," ars esan, "gu bheil cuideigin air an t-saoghal," ars esan. "Tha mi a' faicinn," ars esan, "bàtaichean 's saothaichean an sin," ars esan, "sìos 's suas," ars esan. "'S feumaidh gu bheil cuideigin ann a bharrachd oirnne."

Agus, ò, bhiodh ise ag ràdh ris nach... nach robh, 's nach eil fhios gu dè an seòrsa a bh' anns na bàtaichean a bha sineach idir.

Ach nuair a ràinig e seo faisg air suas mu fhichead bliadhna, thuirt e ri a mhàthair:

"Uill," ars esan, "tha mise," ars esan, "a' dol a dh'fhalbh," ars esan. "Agus chì mi," ars esan, "gu dè," ars esan, "a bheil duine ann," ars esan, "ach sinn fhìn air an t-saoghal a tha seo," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e, 's dh'fhàg e a mhàthair a-staigh an siud. Agus thàinig e gu ruige taigh a sheanar an sineach, an Uibhist. Agus chuir e seachad an oidhche sineach agus dh'fhalbh e an làrna-mhàireach. Agus choisich e dhan cheann a tuath. Agus... 's e... bha... bha a' phacaid an uair sin, bhiodh i a' falbh agus bha i gu falbh an oidhche sin co-dhiù gu ruige Dùn Bheagain.

Chaidh e chun an stìomair co-dhiù, chun na pacaid, agus chaidh e air bòrd innte. Agus dh'fhalbh iad. Dh'fhàg iad Loch nam Madadh 's chaidh iad a-null tarsainn gu ruige Dùn Bheagain. 'S bha iad ann, beul an latha co-dhiù nuair a ràinig iad. Dh'acraicheadh a-mach on chidhe. Cha deach i chun a' chidhe idir. Dh'acraich i a-mach bhon chidhe.

Agus thàinig an seothach an latha, 's shoilleirich i suas 's cha robh tuar air... air an stìomair a dhol chun a' chidhe. Agus bha esan a' gabhail fadachd, 's bha e a' gabhail neònachas nach robh.

Ach co-dhiù seothach, dh'fhaighneachd e seothach a dh'fhear dhe na gillean 's e air tachairt ris:

"Dè," ars esan, "is sgialt," ars esan, "dhan bhàta a tha seo," ars esan, "nach tèid i," ars esan, "chun a' chidhe?" ars esan. "A bheil i [?bàr]," ars esan, "a dhol a-staigh chun a' chidhe idir?" ars esan.

"Ò, ghràidhein," ars esan, "thèid i seo a-staigh," ars esan, "nuair a thogras am fear," ars esan, "an sgiobair a tha leatha," ars esan. "Chan eil rathad aig duine," ars esan, "air a bheul fhosgladh ris an duine seo," ars esan. "Nì e an rud a thogras e fhèin on latha a mharbh e Breabadair an Staca. Agus 's e seo," ars esan, "an teoba a fhuair e," ars esan, "air a shon sin," ars esan.

"Ò, seadh," ars esan. "Uill, thèid sinn sìos far a bheil e," ars esan, "agus chì sinn dè chanas e." Agus: "Seall thusa dhòmhsa an rùm aige," ars esan.

Sheall a... fear dhen a' chriutha a bha sineach, sheall e dha an rùm. Dh'fhosgail e doras an rùm 's chaidh e a-staigh. Bha esan aig a dhinnear.

"Dè," ars esan, "dè," ars esan, "is sgialt," ars esan, "nach eil... nach eil am bàta seo," ars esan, "air thuar," ars esan, "a dhol chun a' chidhe idir?" ars esan.

"Dè dhutsa, a mhic na tè seo," ars an sgiobair, ars esan, "cuin a thèid mise thuice," ars esan. "Nach tèid mi thuice nuair a thogras mi fhìn."

"Nach tusa," ars esan, "a mharbh Breabadair an Staca," ars esan.

"Dè dhutsa," ars esan, "cò... dè... cò mharbh e?" ars esan.

"A mhic an fhir ud," ars esan, agus e a' leum thuige dìreach agus chuireadh an t-eanchainn às ris an leabaidh. "Cha mharbh thu fear eile na dhèidh."

Agus thill e a-mach air a' chois-cheum cheunda agus dh'èigh e air na gillean.

"Thigibh a-nuas a-nist," ars esan, "agus togaibh leibh a' chlosnach ud," ars esan. "Agus mas e a bha a' cur an eagail oirbh cha chuir e an còrr eagail oirbh ach siud," ars esan. "Agus caithibh a-mach air a' mhuir e mar a thogras sibh," ars esan, "agus thigibh a-staigh chun a' chidhe 's gum faighinn-sa aiste," ars esan.

Seo an rud a rinn am meit. Tha mi cinnteach gura h-e a ghabh charge às a' ghnothach. Thogadh an t-acaire 's thugadh a-staigh i.

