Search

Cur-seachadan cloinne ann am Beàrnaraigh.

Contributors
Date September 1976
Track ID 67357
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.173.A4

Original Tape ID

SA1976.173

Summary

Children's pastimes in Berneray.

The contributor discusses how children would play and make little houses in her youth. The girls collected broken dishes to play with. They made 'bread' from mud in the 'kitchen'. The boys used to build a hut on the shore.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

[Tha tòrr ghuthan am measg a chèile anns a' chlàradh seo agus aig amannan chan eil fhios le cinnt cò tha a' bruidhinn.]


Iain Peatarsan (IP:): A-nise, tha sibh a' dol a dh'innse mar a bhiodh sibh a' dèanamh taighean beaga, nuair a bha sibh nur cloinn-nighinn òg.

Cirsty Mary Fleming (CF:): Och bhitheadh. Bhitheamaid a' falbh anns a' chladach ag iarraidh seann phrais no seann phìosan iarainn sam bith, 's a' dèanamh stoves air.

Boireannach: Brèaghaich a bhiodh againn orra.

CF: 'S e. Brèaghaich. 'S e. Agus bhitheamaid an uair sin... soithichean a bhiodh air a bhristeadh an siud no an seo shìos no shuas, thall no a-bhos, bhitheamaid gan cruinneachadh.

Boireannach: Sin am brèaghach.

CF: Ò feadhainn bhr-... bhiodh feadhainn... a-nise... nuair a bhiodh brèaghaich bhrèagha ann bhitheamaid a' dèanamh rùmannan orra.

IP: Ò seadh, seadh.

CF: 'S bhiodh... nam faigheamaid glainneachan snoga, bhiodh rùm glainne againn. Sin an drawing room mar gum biodh. Agus bhiodh cidsin againn 's stòbh anns a' chidsin. Tha cuimhn' a'm fhèin, bhitheamaid a' dèanamh taighean beaga aig... an aithne dhuibh far a bheil... aig taigh Dhòmhnaill Fhionnlaigh ann a shiudach. Agus, bha lag anns a' chreig, lag nàdarra ann, agus bha mar gam biodh four apartments againn ann. Tha rùm 's cidsin, agus suas an staidhre. An lag a bha seo, gheibheadh tu dìreadh suas an staidhre. Tha e ann fhathast. Agus bhiodh na bedrooms againn shuas an staidhre, fhios agad. Agus rud eile, an rùm agus an cidsin gu h-ìseal. Ach a h-uile uair a thigeadh làn mòr bha e a' falbh leis a h-uile brèaghach no rud eile a bh' againn. An aon rud a bhiodh air fhàgail againn 's e na... iarainn an stòbh.

IP: Ach a-nise na rudan seo ris an canadh sibh brèaghaich. Dè bha seo?

CF: Ò truinnsearan air a bhristeadh, no bobhlaichean, no rud sam bith mar sin. Rud sam bith. Ach cha ghabhamaid crogain shilidh idir, bheil cuimhn' agad. Cha ghabhamaid sin idir. Ach ghabhamaid truinnsearan. Ach a-nis nuair a bhiodh brèaghaich sìona snog ann, 's bha gu leòr dheth a' dol an uair sin ann a sheo, sìona a bha nas brèagha na gheibh thu an-diugh, agus bhitheamaid cho toilichte nuair a bhrististe cupa sìona no rud mar sin, gu h-àraid feadhainn air am biodh craobhan. Sin agad [?brèaghaich] bhrèagha, agus bhiodh sin againn anns an rùm.

Boireannach: 'S ann a bhitheamaid toilichte nuair a thigeadh Raonaid à Glaschu, Raonaid Iain Òig. Bheil cuimhn' agaibh oirre? Agus bhiodh an t-uabhas shoithichean aice ga thoir dhachaigh. 'S bha i cho careless. Bha i a' bristeadh tòrr. Bhitheamaid ann an sitig Raonaid a h-uile latha a' lorg nam brèaghach. 'S bha taigh beag againn an uair sin. Ò bha e snog. Bha e math le brèaghaich Raonaid. Bhiodh a h-uile sìon, bhiodh iad air am bristeadh, a' chuid bu mhotha dhiubh. 'S bhiodh tòrr againn de thaighean beaga an uair sin. Bhitheamaid dìreach uabhasach math dheth.

Boireannach: Bhitheamaid anns an sgoil cuideachd aig àm dìnnearach.

Boireannaich: Ò bhitheadh.

Boireannach: [???] anns an sgoil cuideachd aig Cnoc Torraloth.

