Oisean an dèidh na Fèinne
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1968.152.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Oisean an dèidh na Fèinne.
B' e Oisean an duine mu dheireadh dhe na Fianntaich. Bha e ag innse eachdraidh na Fèinne don Naomh Pàdraig ach cha robh e ga chreidsinn mu neart na Fèinne agus loisg e na bha e air a sgrìobhadh mun eachdraidh. Bha Oisean dall na sheann aois ach ghuidh e gum faigheadh e aon bhiadh mòr eile mar a bha aca ann an linn na Fèinne mus bàsaicheadh e.
Tron oidhche thill Bran, an cù a b' fheàrr a bha aig Fionn, agus Caoilte, an duine bu luaithe dhe na Fianntaich. Thug iad a-mach a shealg e agus fhuair iad fèidh mhòra. Bha an caoch air Bran agus b' fheudar cur às dha. Fhuair Oisean a fhradharc air ais le uisge àraidh agus dh'ith e na fèidh a bha iad air a shealg.
Nuair a thill e gu Naomh Pàdraig agus a sheall e meudachd chnàmh nam fiadh dha, chreid e e mun eachdraidh. Bhàsaich Oisean an oidhche sin agus cha d' fhuair Pàdraig an còrr dhen eachdradh.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Oisean
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Aonghas MacIllFhialain (AM): Oisean an dèidh na Fèinne. Oisean am fear mu dheireadh dhe na... an t-seann Fhèinn, dhe na gaisgich mhòra a bha an Èirinn. Agus bha e ag innse eachraidh na Fèinne do Phàdraig.
Bha Pàdraig a' sgrìobhadh, agus bha e a' cur teagamh ann am pàirt dhe na bha e a' cluinnteil. Cha robh e a' creidsinn gun robh an Fhèinn cho mòr no cho làidir 's a bha e a' cluinnteil idir.
Fhuair e an seo lorg fèidh agus shìn e do dh'Oisean i.
"Am faca tu," ars esan, "cnàimh fèidh anns an Fhèinn bu mhotha na am fear sin?"
"Chunnaic mise," ars Oisean, "cnàimh loin-duibh agus rachadh am fear seo tro tholl na smear aige."
"Hod," arsa Pàdraig, "mas e sin do sheanchas chan eil mi ag iarraidh a' chòrr dheth,"
'S rug e air na bha e a' sgrìobhadh, 's bhuail e air mhullach an teine e.
"Ò, a Phàdraig," ars esan, "a sheinneadh na sailm, 's ann leam fhèin is borb do chiall, nach do dh'èist car tamall sgeul ris an Fhèinn nach fhaca thu riamh."
Bha Oisean na sheann duine, agus e air fàs dall. Cha robh fradharc fhèin aige. Bha e na dhuine mòr a bha cleachdte ri biadh math nuair a bhiodh an Fhèinn a-mach nan neart gu h-àraid, agus bha e ag ionndrainn a' bhiadh a bha sin. Ged a bha Pàdraig an dèidh càin a chur air Èirinn airson a sheanair a bheathachadh.
Bha còta air Oisean agus bha e air a theannachadh mun cuairt air le seachd deilgne daraich. Bha e a' smaoineachadh iomadach turas, nam faigheadh e aon bhiadh math eile, agus na seachd deilgne daraich fhuasgladh, gum biodh e toilichte, gum bàsaicheadh e toilichte.
'S iomadh turas a dh'òrdaich e gun robh Caoilte, am fear a bu luaithe a bh' anns an Fhèinn, aige, agus Bran, an cù bu treasa a bh' innte, 's gum faigheadh iad aon chuairt air feadh nam fiadh fhathast.
Chaidh e an oidhche a bha seo a chadal co-dhiù. Agus, ò, cha robh e ach mì-shocair. Bha e a' cur char dheth. Rinn e an seo seòrsa de chadal a' teannadh faisg air a' mhadainn, ach cha robh e fada gus an do dhùisg e agus e air cudrom fhaireachdainn aig a chasan. Dh'fheuch e sìos agus gu dè bha sineach ach Bran, an cù bu treasa a bh' anns an Fhèinn, na laighe aig a chasan. Dh'fhairich e an seo gun robh rudeigin air a chùlaibh, agus dh'fheuch e, agus cò bha seo ach Caoilte, am fear a bu luaithe a bh' anns an Fhèinn.