Uill, chaidh a-nist an sgeul air feadh an àite anns a' mhionaid, gun deach an sgiobair a mharbhadh aig... an seo. Agus dh'fhalbh esan agus chùm e air. Chaidh e suas. Bha seòrsa de thaigh-seinnse an uair sin ann a... ann an Dùn Bheagain. 'S chaidh esan chun an taigh-sheinnse. Bha an naidheachd an sin roimhe, 's bha h-uile duine air an aognachadh roimhe. Bha iad air an clisgeadh.

Agus bha craobh a-nist aig fear an taigh-sheinnse ann a sheo agus bhite a' mi-... ga milleadh air, air feadh na h-oidhche aig amannan dhen bhliadhna a bhiodh measan oirre. Agus thuirt e ris:

"B' fheàrr leam," ars esan, "gum fanadh tu," ars esan, "agus gun rachadh tu a watch-adh na craoibhe seo dhòmhsa air an oidhche," ars esan.

"Nì mi sin," ars esan. "Ach bheir dhomh gunna," ars esan, "oir 's ma chì mi dè tha iad a' dèanamh," ars esan, "gum bi... gun dèan mi rudeigin air."

"Gheibh thu sin."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Am beul na h-oidhche anns an dornachadh an sineach, thàinig fear an taigh-sheinnse far an robh e 's thug e dha gunna 's a h-uile sìon. Agus sheall e dha an t-àite, an gàrradh a bh' ann. Agus dh'fhalbh e agus thug e sùil às a dhèidh 's bha seòrsa de... de dh'fhear an sineach a bha timcheall na hotel nach robh car... nach robh cho glic ri daoine eile. Agus bha e a' tighinn às a dhèidh.

"Cà 'il thu a' dol?" ars esan.

"Tha mi," ars esan, "a' dol a dh'fhalbh còmhla riut fhèin," ars esan. "'S fheàrr leam," ars esan, "falbh còmhla riut," ars esan, "na... na bhith a-staigh," ars esan, "gam... gam riasladh an siudach," ars esan, "aig an fheadhainn a tha a-staigh," ars esan. "Cha bhi iad ach ag obair orm co-dhiù," ars esan.

"Ò, glè cheart," arsa mac a' bhreabadair.

Dh'fhalbh iad. Shuidh iad aig bonn na craoibhe, no faisg oirre co-dhiù. Agus bha iad ann a shin. Agus dè bhuail esan ach am pathadh. Agus dè bh' aig an fhear seo ach ubhal, agus 's e an fheadhainn a bha a-staigh a chuir air falbh còmhla ris e. Agus nan itheadh e pìos dhen ubhal a bha seothach chuireadh i an cadal air. Agus cha robh iad airson fhaighinn a-mach gu dè mar a rachadh dha na gu dè bh' ann.

"A Dhia," ars esan, "ach mar a tha mi leis a' phathadh."

"An-tà," ars am fear beag, am fear a bha còmhla ris, "an-tà," ars esan, "tha ubhal agamsa ann a sheothach ma ghabhas tu pìos dhith," ars esan.

"Gabhaidh," ars esan.

Dh'fhalbh e agus rinn... spliot e an ubhal 's thug e pìos dhen ubhal dha. Agus dh'ith e an ubhal.

Cha robh e fad sam bith air an ubhal ithe nuair a thòisich an cadal air tighinn air. Agus mu dheireadh thuit e seachad. Suas... Agus suas an sin mun mheadhan-oidhche thàinig am boireannach a bha siud mu chuairt. Agus:

"Cha chreid mi fhìn," ars ise ris-san, "nach eil... nach eil do mhaighstir na chadal."

"Tha," ars esan.

"Siuthad, ma-thà," ars ise. "Dùisg e."

"Cha dearg mise air a dhùsgadh,"

"Ò, 's tu a dheargas. Dùisgidh tusa e," ars ise, "ach cha dearg... cha dearg mise air a dhùsgadh."

Agus:

"Ò, cha dèan mi sìon... cha dearg mise air a dhùsgadh."

Uill, e dh'fhalbh i fhèin 's chaidh i thuige 's thòisich i air a shlaodadh 's air cur char dheth 's a shlaodadh le a chasan 's cha dùisgeadh siud e. Agus dh'fhalbh i agus rug i air a' ghunna, agus sgrìobh i rudeigin air stoc a' ghunna agus dh'fhàg i an gunna ri thaobh.

Uill, dh'èirich esan. Dhùisg e. Cha robh ise fad sam bith air falbh nuair a dhùisg e. Agus dh'fhaighneachd e dheth:

"Am faca thu rud sam bith?" ars esan.

"Ò, chan fhaca," ars an gille, ars esan. "Ach chunna mi boireannach a' tighinn an seo," ars esan, "agus thug... bha an gunna sin aice," ars esan, "agus chan eil fhios agamsa dè rud a bha i a' dèanamh ris," ars esan.

"Ò, seadh," ars esan.

Dh'fhalbh e 's rug e air a' ghunna 's sheall e air. Ge brith a-nist, chan eil fhios a'm dè an sgoil a bh' aige no gu dè, gu dè mar a fhuair e sgoil, mura tug a mhàthair sgoil dha, ach leugh e co-dhiù e agus thuirt i ris, bha e air a ràdh air a' ghunna, i a choinneachadh ann a sheothach an ath oidhche aig an aon àm.

