Search

Prògram Choinnich

Date 27 March 1997
Track ID 6243
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 27.03.1997

Summary

A story from Badenoch, near Kingussie, of a death premonition concerning an army captain called Iain MacPherson.

Donald Archie MacDonald tells a story from Badenoch where there was a man called Iain MacPherson, an army captain known as the 'Black Officer'. Some said he got the name from his dark appearance, but others said it was because of his wickedness and that he had sold his soul to the Devil.

The Napoleonic Wars were in progress at the time. The Officer was deceitful in the way he recruited young men for the army, by passing them the King's shilling. The people hated him.

He used to go hunting with friends on the hill. One night, they were in the hunting bothy when a mysterious individual came to speak to the Officer, telling him: "This is the night." However, the officer said there was another year to go. The shooting party returned home.

The next year they returned and there was a fearsome storm. Local people went looking for the hunters and found the remnants of the bothy and then the mutilated bodies of the hunters, with horrified expressions on the faces.

They lifted the bodies, but could not move the Officer's body until they announced they would take it "in the name of the Evil One".

The story can be found in 'The Highlands' by Calum MacLean.

Item Subject/Person

Mac a' Phearsain, Iain [An t-Oifigeach Dubh]

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kingussie and Insh

Village/Place - Kingussie

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Dòmhnall Eairdsidh còmhla rium airson an turas mu dheireadh an-dràsta. Tè dhe na sgeulachdan aige bho bheul-aithris. Tha Dòmhnall Eairdsidh air a bhith còmhla rium bhon an t-Samhain. Còrr agus fichead sgeulachd, agus gu leòr eile sa mhàileid aige. Tha mi 'n dòchas gun cluinn sinn cuid dhiubh sin uair eile. Ciamar, a Dhòmhnaill Eairdsidh, a tha do chèilidhean air a bhith a' còrdadh riut?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Och 's ann a tha iad a' còrdadh rium fìor mhath. Tighinn a-staigh caran tràth ann a sheo a Phort Rìgh, ach...

CM: Uill, tha iad a' toirt air daoine a bhith ag èirigh tràth sa mhadainn co-dhiù.

DE: Uill, tha sin ann cuideachd.

CM: Cà 'il sinn a' dol airson an tè bho dheireadh, ma-thà?

DE: Tha do Bhàideanach, faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

CM: Cuin a bha an sgeulachd seo ann?

DE: Ò bha... uill tha fhios againn le cinnt gun do thachair an gnothach a bha seo, agus 's ann... tha mi a' smaointeachadh gur ann an 1800 no dìreach a' bhliadhna ron a sin no a' bhliadhna às a dhèidh a bh' ann.

CM: 'S cò na phrìomh phearsachan a th' againn?

DE: Uill, 's e duine ris an canadh iad... Iain Mac a' Phearsain an t-ainm a bh' air. Bha e na chaiptean san arm agus 's e an t-Oifigear Dubh, no an t-Oifigeach Dubh mar a chanainn-sa. 'S e a bh' aca air mar bu trice. Oifigear Dubh Bhaile a' Chròthain.

CM: Dè am baile?

DE: Baile a' Chròthain. 'S e baile fearainn a bha sin, faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

CM: Ò uill, chan eil mi... airson nach inns thu dhomh cus mu dheidhinn. Dè mu dheidhinn dìreach an sgeulachd innse dhomh man a chuala tusa i.

DE: Seadh ma-thà. Bha uaireigin ann an siud, ma-thà, ann am Bàideanach, faisg air Ceann a' Ghiùthsaich, ann an àite ris an canadh iad Baile a' Chròthain, fear agus 's e an t-ainm a bh' air Iain Mac a' Phearsain. Bha e na chaiptean anns an arm Bhreatannach, agus 's e an t-ainm bu trice a bha e a' faighinn, an t-Oifigear Dubh, no Oifigear Dubh Bhaile a' Chròthain, no mar a thuirt mi, an t-Oifigeach, mar is tric a chanainn fhèin.

