Boireannach a' fuine ann an sìthean

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 43665
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.055.B9

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.055

Geàrr-chunntas

Boireannach a' fuine ann an sìthean.

Nuair a chaidh boireannach à Uibhist a Deas a thoirt a-steach dha sìthean, chaidh iarraidh oirre na bha sa chiste-mhine fhuine. Cha robh a' mhin a' cosg gus an do dh'iarr seann sìthiche oirre sgur a chur air ais na fallaid dhan chiste. Ghabh i a chomhairle, dh'fhalmhaich a' chiste, agus fhuair i a-mach.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Deas

Paraiste - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus ciamar a chuala sibhse an naidheachd a bha sin, Aonghais?

Aonghas MacIllFhialain (AM): Agus 's e an aonta a chuireadh oirre nuair a chaidh i ann gus am fuineadh i na bha a mhin anns a' chistidh.

DE: Ò, seadh. Seadh.

Mòr Chaimbeul (MC): 'S cha robh sin furasta.

AM: 'S thòisich i sin a' fuine. Agus nuair a bhiodh i ullamh fuine bha i a' sguabadh a' bhùird agus ga chur dhan chistidh air ais. Bha a' chiste a' fuireach aig an aon rud. Cha robh tuar oirre cnàmh.

Bha bodach anns an t-sìthean 's dh'iarr e oirre an fhallaid fhuine. Thòisich ise an uair sin air fuine a h-uile sì-... sìlean a bha i a' toir às a' chistidh. Thòisich a' chiste air cnàmh. Mu dheireadh theirig na bh' innte. Sin nuair a fhuair i a-mach. Sin nuair a bha iad ag ràdh rithe: "Beannachd dhut fhèin, ach mallachd a bheul d' ionnsaiche."

DE: Ò, Seadh, dìreach. Seadh.

AM: Mura biodh am bodach cha d' fhuair i riamh às.

DE: Seadh, dìreach. Agus an d' fhuair ise, mar gum b' eadh, gibht air choreigin?

AM: Fhuair i sin. 'S ann bhuaithe sin a-nis a thàinig iad siud.

DE: Seadh, dìreach. Seadh.

AM: 'S ann.

DE: Agus bha iad a' cantail gun robh na daoine sin comharraichte math air obair 's a leithid sin.

AM: Bha, bha.

MC: Ò, bha iad math air rud sam bith. Bha iad diofraichte o fheadhainn eile co-dhiù.

DE: Aidh. Aidh. 'S a bheil duine dhiubh sin beò fhathast?

MC: Ò, chan eil iad.

AM: [???]. Tha gu dearbh. Nach eil Dòmhnall Ruadh an Dreumasdal beò fhathast?

MC: Cò an Dòmhnall Ruadh a tha sin?

AM: Mac Dhòmhnaill Iain 'ic Anndra.

MC: Ò, aidh, aidh, aidh, aidh. Tha, dìreach.

DE: 'S an e Clann Anndra a chanadh iad ri na daoine a bha seo?

AM: 'S e Anndra...

MC: 'S e Anndra a bh' airsan.

AM: [???].

DE: Seadh.

MC: A bh' air athair, ach...

AM: 'S e Anndra. Anndra Laing.

DE: Seadh, dìreach.

MC: 'S e na Laingich.

AM: Laingich.

DE: 'S iad.

MC: Sin agaibh an fhine aca.

DE: Seadh. Agus mhair an gnothach a bha seo gun robh iad math air obair riamh.

AM: Tha e coltach gun do lean an rud gu math fada iad co-dhiù.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math