Bha camhanaich na madainn air tighinn, agus 's ann a sgioblaich e e fhèin, agus thuirt e ri Caoilte:
"Suidhidh tusa air mo ghualainn agus stiùiridh tu mise, on a tha mi dall, agus bheir sinn leinn an cù, 's thèid sinn a-mach às dèidh nam fiadh."
Sin mar a bha. Dh'fhalbh iad. Bha Caoilte na shuidhe air gualainn Oisein agus Bran aig a shàil, agus Caoilte ga stiùireadh an rathad a bha e airson a dhol.
Ràinig iad an seo gleann. Agus bha fios aig Oisean, ged nach robh e a' faicinn, a' dìreadh 's a' teàrnadh, bha fhios aige nuair a ruigeadh e gleann. Agus dh'fhaighneachd e de Chaoilte:
"Dè tha thu a' faicinn."
"Tha mi a' faicinn fèidh," ars esan.
"Dè an seòrsa a tha thu a' faicinn?"
Dh'innis Caoilte.
"Ò," ars esan, "sliochd na luime loma ruaidhe," ars esan. "Cùm seachad orra."
Chùm iad romhpa. Ràinig iad an seo gleann eile.
"Dè tha thu a' faicinn."
"Ò, tha mi a' faicinn fèidh."
"Dè an seòrsa a th' ann?"
Dh'innis e dha.
"Ò," ars esan, "sliochd na deilgne dàsanaich. Cùm seachad orra sin."
Chùm e seachad orra sin. Agus nuair a chaidh iad na b' fhaide 's a nochd iad ri gleann eile:
"Ah," ars esan, "tha mi a' faicinn fèidh."
"Dè an seòrsa a th' ann?" ars Oisean.
Dh'innis Caoilte dha.
"Ah," ars esan, "na làn daimh dhonna throma a tha sin. Leigidh tu air falbh an cù."
Thàinig Oisean... thàinig Caoilte a-nuas far gualainn Oisein 's leig iad air falbh an cù. Chaidh an cù às dèidh nam fiadh. Bha Caoilte ag innse do dh'Oisean mar a bha an cù a' dèanamh, a' leagail fiadh às dèidh fiadh. Ach thuirt Caoilte an seo:
"Tha an cù a' tighinn," ars esan, "'s coltas a' chaoich air. Tha e air confhadh a ghabhail. Ma bhios e againn an-ceartuair marbhaidh e sin."
"Theirig thusa air mo chùlaibh," ars Oisean, "agus beir air ghaoirdean orm, 's nuair a ruigeas an cù, 's a chraos fosgailte, cuiridh tu mo làmh a-staigh na bheul."
Agus sin mar a bha. Thàinig an cù agus coltas an uabhais air. Agus dìreach nuair a ràinig e iad, stiùir Caoilte làmh Oisein a-staigh na bheul agus rug Oisean air theangaidh air agus thug e an teanga às a' bhun. Thuit an cù marbh.
"Thèid thu a-nist suas air mo ghualainn," ars Oisean, "agus thèid thu leam gu gleann àraid, agus nuair a ruigeas sinn e, innsidh mi dhut gu dè nì sinn."
Shuidh Caoilte air gualainn Oisein agus dh'fhalbh iad. Cha robh aca ri dhol fiadhaich fada. Ràinig iad an gleann, agus dh'fhaighneachd Oisean:
"Dè tha thu a' faicinn?"
"Tha mi a' faicinn toman luachrach mòr shìos mu ar coinneamh."
"Siuthad, ma-thà. Stiùir mise sìos chun an tom luachrach, agus nuair a ruigeas sinn an tom luachrach thig thu a-nuas far mo ghualainn agus cuiridh tu mo làmhan air an tom."