Bha cuid a' ràdh gun d' fhuair e an t-ainm seo a chionn gun robh e dorcha, daithearra anns a' chraiceann agus gun robh gruag mhòr de dh'fhalt dubh air, ach chanadh feadhainn eile nach e sin idir a dh'fhàg an t-Oifigeach Dubh air, ach gur e an t-adhbhar gur e fìor dhroch dhuine a bh' ann. Gu dearbha, bha e air a ràdh gun robh e fo bhuaidh chumhachdan an Dorchadais agus gun robh e air e fhèin a reic ris an Donas, ris an Droch Spiorad.

Co-dhiù no co-dheth, tha e coltach gun robh adhbhar gu leòr aig muinntir na dùthcha a bhith air an oillteachadh ron an Oifigeach Dhubh. Bha cogadh a' dol eadar Breatainn agus an Fhraing aig an àm - Cogadh Napoleon mar a chanadh iad - agus bha an t-Oifigeach Dubh air leth dealasach gu bhith a' togail dhaoine dhan arm, agus gan càradh a-null a chogadh dhan an Fhraing, a dheòin no a dh'aindeoin. Anns an latha a bh' ann, nan gabhadh tu mar a chanadh iad tastan an rìgh na do làimh, bha sin ga mheas mar chomharra agus mar chùmhnant gun robh thu air do ghabhail anns an arm, agus dìreach gu bhith na do shaighdear.

Agus 's e seo, bha iad a' ràdh, aonan de na cleasan a bh' aig an Oifigeach Dhubh airson fir òga a mhealladh leis dhan an arm. Thachradh e ri fir... ri fear òg air choreigin agus dh'fhiathaicheadh e a-staigh e do thaigh-seinnse gu drama, agus o dhrama gu drama gus am biodh an deagh smùid air a' ghille bhochd. Bhiodh an Caiptean an uair sin a' feitheamh a chothruim agus gun fhios gun fhaireachadh chuireadh e bonn tastain ann am pòcaid a' ghille. An uair sin an ceann tiotan chanadh e:

"Seadh ma-thà, tha thu na do shaighdear a-nist."

"Chan eil mi," chanadh an gille.

"Ò tha thu," chanadh esan. "Ghabh thu airgead an rìgh."

"Cha do ghabh," chanadh am fear eile.

"Feuch do phòcaidean ma-thà," chanadh an Caiptean.

Dhèanadh e sin agus bhiodh an tastan ann a shin gu riochdail na phòcaid. Cha robh aig a' ghille bhochd sin an uair sin ach gabhail anns an arm, agus bha gu leòr dhiubh a dh'fhalbh 's nach do thill. Gu leòr eile a dh'fhalbh 's a thill 's iad air an droch leòn agus air am milleadh.

Bha, mar a chanadh iad, am press gang trang anns na h-amannan sin cuideachd, a' togail dhaoine dhan nèibhidh agus dhan an arm cuideachd, an aghaidh an toil. Cha b' iongnadh e, ma-thà, ged a bha sluagh na dùthcha air an oillteachadh ron an Oifigeach Dhubh, agus ged a bhiodh mallachdan phàrantan agus bhanntraichean agus chloinne a' leantainn a leithidean sin a dhaoine, agus cha b' iongnadh e ged a bhite a' fàgail air gur ann fo bhuaidh an Droch Spioraid a bha e. Bhathar a' ràdh cuideachd nuair a thigeadh an t-àm gun tigeadh an Droch Fhear fhèin, gun tigeadh an Donas a dh'iarraidh an Oifigich Dhuibh.

Co-dhiù, còmhla ris gach rud eile a bha fa-near dha, bha an t-Oifigeach Dubh, bha e uabhasach miadhail air a bhith a' dol a shealg. Bha bothan-seilge a-muigh ann am Monadh Ghàdhaig, mu letheach rathaid eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus Blàr Athaill, agus bhiodh e fhèin agus cuid dhe a chàirdean a' dol a sin gu math tric, ach gu seachd àraid mu àm na Nollaige. Bhiodh iad uaireannan a-muigh an sin fad grunn làithichean. Gu dearbha, chan e bothan a bu chòir a ràdh ris an àite a bh' ann idir. 'S e bh' ann ach taigh gu math làidir air a dheagh chlachaireachd.