Boireannach: Bhitheadh, agus tha cuimhn' agamsa aon latha, agus Flòraidh Sheonaidh 's na h-igheanan sin, bha iad na bu mhotha na mise, hama aca, agus phraighig iad hama air seann... seann phana a fhuair sinn am badeigin.

CF: Agus tha cuimhn' agam cuideachd, an robh fhios agad na clachan mòra a tha siud shìos aig an loch. Bhitheamaid a' dèanamh taighean beaga ann a shin. Creagan mòr uabhasach ann, 's bhitheamaid a' dèanamh suas an staidhre, fhios agad. Bhiodh Ceit Effie a' tighinn a-mach a dh'èigheach rinn, gum faca Ailean taibhs, nighean bheag 's còta tartain oirre 's gun do thuit i ann a shin 's gun deach a marbhadh. Airson eagal a chur oirnn, fhios agad, a chionn bhiodh còtachan tartain air a' chuid bu mhotha againn.

IP: Bhitheadh dìreach.

Boireannach: Bhiodh sinne... Bha seann eathar aig mo sheanair air cùl taigh Thormoid Ailig, 's bhitheamaid... gheibheamaid a-staigh fon eathar. Taigh beag againn ann a shin. [?Bheireamaid] brèaghaich againn às a' chuaraidh, 's bhiodh na beathaichean a' dol ann 's bhiodh iad a' gearradh an casan. Bha mo sheanmhair a' fireadh oirnn airson seo, agus bhitheamaid a' dol fon eathar, 's bhitheamaid ceart cho sàmhach ri na monkeys a-staigh fon eathar. 'S thigeadh an uair sin mo sheanmhair 's bata aice 's bhiodh i a' fireadh. Bha i a' dol a chur a dh'iarraidh a' phoileasmain. Theicheamaid an uair sin. Ach chan fhaigheadh i a-staigh fon eathar. Chan fhaigheadh i na brèaghaich a thogail às a sin.

IP: Chan fhaigheadh dìreach.

Boireannach: Bheil cuimhn' agaibh a-nis mar a bhitheamaid a' dèanamh aran air poll?

Boireannach: Ò bha.

CF: Bhitheadh. 'S ann anns a' chidsin a bha sin ga dhèanamh.

Boireannach: Greideal ga chur air an teine.

CF: Greideal. Tha, 's a' dèanamh bonnaich air poll. Bha.

Boireannach: Bhitheamaid a' dèanamh brot air uisge 's seileastair ga bhristeadh beag, 's fras nan cuiseag 's a h-uile rud sin.

CF: Fras nan cuiseag, bha e math airson còcaireachd. Ò bha. Ach cha bhitheamaid ga ithe.

Boireannach: Cha bhitheadh. 'S an uair sin, bhitheamaid a' cur nan daoine nan suidhe aig bòrd agus a' toir dhaibh a' bhrot a bhiodh an sin, agus an t-aran air truinnsearan.

Boireannach: 'S bhiodh na balaich a' togail bothagan-cheap anns a' chladach.

CF: Tha cuimhn' agamsa, mi fhèin 's Kenny againn fhèin 's Fionnlagh 's Ceiteag, thog sinn bothag anns a' chladach aig ceann seann taigh Ruairidh Dhòmhnaill ann a shin. As t-samhradh a bh' ann, oidhche bhrèagha, bhrèagha, 's ann, 's bha sinn a' dol a chadal innte fad na h-oidhche ma b' fhìor. 'S chaidh sinn dhachaigh a dh'fhaighneachd am faigheamaid... Cha robh iad ag èisteachd rinn, fhios agad... Na cùmhnaibh sin. Chaidh Ceiteag 's Fionnlagh dhachaigh 's thuirt am màthair: "Ò na cùmhnaibh sin."

Bha sinn ann a shin mar a bha sinn a' dol a sheatlaigeadh ann fad na h-oidhche, agus bha sinn cho tàmailteach, suas tha mi a' creidsinn mu aon uair deug, thàinig Oighrig Fhionnlaigh a-mach:

"Thèidibh dhachaigh à seo. Dhachaigh sibh a chlann [???] leapannan a-nochd tuilleadh 's e an dèidh aon uair deug."

Bha sinn cho tàmailteach air a throtadh dhachaigh sinn... [briseadh sa chlàradh an seo]

Bha làn mòr, mòr ann, fhios agad, agus nan robh sinn air fuireach anns a' bhothaig gu madainn bha sinn air a bhith bàthte. Ach siud mar a bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good