Search

Strùan.

Date October 1966
Track ID 60570
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.83.A4

Original Tape ID

SA1966.083

Summary

Strùan [St Michael's cake].

The word 'strùan' is a shortened version of 'sruth arain'. These words are associated with the manna in the Bible. People always made St Michael's cake on St Michael's Day, 29th September.

Food would be scarce beforehand during the summer months. The flour from the first crop of corn and other good ingredients went into the cake. Each member of the family used to get a cake. People still [1966] make it on 29th September.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus, rud eile, an cuala sibh riamh guth air bonnach strùain no strùan?

Curstaidh NicAoidh (CN): Chuala.

DE: Nist, dè bha sin?

CN: Ò rinn mise fear an latha roimhe, gu dearbha cha robh e ro mhath!

DE: 'S cuin a bhiodh sin aca a-nist?

CN: Bha e aca Latha Fèill Mhìcheil, agus feumaidh gun robh e ann, dìreach, ro àm linn Chrìosd, a chionn 's ann mar chuimhneachan agus mar onair ris a' mhàna o shean a bha... an t-aran a bha a' tighinn à flaitheanas, sin a dh'fhàg strùan air. 'S ann air a ghearradh sìos gu 'sruth arain'. Abraibh... mar gum biodh... meall arain, sin a dh'fhàg strùan air agus 's e am beachd a bh' ann... 's e a' chiad chuid a thoradh na buana a bha a' dol san t-strùan agus bhiodh an t-aran... bhiodh am biadh cho gann gus an tigeadh... theirigeadh a' mhin a bh' aca, abraibh, deireadh an earraich 's an t-samhraidh, 's bha na... bha na mìosan a-null August 's July, September, bha iad car gann. Agus bha iad an uair sin a' dèanamh fòghail mhòr ris a' chiad eòrna a ghearradh iad. Bha iad a' gearradh na sguaban eòrna 's gam bualadh 's gan cruadhachadh 's gam bleith, cinnteach nach robh muilnean ann san àm. Agus bha iad an uair sin a' dèanamh an arain a bha seo an onair agus mar chuimhneachan air an aran a thàinig à nèamh, thar nan linntean, fhios agaibh. Agus bha a h-uile sìon a b' fheàrr a bha ri fhaighinn mun dachaigh a' dol ann, mar a bha uachdar 's ìm 's siùcar, ma bha e ann, agus bhathar an uair sin a' dèanamh bonnach air a sin agus tha e coltach o chionn fada gum biodh bonnach an duine... bha cuimhne aig m' athair fhèin air bonnach an t-aon a bhith aig a h-uile duine a bha a-staigh, dhen chloinn. Bhathar a' dèanamh a' bhonnach a bha sin dhaibh. Sin mar a thàinig... sin mar a thugadh an strùan air - sruth arain.

DE: Seadh, ach bidh feadhainn ga dhèanamh fhathast?

CN: Ò tha. Tha sinne ga dhèanamh fhathast.

DE: 'S a bheil cus ga dhèanamh?

CN: A h-uile duine a tha...

DE: Agus an ann aig an fhèill...

CN: Latha... naoidheamh latha fichead de September a thathar ga dhèanamh, airson Fèill Mhìcheil.

DE: 'S tha a h-uile teaghlach an seo ga dhèanamh fhathast?

CN: Tha, tha. Agus tha iad ga dhèanamh, agus bha bodach an siud ann agus bha e ag ràdh, Latha Fèill Pheadair againne air an naoidheamh latha fichead de... dhen mhìos mheadhanach dhen t-samhradh, agus bhiodh biadh cho gann aig an àm sin, bha an gnothach air tòiseachadh ri fàs gann, bha a' mhin... min na bliadhn-uiridh air teirigeachdainn agus cha bhiodh mòran a' dol, agus bha am bodach a bha seo ag ràdh latha 's caob mòr strùain aige... Latha Fhèill Mìcheil ga ghreimeadh ann a shin, 's bha e ag ràdh:

"Bu tu fhèin an duine, a Mhìcheil," ars esan, "agus cha b' e Peadar."

Ò tha, nì daoine strùan fhathast. Chì sibh iad air showachan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good