A' bhliadhna a bha seo co-dhiù, mu àm na Nollaig, chaidh an t-Oifigeach Dubh agus buidheann dhe a chàirdean a-mach dhan taigh-sheilge. Bha iad nan suidhe ag òl mun a' mheadhan-oidhche nuair a thàinig gnogadh dhan an doras. Dh'èirich an t-Oifigeach Dubh a-mach agus dhùin e an doras às a dhèidh. Ged a bha an oidhche grànda, stoirmeil, chluinneadh an fheadhainn a bha a-staigh beagan dhen a' chòmhradh a bha a' dol a-muigh. Chluinneadh iad guth a' Chaiptein agus guth aognaidh, neònach eile.

"Is e a-nochd an oidhche," ars an guth coimheach.

"Chan e a-nochd an oidhche idir," ars an t-Oifigeach Dubh, "ach bliadhna gus a-nochd."

Co-dhiù, chaidh sin seachad agus thill an t-Oifigeach Dubh a-staigh, ach cha tug e guth ri càch dè mar a thachair a-muigh, eadar e fhèin agus an srainnsear. Thill iad uile dhachaigh an làrna-mhàireach a Chinn a' Ghiùthsaich.

Chaidh a' bhliadhna sin seachad co-dhiù, mar a thèid a h-uile bliadhna, agus aig àm na Nollaig a-rithist rinn an t-Oifigeach Dubh agus buidheann dhe a chàirdean deiseil airson a dhol a-mach dhan a' bheinn-sheilg. Bha còigear eile deiseil gu bhith a' falbh còmhla ris, ach 's e ceathrar a dh'fhalbh. Bha an còigeamh fear, bha e dìreach a' fàgail an taighe aige fhèin nuair a leum an cù aige suas air a bheulaibh agus sgreann agus coltas an aoig air. Chàirich e a dhà spòig thoisich air uchd a mhaighstir mar gum biodh e a' feuchainn ri bacadh a chur air. Dh'iarr e air a' chù laighe, ach thachair an rud ceunda an dàrna turas, agus a-rithist an treas turas. 'S ann a smaointich an duine an uair sin aige fhèin gun robh an cù a' feuchainn ri rabhadh air choreigin a thoir dha, agus 's ann a leig e às a cheann gum falbhadh e idir, agus dh'fhan am fear sin aig an taigh.

Dh'fhalbh an ceathrar eile co-dhiù, còmhla ris an Oifigeach Dhubh. Bha iad air a chur romhpa gun cuireadh iad seachad grunn làithichean ann am Monadh Ghàdhaig. Dà oidhche an dèidh dhaibh a dhol a-mach, thàinig i na h-uabhas, le stoirm eagallach de chur 's de chabhadh nach robh cuimhne aig duine beò anns an àite air a leithid fhaicinn riamh. Thàinig Latha Nollaig ach cha tàinig sgeul air an fheadhainn a dh'fhalbh. Thòisich muinntir an àite air dragh a ghabhail, agus 's ann a dh'fhalbh fear dhiubh a-mach dhan a' bheinn feuch am faigheadh e ròs air na sealgairean.

Nuair a ràinig e Gàdhaig ghabh e oillt agus uabhas nuair a chunnaic e an sealladh a bha roimhe ann a shin. Cha robh sgeul air bothan no air duine dhen fheadhainn a bha e a' lorg, ach dìreach aona raon mhòr de chitheachan domhainn sneachda. An dèidh dha a bhith treis a' siubhal, thàinig e air bonaid ann a shin agus air adharc-fhùdrais am measg an t-sneachda, ach cha robh sgeul air a' chòrr.

