Search

Na seòladairean a chaidh a mharbhadh, agus leac an duine mhò...

Date August 1966
Track ID 57635
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.061

Original Tape ID

SA1966.061

Summary

The sailors who were killed, and the big man's tombstone.

The Hogharry women were collecting shellfish one day when a boat appeared. They ran home and informed their men folk, who went and dispatched all the boat's crew. One of them, a great big man, was buried under a large flagstone. Years later, whilst looking for a lintel, somebody discovered large bones under a flagstone.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Hougharry

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Agus a bheil cuimhn' agaibh cuideachd, rud a bha sibh ag innse dhomh, nach e Alasdair MacCuithein an t-ainm a bh' air an duine sin...

Ruairidh Dòmhnallach (RD): 'S e.

IM: ...thall taobh Thaigh a' Gheàrraidh? 'S bha naidheachd air choreigin aigesan mu bhlàr a chaidh a chur, agus nach d' fhuair sibh... nach robh sibh a' faighinn...

RD: Bha, bha.

IM: Innisibh mar a thachair sin a-nis.

RD: Bha... bha boireannaich ann an t-Hòigearraidh as t-earrach a' togail maorach, agus chunnaic iad bàta a' tighinn a-staigh, agus bha a leithid an uair sin a dh'eagal aca ro bhàta mòr a bha a' tighinn, gur ann a' tighinn a thogail creiche a bhiodh i, agus 's ann ri sin a bha i cuideachd. Uill bha na fir uile anns a' bheinn a' buain mhònadh, agus thàinig iad dhachaigh agus chrùb iad air ais à sealladh a' bhàta, 's chuireadh fios chun an fheadhainn... na fir a bha sa mhonadh. Agus thàinig am bàta gu tìr, gu cladach, agus thàinig na daoine air tìr, agus thuirt iad gun d' reigheadh iad suas, agus gum faiceadh iad cor an àite an toiseach, mun toireadh iad armachd no dad leotha. Rinn iad suas, agus gu dè ach bha an armachd a bha a' buain mhonadh air tighinn, agus thàinig iad, agus càit an deach iad sìos a dh'fheuchainn ach am faigheadh iad na daoine, agus a h-uile dad a ghabhadh bualadh air duine a mharbhadh, bha e aca, maidean 's pìosan iarainn 's a h-uile rud riamh, agus 's ann a fhuair iad a-mach gur ann a bha na daoine an taobh shuas dhiubh, 's bha iadsan eadar na daoine agus am bàta, 's cha robh armachd no dad aca.

Agus bha aon duine mòr ann, chan fhaca duine riamh a leithid uimhir ris. Agus mharbh iad a h-uile duine aca, agus mharbh iad an duine mòr a bh' ann a sheo, agus chaidh a thiodhlacadh... chaidh a thiodhlacadh agus leac a chur air a mhuin. Agus bha... cò seo e a-nist a bha a' togail taigh? Fear a chlann Alasdair Òig. Bha e a' togail taigh agus bha iad ag iarraidh àrd-doras. Agus thuirt cuideigin gun robh leac ann a leithid seo a dh'àite a bhiodh uabhasach math, ri taobh clachan mòr a bh' ann. Chaidh iad suas, 's thog iad an leac le gèimhleagan 's le rudan, agus bha cnàmhan duine fodha, agus chan fhaca duine riamh anns an t-saoghal duine... bha Ailig Mòr a bha an Loch nam Madadh... bha e gu math càirdeach dhut.

Boireannach neo-ainmichte (B): M' uncail.

RD: 'S e. Chan e.

B: Chan e.

RD: Chan e. Chan e, ach do sheanair.

B: Mo sheanair, seadh.

RD: Agus nuair a sheasadh e mar siud, an cannon bone aige, nuair a chuireadh e cnàimh na luirginn aige... tha mi a' smaoineachadh gur e cnàimh na luirginn. Nuair a chuireadh e air an ùrlar e, bha e a' ruighinn suas sin.

IM: Agus 's e duine mòr a bh' ann an Ailig Mòr ma-thà?

RD: Bha còrr mòr 's sia troighean 's dà òirlich no mar sin ann. Agus co-dhiù, mharbh iad a h-uile duine dhe na daoine, agus an duine a bh' ann a shin, a-rithist, mharbh iad e fhèin, agus bha an stòiridh air a dèanamh... bha Alasdair, bha e a' bruidhinn air rudan uabhasach, agus leabhraichean, bha leabhraichean aige nach cuala sibh riamh, bha e air collection [???]... a leabhraichean aig an duine ud, chan eil [?leithid sam bith] [???], ghoideadh e iad nam faiceadh e iad. Cha robh an còrr mu dheidhinn ach bhiodh iad aige, agus sgoilear uabhasach math, 's cha deach e riamh a-steach a sgoil, ach cha chuala thu leithid... duine cliobhar. Agus sin a-nis an rud a chuir solas, na cnàmhan a bh' ann a sheo, air stòiridh Alasdair MhicCuithein.

IM: Dìreach. Bha fìrinn innte. Bha an duine... bha an duine ann.

RD: Bha an duine ann. Agus fhuaradh na cnàmhan aige, 's bha e soilleir ri fhaicinn gur e... nach robh duine sam bith, sam bith, sam bith san dùthaich, dhe leithid a dhuine, 's rinn sin an stòiridh uile cinnteach.

IM: Dìreach. Dìreach. Nist, bha mi a' dol a dh'fhaighneachd, nuair a bha sibh a' bruidhinn air dùsgadh na lice a bha sin, fon àrd-doras, an cuala sibhse riamh facal, tha mi a' smaoineachadh gum biodh e aca ann an Uibhist, can nam biodh sibh a' dùsgadh na cloiche mar sin, agus gun robh i doirbh a gluasad, dìreach a' chiad ghluasad beag a dhèanadh i, gun do dh'aidich i. Cha chuala sibh sin riamh, no cha chanadh sibh fhèin e?

RD: Cha chuala. 'S e facal math Gàidhlig a bha sin air an adhbhar.

IM: Dìreach, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good