Murchadh Geàrr agus Oighreachd Loch Buidhe

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 5107
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.100.6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.100

Geàrr-chunntas

Murchadh Geàrr agus Oighreachd Loch Buidhe.

Chaill Murchadh Geàrr oighreachd aig aon àm. Dh'fhalbh e a-null a dh'Èirinn gu Iarla Aontraim agus thill e le sia duine deug gus Caisteal Loch Buidhe fhaighinn air ais. 'S e am fear a bha a' stiùireadh a' bhàta am fear bhon tàinig am fiosraiche. Nuair a dh'fhaighnich cuideigin dha dè an t-ainm a bha air, thuirt e: "Bu Mhoireasdanach an-diugh mi, ach 's mac na h-oidhche th' annam a-nochd." Agus mar sin, theireadh iad Clann na h-Oidhche ri sìol a' Mhoireasdanaich. Ri linn seanair agus sinn-seanair an fhiosraiche, bhiodh Tighearna Loch Buidhe a' cur fios orra aig a' Bhliadhn' Ùir agus a' toirt aoigheachd mhìorbhaileach dhaibh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Murchadh Geàrr

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Muile

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Muile

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Nise, saoil an cuala sibh iomradh air fear de Chlann 'IllEathain Loch Buidhe ris an canadh iad Murchadh Geàrr?

Dòmhnall Moireasdan (DM): Chualaig.

CM: Dìreach.

DM: Chualaig, Murchadh Geàrr, airson Murchadh Geàrr... Murchadh Geàrr... chaidh e... chaill e an oighreachd aig aon àm, agus dh'fhalbh e a-nunn do dh'Èirinn far an robh Iarla Aontraim. Agus thill e, agus sia fir dheug leis à... à Aontraim a thoirt a-mach a' chaisteil air ais. Agus bha iad ag iomain Latha Nollaig ann an Èirinn. Agus dh'innis e do dh'Iarla Aontraim dè bha a dhìth air. Agus thuirt Iarla Aontraim ris:

"Tha iad ann an sin, ag iomain, agus tagh fhèin sia-deug a-mach às a sin."

Agus thàinig iad às a sin gus an tàinig iad air tìr ann an ceann shuas Mhuile, àite ris an abair iad Java. Agus 's e sin agaibh a' chiad duine de na daoine on tàinig mise. 'S ann às Èirinn a thàinig e. 'S e bha a' stiùireadh a' bhàta.

Agus nuair a thàinig e air tìr agus a thàinig an oidhche, thuirt duine a dh'amais ris air an rathad a bh' ann:

"Cò ainm a th' ort?"

Thuirt e:

"Bu Mhoireasdanach an-diugh mi ach 's e mac na h-oidhche a th' annam a-nochd."

Cha robh fhios aige càit am fanadh e. Agus theireadh iad Clann na h-Oidhche ri pàirt de na daoine bhon tàinig mise.

CM: Ò, tha seo math. Tha seo math, math, math.

DM: Agus rinn iad air a' chaisteal thall agus thug iad a-mach Caisteal Loch Buidhe. Agus dh'fhuirich iad ann an seo, ann am Muile. Agus o shean, mo sheanair 's mo shinn-seanair, bhiodh Tighearna Loch Buidhe a' cur fios orra aig Bliadhna Ùr 's gan toirt a-suas agus a' toirt aoigheachd uabhasach dhaibh.

CM: Dìreach. A chionn 's gur... gur e sibh a thàinig còmhla ris. Uill, 's e... 's e... 's ann às Èirinn a thàinig bhur daoine. Uill, tha an naidheachd sin math, math a-niste.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math