Thill am fear sin dhachaigh na chabhaig a Cheann a' Ghiùthsaich agus sgaoil an naidheachd air feadh na coimhearsnachd. Dh'fhalbh e fhèin agus sgiobadh de dh'fhir, fir an àite, an làrna-mhàireach a-rithist. An dèidh dhaibh a bhith deagh ùine a' cladhach agus a' siubhal ann a shin am measg an t-sneachda, thàinig iad mu dheireadh air làrach a' bhothain agus gun chlach air fhàgail na seasamh anns an làraich. Fhuaradh na cuirp aig na sealgairean agus àirneis a' bhothain air a sgapadh fad 's farsaing. Bha iad a' ràdh gun robh cuid dhiubh aig astar suas ri 500 slat air falbh on an làraich. Bha na cuirp cuideachd air an droch mhilleadh agus bha coltas an aoig, bha iad a' ràdh, agus coltas an uabhais air na h-aodainn aca, agus sgreann eagallach air na coin-sheilge.

Co-dhiù, chaidh na closaichean bochda sin a chruinneachadh agus an togail air lunnan, agus rinn iad deiseil gu falbh dhachaigh leotha. Bha corp an Oifigich Dhuibh air thoiseach, agus thuirt am fear a bh' air ceann nan daoine:

"Falbhamaid," ars esan, "ma-thà, an ainm an Tighearna."

Ach ge be air bith gu dè mar a dh'fheuchadh iad, cha togadh iad corp an Oifigich Dhuibh às a siud. Thuirt an uair sin seann duine glic a bha nam measg:

"Falbhamaid, ma-thà, an ainm an fhir dha robh e a' dèanamh seirbheis. Falbhamaid an ainm an Droch Fhir."

Thog iad an uair sin na cuirp agus dh'fhalbh iad leotha gun strì, agus corp an Oifigich Dhuibh air thoiseach a' ghiùlain.

Ach cha robh iad air a dhol fada sam bith nuair a thàinig an latha dìreach na uabhas, le cur 's cabhadh a-rithist nan aghaidh, agus b' fheudar dhaibh stad. Ach 's ann a thuirt an seann duine glic an uair sin:

"Cuireamaid corp an Oifigich Dhuibh air deireadh a' ghiùlain," ars esan, "gu 'm faic sinn dè thachras an uair sin."

Rinn iad sin, agus tha e coltach gun do shìolaidh an stoirm gu grad, agus chaidh aca air cumail romhpa. Thugadh na cuirp dhachaigh agus thìodhlaiceadh iad.

Agus 's e sin a' chrìoch bhochd a thàinig air Oifigeach Dubh Bhaile a' Chròthain agus air an fheadhainn a bha ga leantail. Ach sgaoil an naidheachd fad 's farsaing, agus is iomadh h-àite anns an robhar ga h-innse às a dhèidh sin, eadar Tìr-mòr agus gu dearbha na h-Eileanan. Agus is iomadh manadh, bha iad a' ràdha, air an robh daoine a' bruidhinn. Rudan, a bha iad a' ràdh, a dh'fhairich daoine fad bhliadhnaichean mun do thachair an gnothach idir.

Agus sin agaibh co-dhiù sgeulachd an Oifigich Dhuibh, no Call Ghàdhaig mar a chanadh cuid ris. Sin agaibh e, ma-thà.

CM: Dhà no thrì rudan ann an sin, a Dhòmhnaill Eairdsidh. Follaiseach ann an sin gun robh daoine a' creidsinn chan ann a-mhàin anns an Tighearna, ach ann an cumhachd an Dorchadais 's an t-Sàtain cuideachd; an cumhachd a bh' aige.

DE: Bha, agus tha mi a' smaoineachadh gun robh gu leòr a' creidsinn anns a' ghnothach a bha sin, 's gu dearbha tha gu leòr, tha mi a' creidsinn, a bhios a' creidsinn ann fhathast.

CM: An cù, a' feuchainn ri stad a chur air a mhaighstir?

