Search

Cha b' ann a Shireadh Mine no Gràin

Date 24 November 1978
Track ID 65536
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1978.147

Original Tape ID

SA1978.147

Summary

Old verse concerning the MacLeods of Raasay and the MacKenzies of Kintail. The MacLeods of Raasay were descended from MacLeods of Lewis. In this poetry, the Raasay folk are, as it were, mocking the Kintail folk, as they were wont to side with their Lewis cousins.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Somhairle MacGill-Eain (SM): Bha reamsgal againn an Ratharsair, mu dheidhinn MacCoinnich a' dol a Leòdhas. Niste, tha mi cinnteach gu bheil fhios aig mòran dhibh gur ann de shìol Thorcaill Leòdhais a bha Clann 'ic Leòid Ratharsair, agus dh'fhaodadh gur h-e an rud a tha seo, feadhainn de muinntir Ratharsair a' magadh air muinntir Chinn t-Sàile airson gun robh iad a' taobhadh ri an càirdean - sìol Thorcaill - ann an Leòdhas.

Niste, 's e reamsgal, tha e na mhagadh air Gàidhlig Chinn t-Sàile, agus a bharrachd air a bhith a' cleachdadh fuaimean nach eil an Ratharsair agus a tha an Cinn t-Sàile, agus uaireannan fuaimean nach robh an Ratharsair no an Cinn t-Sàile, agus cuideachd faclan - dh'fhaodadh gun robh feadhainn dhe na faclan sin ann an Cinn t-Sàile 's dh'fhaodadh nach robh. Ach co-dhiù, tha duine a' faighneachd an toiseach: "Cionnas a chaidh MacCoinnich a Leòdhas?" - cha chan sinne cionnas an Ratharsair uair sam bith - agus an dèidh dhan cheist, cionnas a chaidh MacCoinnich a Leòdhas, tha am freagairt a' dol:

Cha b' ann a shireadh mine no gràin a chaidh MacCoinnich a Leòdhas, ach le bàta caol cumhann de bhìth 's de dh'iùbh 's de dh'iarann. Shlaod iad sìos i air na clachaibh 's chuir iad a-mach i, 's chuir iad a ceithir casa-ciabain rithe, 's ah, ghaolaich, 's iad fhèin a chiabanaicheadh i. An uair sin, chuir iad suas bod mòr an t-soirbheis agus thog iad poca na sgreaba ris, agus thòisich i air bodais 's air dodais 's air sìor thogadh a tòine 's air leigeadh a toisich. Thuirt am fear claon ruadh a bh' air maide na ceille ga ramasachdainn rium fhèin abhsag a thoirt dhi. Cha robh fhios a'm fhèin ciod e bu chiall dha abhsag ach smuainich mi air an sgian-dubh [???] a bha na mo phòca, 's gheàrr mi ròpa dubh a bh' anns a' ghòm, 's thuit poca na sgreaba mu chluasan an fhir chlaoin ruaidh a bh' air maide na ceille ga ramasachdainn. Chitheadh thu... tha... am fear thall 's a-bhos na shlaod eadar na maidsichean-traisg. Leigeadh fear shìos brùchd dhe bheath' às, leigeadh fear shuas brùchd dhe bheath' às, leigeadh MacCoinnich fhèin brùchd dhe bheath' às, gus mu dheireadh gun do leig mi fhèin uiread ceann-searraich dhe mo chac asam. Siud mar a chaidh MacCoinnich a Leòdhas.

Ian Paterson (IP): Agus a-nise, an innseadh sibh cà 'n cuala sibh seo, no cò aig a fhuair sibh e, no...?

SM: Uill, chuala mi an Ratharsair o dhuine no dhà e, anns an teaghlach againn fhìn, agus bhiodh iad a' feuchainn ris... ri an Gàidhlig a dhèanamh cho Sàileach 's a b' urrainn dhaibh, agus tha mi cinnteach uaireannan gun robh iad ga dèanamh na bu Shàiliche na bha an Cinn t-Sàile. Ach fhathast ann an Cinn t-Sàile canaidh iad 'beudh' far an can sinne 'bidh', 's rudan mar sin.

IP: Agus tha a-nise facail ann, nach eil e furasta dhòmhsa a thuigsinn, mar a tha... dòcha gun toireadh sibh mìneachadh orra. 'Ramasaigeadh', an e a bha sibh a' ràdha?

SM: Uill tha fhios gur e ga stiùireadh a bh' ann. Bha e air maide na ceille ga ramasachdainn. Tha fhios gur e ga stiùireadh, agus... an tuirt mi... cha do dhìochuimhnich mi a-mach, 'chuir iad a ceithir casa-ciabain rithe'?

IP: Cha do dhìochuimhnich. Chuir sibh sin ann.

SM: 'S ah ghaolaich, 's iad fhèin a chiabanaicheadh i.

IP: Agus dè a-nise, 'ciaban'?

SM: Uill, tha fhios gur e na casa-ciabain gur e ràimh a bh' annta. An robh sin agam ann?

IP: Bha. Bha sin agaibh ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good