Search

Latha Dhomh 's mi Gabhail Sràid

Contributors
Date October 1962
Track ID 39504
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1962.50.B2

Original Tape ID

SA1962.050

Summary

The song tells of a man walking in the Broomielaw. He meets a woman who asks him to come to her room. There she gets him drunk and robs him. He wakens on the street and finds himself penniless. He is forced to enlist in the army.

Item Notes

Five quatrains sung.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Latha dhomh 's mi gabhail sràid,
A-mach 's a-staigh sa Bhroomielaw,
Thachair orm tè chrath mo làmh,
'S chuir fàilt' orm ri sòlas.

Thuirt i rium am Beurla chiùin:
"'S fhad o b' aithnte dhomh thu rùin,
Gheibh thu deoch nas fheàrr na leann,
Ma thèid thu leam nam sheòmbar."

'S gun d' fhuair mi sin 's gun d' fhuair mi dràm,
Dhen stuth làidir b' fheàrr a bh' ann,
Dh'fhalbh mo chlaisneachd 's dh'fhalbh mo chainnt,
'S shìn mi thall air sòfa.

'S air a dhùisg mi às mo shuain,
Mar gun èireadh corp à uaigh,
Bha mo cheann air cabhsair cruaidh,
'S gun sgillinn ruadh nam phòca.

Ach mo thruaighe b' fheudar falbh,
Agus liostaigeadh san arm,
Chuir mi suas an còta dearg,
'S gun robh siud ainmeil dhòmhsa.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good