DE: Bha. A-nis, cluinnidh tu rudan mar sin ann an stòireannan gun teagamh, agus tha iad a' ràdh, bheil fhios a'd... bha daoine a' ràdh gur e taibhsearan math a bh' anns na coin agus anns na h-eich, bheil fhios a'd; gum fairicheadh iad rud nuair nach fhairicheadh daoine e.

CM: Uill 's e sin a bha mi a' dol a ràdh. An cù nas mothachail air cumhachd an t-Sàtain, no cumhachd an Dorchadais, na bha na daoine.

DE: Sin agad dìreach e.

CM: Agus a-rithist, 's e seòrsa rud sin a nochdadh ann an grunnan sgeulachdan?

DE: Ò tha gu dearbha. Bha an seòrsa rud a bha seo gun teagamh, bheil fhios a'd, daoine a bha...

CM: Cò thog an tè sa?

DE: Ò uill, tha i air a bhith ann an leabhraichean. Tha i ann an leabhraichean... o chan eil cuimhn' agamsa dè an t-ainm a bh' air a' chiad leabhar anns am faca mise e. The Legends of Badenoch, no Srathspey, no rudeigin mar sin a bh' orra. 'S chan eil fhios a'm cò sgrìobh e, ach cuideachd tha seòrsa dhith anns an leabhar ainmeil aig Calum MacIllEathain nach maireann, 'The Highlands'. Tha i ann a shin. 'S och, tha i ann an àiteachan eile cuideachd, 's chaidh a recordadh thall 's a-bhos, bheil fhios agad, eadar Uibhist 's Bàideanach fhèin, 's Loch Abar, Mùideart, na taobhannan sin uile.

CM: Tha mòran dhe na seann sgeulachdan sin gu fortanach againn air clàr, air an sgrìobhadh a-nise. Ceist a bhios orm uairean - a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil gin a sgeulachd, ma dh'fhaodas sinn a chur mar seo, a-muigh ann an sin fhathast nach deach a sgrìobhadh; nach deach a clàradh? No a bheil latha nan seann sgeulachdan, a bheil iad seachad?

DE: Tha mise a' smaointeachadh, gu h-àraid am measg nan seann daoine, gu bheil cuid mhath fhathast nach deach a thogail 's dòcha riamh. Air neo, a bheil fhios agad, feadhainn a chaidh an togail ach a th' aig daoine fhathast am measg an t-sluaigh, agus gu dearbha bha feadhainn dhe na h-oileanaich againn fhèin, bhiodh iad a' dol a-mach ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, 's chan eil ach beagan bhliadhnaichean on a thog an nighean a bha ag obair againn, 's cha robh Gàidhlig aice idir mas math mo chuimhne, ach thog i tòrr de naidheachdan mu bhòcain 's mu thaibhsean, ò, mòran naidheachdan timcheall air Baile a' Chaolais, agus cha robh for againne gun a sin gun robh na naidheachdan a bha sin a' dol idir am measg nan daoine. Agus dh'fhaodadh gu leòr eile a bhith ann mar sin. Fhios a'd, chan eil daoine ag innse naidheachdan dha chèile mar a b' àbhaist dhaibh a bhith, ach tha iomadach rud ann an cuimhne nan seann daoine fhathast, nan tigeadh iad a-mach leotha.

CM: Uill, bhiodh e math gu dearbha nam faigheadh sinn dòigh air choreigin air sin a dhèanamh. Mo thaing dhutsa, a Dhòmhnaill Eairdsidh, airson a bhith a-staigh còmhla rium an-diugh. Mo thaing dhut airson nan sgeulachdan a tha thu air a bhith a' toirt dhuinn fad a' gheamhraidh. Bha iad caran eagallach, feadhainn aca, ach tha sinn ann an seo fhathast a' dh'aindeoin iad.

DE: Tha. Tha sinn uile beò fhathast.

CM: Tha. Ceud mìle taing dhutsa gu dearbha.

DE: Ah uill, tapadh leat fhèin.

CM: Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ann an sin.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good