Seo mar a bha. Nuair a ràinig iad an tom luachrach 's a fhuair Oisean a làmhan air an tom, thug e aona spìonadh air. Thug e an tom luachrach a-nuas às a' bhun agus thàinig steall a-nuas às an tom a bha sin agus fhuair e mu na sùilean e, agus fhuair e a fhradharc. 'S nuair a fhuair e a fhradharc, cha robh sgeul aige air Caoilte. Ach fhuair e às an toll a bha sin an coire mòr a bh' aig muinntir na Fèinne a' bruich nam fiadh anns na lathaichean a chaidh seachad.
Thug e leis an coire 's thill e air ais. Chaidh e dhan a' ghleann anns an robh na fèidh air am marbhadh. Chuir e air dòigh ann a shineach na bha e a' smaoineachadh a dh'fheumadh e, agus ge be air bith dòigh air an d' fhuair e teine a dhèanamh, bhruich e a dhìol de shitheann nam fèidh. Agus dh'fhuasgail e an còta 's na seachd deilgne daraich, agus dh'ith e na b' urrainn dha. Agus tha mi cinnteach nach b' e sin am beag.
Nuair a dh'ith e gu leòr, fhuair e cnàimh loin-duibh. 'S e seòrsa de dh'fhiadh a tha sin. Agus thug e leis an cnàimh agus chaidh e air ais. Nuair a chaidh e air ais sheall e an cnàimh do Phàdraig, agus thuirt e ris:
"Seall siud," ars esan. "Faigh an cnàimh a bh' agad agus feuch a-nist cò aca as motha."
Fhuair Pàdraig an cnàimh lorg... luirg fèidh, agus rachadh e tro tholl an smear aig a' chnàimh a thug Oisean dhachaigh.
Bha Pàdraig an uair sin air a bheudachadh nach do sgrìobh e barrachd de dh'eachdraidh na Fèinne 's nach do... agus gun do loisg e na sgrìobh e. 'S ann a bha e ag iarraidh tuilleadh dhen eachdraidh.
"Ah," ars Oisean, "a Phàdraig, na fhuair thu dhe mo sheanchas a fhuair 's a' chuid nach d' fhuair chan fhaigh."
An oidhche a bha sin chaidh Oisean a chadal airson an turas mu dheireadh, 's cha do dhùisg e tuilleadh.
DE: Seadh, gu dearbh. Ò, uill, tha sin math.
AM: An robh i uile an siud a-nist?
DE: Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Agus... Tha sin ceart gu leòr. Agus tha mi air...
Boireannach: An do chuir [???], a Dhòmhnaill Eairdsidh?
DE: Cha do chuir fhathast. Tha mi airson fhaighneachd dhuibh a-nist, tha, cò aige a chuala sibh i.
AM: Chuala, aig Alasdair MacCuithein.
DE: Seadh.
AM: Anns a' Gheàrraidh. Fear aig an robh gu leòr eachdraidhean eile nam biodh cuimhne orra.
DE: Tha e coltach gun robh. Agus bhiodh e a' tighinn air chèilidh ann a sheo.
AM: Ò, bhitheadh, an-còmhnaidh.
DE: Sheadh.
AM: Bhiodh e a' tighinn dhan bhùthaidh co-dhiù.
DE: Agus 's e taigh-cèilidh a bha seo anns na seann lathaichean, taigh-cèilidh math a bh' ann co-dhiù, tha e coltach.
AM: Ò, 's e, 's daoine... seann daoine aig an robh eachdraidhean, gu leòr dhiubh mun cuairt.
DE: Agus sin mar a chuala sibh fhèin e.
AM: Sin mar a chuala sinne e. 'S ann.
DE: Aidh. Ò, uill, tha sin math. 'S an cuala sibh, tha, MacCuithein ag innse na tè a tha seo tric?
AM: Chan eil beachd agamsa gun cuala mi ro thric idir i, ach feumaidh gun cuala mi cho tric 's gun tug mi leam i co-dhiù.
DE: Seadh. Seadh. Ò, uill, tha i glè mhath agaibh cuideachd.
AM: Ach 's iomadh turas, tha mi cinnteach, a dh'innis e.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math