Search

Fiosrachadh mu Là an Dròibh ann an Steòrnabhagh.

Date 10 March 1977
Track ID 43843
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.90.A9

Original Tape ID

SA1977.090

Summary

Information about the Stornoway cattle sale.

The day of the cattle sale was a big occasion. There were three sales in Stornoway, but the summer event was a big affair, with all kinds of entertainment. The children went along as the schools were closed. They would come home with all kinds of things, like shortbread and marbles.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Murchadh MacLeòid (MM): Bhiodh sinn a' ceannach bataichean anns an dròbh, an latha a dheigheadh sinn dhan an dròbh. 'S e siud latha mòr againne. A-mach air a' Challainn agus a' Bhliadhn' Ùir, 's e latha na dròbh an latha a bha a' cunntadh.

Iain Peatarsan (IP): 'S e, dìreach. Bha sibh a' dèanamh latha mòr dhen latha sin.

MM: Ò, 's e. Bha sinn a' dol... 's ann a' chiad Dimàirt de July a bhathas a' cumail dròbh na Samhna. Bha trì dròbhan ann an Steòrnabhagh aig an àm ud. Bha dròbh an t-samhraidh, agus bha dròbh an fhoghair, agus dròbh na Samhna, nuair a bha iad a' reic crodh nach robhas airson a gheamhrachadh. Bha e air an deagh bhiathadh 's nach robhas airson... nach robhas airson an geamhrachadh. Bha na trì dròbhan aca gan cumail.

IP: Bha, dìreach. Agus a-nise, 's ann a' coiseachd a bhiodh iad leis a' chrodh a dheigheadh a Steòrnabhagh an uair ud?

MM: Ò, 's ann. Ò, 's ann. Ach dròbh an t-samhraidh, tha fios agaibh, bha tòrr a chluichean timcheall air dròbh an t-samhraidh. Cha robh... a bharrachd air a bhith a' reic 's a' ceannach crodh 's eich...

IP: Ach an fheumadh iad falbh feasgar ron àm leis a' chrodh?

MM: Ò, anns a' mhadainn.

IP: Dh'fhalbhadh iad tràth sa mhadainn.

MM: Ò, tràth sa mhadainn. Cha robh sinn ach... uill, cha robh mu seachd no ochd a mhìltean a Steòrnabhagh. Agus falbh tràth sa mhadainn. Ach bha... och bha caravans 's clowns 's tòrr a dh'eacarsaich timcheall air dròbh an t-samhraidh, tha fios agad, 's aran-cridhe. Ach cha robh sin timcheall mu dhròbh an fhoghair no dhròbh na Samhna idir. Cha robh. Ach bha clann na sgoile a' tighinn às a h-uile ceàrnaidh dhen eilean gu... Uill, 's dòcha nach robh às a h-uile ceàrnaidh, à àiteachan fad às, ach àiteachan a bha cho faisg 's a bha sinne. Bha sinne riamh a' dol dhan an dròbh. 'S e a' chiad...

IP: Bhitheadh, dìreach. Agus bha sibh a' ràdha gun robh sibh a' faighinn latha far na sgoile?

MM: Ò bha. Bha an sgoil dùinte latha... bha an sgoil againne dùinte an latha ud. 'S bha thu a' tighinn dhachaigh le na h-uiread de dh'aran-cridhe 's a h-uile seòrsa rud. Bhiodh cèine no bata agad, no rudeigin, 's cèise-ballan, 's marabalan. 'S ann mun àm sin a...

IP: Dè bha sibh a' ràdh an siud, cèise-ballan?

MM: Cèise-ballan.

IP: Seadh, dè bha...?

MM: Just an ordinary ball. Cèise-ball.

IP: Ò, 's e seo a chanas sibh ris?

MM: 'S e.

IP: Sin mar gum biodh India rubber ball?

MM: Dìreach.

IP: Ò, 's e cèise-ball? Ò, glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good