Agus 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh...

"Uill," ars esan ris a' ghille, "faodaidh sinn falbh a-nist," ars esan, "dhachaigh."

Dh'fhalbh iad dhan hotel. Làrna-mhàireach cha robh sìon ach gun robh an naidheachd a bh' aig a' ghille mu chuairt. Bha iad a' wonder-adh gu dè an seòrsa duine idir, idir a bh' ann.

An ath oidhche co-dhiù dh'fhalbh iad an sineach. Agus... tha... ràin-... ràinig iad a' chraobh. Agus cha robh esan fad sam bith ann, mar a thachair dha a-raoir, gus an do bhuail am pathadh e. Agus bha e a' feuchainn ris a' phathadh a chumail seachad. Agus mu dheireadh ghearain e agus thuirt an gille ris gun robh an leth eile aigesan dhen ubhal a thug e dha a-raoir.

"Ma-thà," ars esan, "gabhaidh mi i."

Uill, ghabh e i. Agus nuair a... cha robh e fad sam bith air an ubhal a ghabhail nuair a thàinig an cadal air mar a bha... a thàinig a-raoir, agus thuit e na chadal. Agus b' shuarach an ùine a bha e air cadal nuair a thàinig ise a-rithist. Agus:

"Ò, dhuine, dhuine," ars ise, "cha chreid mi fhìn," ars ise, "gu bheil do mhaighstir," ars ise, "a' cadal idir," ars ise. "A h-uile h-oidhche," ars ise, "na chadal."

"Ò, chan eil fhios agamsa," ars esan, "dè... Chan eil mise ga fhaicinn fad an latha ann," ars esan, "dè tha e a' dèanamh," ars esan.

"Siuthad ma-thà," ars ise, "dùisg e."

"Ò, cha dùisg. Cha dearg mi," ars esan,

"Ò, 's tu a dheargas," ars ise. "Dùisgidh tusa e gun teagamh," ars ise, "ach cha dùisg mise e," ars ise.

Agus:

"Ò, cha dearg mise air," ars an gille.

'S dh'fhalbh i fhèin 's thòisich i air a tharraing. Agus co-dhiù, cha do dhùisg i e. 'S cha dùisgeadh i e, 's cha robh i ach... b' shuarach an ùine a bha i air falbh bhuaithe nuair a dhùisg esan. 'S dh'fhaighneachd e dhen ghille anns a' mhionaid am faca e i. Thuirt e gum faca, gun robh am boireannach ceunda a bha a-raoir ann, gun robh i ann a sheo, 's gun robh an gunna aice cuideachd 's gun robh i ag obair air sgrìobhadh rudeigin air. Agus dh'fhalbh e 's thog e an gunna. Agus, tha... ge brith gu dè a leugh e air a' ghunna co-dhiù, thàinig e mu chuairt leis a' ghunna agus chàirich e ris an fhear a bha ri a thaobh e.

"Nam bithinn air siud a dhèanamh ort a' chiad oidhche," ars esan, "cha bhiodh uiread de thrioblaid nam cheann-sa agus a th' ann a-nist," ars esan.

Agus mharbh e an gille sin, agus... Ach co-dhiù, an làrna-mhàireach thog e air agus dh'fhalbh e.

Agus ge brith a-nist càit an robh ise, cò... dè... dham buineadh i, sin... sin rud a chaill mi, 'ille. Ach co-dhiù, ràinig e i. Fhuair e i. Agus phòs e an nighean sin, am boireannach a bha sin. Agus... ach... agus an dèidh dha pòsadh, thill e gu ruige Uibhist an seo air ais. Agus chaidh e... Ràinig e an Stac ann an Èirisgeigh agus bha buidheann a chuideachda, cuideachd a mhàthar, bha iad... thug iad a-nall a mhàthair à Èirisgeigh nuair a dh'fhalbh esan. Agus 's ann anns a' cheann a deas [???] a mhàthair air bàsachadh. Agus thill esan air falbh a-rithist. Agus chan eil fhios a'm a-nist cò an t-àite anns an robh e fhèin no a bhean. Ach dh'fhàg mise co-dhiù còmhla an siud iad. Ach bha beagan eile a bharrachd ann nam bithinn-sa air cuimhneachadh oirre.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò, uill, 's e deagh sgeulachd a th' ann cuideachd. Tha i math. Agus cò aig a bhiodh i seo? An ann aig ur n-athair a bhiodh i?

DA: 'S ann, aig m' athair. 'S e a dh'innis dhomh i. Ach bha i aig an fhear sin uile. Agus bha i agamsa mi fhìn uile, ged a chaill mi i.

DE: Ò, cuimhnichidh sibh oirre fhathast.

DA: Ò, chan eil fhios a'm, ach...

DE: An robh sibh fhèin ga innse riamh roimhe? An do dh'innis sibh do dhuine eile i nuair a bha sibh òg?

DA: Ò, bha, bha. Dh'innis. 'S iomadh turas a dh'innis mi i.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good