Search

Sgeulachd os-nàdarra mu dheidhinn cìobair air a' mhonadh.

Contributors
Date August 1968
Track ID 44765
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1968.183.A3

Original Tape ID

SA1968.183

Summary

A supernatural story about a shepherd on the moor.

A story about a shepherd who was out on the moor with his dog. He was in a bothy when a woman came to the door. Her body began to change in an unnatural way and she began to fight with the dog. When the shepherd came back to the village, a woman who had a great dislike for him was very ill. It was believed that she had been the strange creature in the bothy.

The contributor heard this story from her father.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Agus bha sibh a-nis a' dol a dh'innse sgeulachd, m' iteagan 's m' oiteagan ag èirigh ris a' bhlàths.

Ceit Dix (CD): Bha. Bha siud cìobair a dh'fhalbh às an taobh a tuath am badeigin, agus tha e coltach gun robh boireannach ann a sheo nach robh mòran gaoil aice air co-dhiù. Ach dh'fhalbh e suas dhan a' mhonadh, 's bha droch oidhche uabhasach ann, agus chuir e teine mòr mònadh air 's shuidh e aig an teine. Agus 's ann a chuala e fuaim a' tighinn dhan doras, agus thòisich an cù aige air comhartaich. Agus dh'èirich e a-mach chun an dorais agus bha boireannach beag aig an doras, agus oidhche le sneachd ann, agus 's ann a dh'fhosgail e an doras. Thàinig i a-staigh 's ò, theab an cù a h-ithe.

'S ann a thug i falt às a ceann - gaoistean de ghruaig - agus dh'iarr i air an cù a cheangal leis. Ach mar a rinn an t-Àgh cha do cheangail esan idir le sin e. 'S e a chuir e air ach ròp, 's cha do cheangail e an ròp sin fhèin uabhasach math.

Ach thug e sùil air a' chaillich agus 's ann a bha i air fàs uabhasach mòr. Agus thuirt e rithe:

"Hud, a chailleach, tha thu a' fàs."

"Ò chan eil, a ghaoil, ach m' iteagan 's m' oiteagan ag èirigh ris a' bhlàths."

An ceann treise 's ann a thug e sùil eile oirre.

"Hud, a chailleach, tha thu a' fàs."

"Ò chan eil, ach m' iteagan 's m' oiteagan ag èirigh ris a' bhlàths."

An ceann treis eile 's ann a thug e sùil oirre 's bha i uiread ri cruach-mhònadh.

"Hud, a chailleach, tha thu ag at."

"Biodh a bhuil 's a bhlàth dhut," ars ise.

Agus leum i air. Ach ma leum, leum an cù oirrese, 's thòisich iad air sabaid 's bha iad a' sabaid dà uair an uaireadair. Rinn co-dhiù... fhuair i a-mach air an doras, teiche on a' chù.

Nuair a chaidh e dhachaigh dhan àite às an robh e fhèin, bha iad a' ràdh gun robh bean an taigh-sheinnse ann a shin anns an leabaidh on a dh'fhalbh e, agus gun robh e glè choltach gur e ise, chaidh i na bana-bhustraich a chur dragh air... air a' chìobair anns a' mhonadh. Agus, chan eil fhios... chan fhaca iad riamh tuilleadh i co-dhiù. Cha do chuir i an còrr dragh air duine.

IP: Agus an ann aig ur n-athair a chuala sibh i sin cuideachd?

CD: 'S ann. 'S ann aig m' athair a chuala mi i sin cuideachd.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good