Search

Tha Fionnlagh ag Inneireadh

Track Information

Original Track ID

SA1978.018

Original Tape ID

SA1978.018

Summary

This is a mouth music song about Finlay, who wears dun-coloured trousers. He is spreading manure.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh sa bhriogais odhair
Cur fodha na h-innearach.

Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh sa bhriogais odhair
Cur fodha na h-innearach.

Tha Fionnlagh a' feamnadh
Tha Fionnlagh a' feamnadh
Tha Fionnlagh a' feamnadh
'S a ràc air a shlinneanan.
.
Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh sa bhriogais odhair
Cur fodha na h-innearach.

Thèid Raonaid a mharbhadh
A mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Raonaid a mharbhadh
Airson an eallaich arbhair.

Thèid Raonaid a mharbhadh
A mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Raonaid a mharbhadh
Airson an eallaich arbhair.

A-null taigh a' Chananaich
'S a-nall taigh a' Chananaich,
A-null taigh a' Chananaich
'S ann tha na dealanaich.

A-null taigh a' Chananaich
'S a-nall taigh a' Chananaich
A-null taigh a' Chananaich
'S ann tha na dealanaich.

Thèid Raonaid a mharbhadh
A mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Raonaid a mharbhadh
Airson an eallaich arbhair.

Thèid Raonaid a mharbhadh
A mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Raonaid a mharbhadh
Airson an eallaich arbhair.

Dòmhnall Dubh nan gobhar
Agus Dòmhnall Dubh nan caorach
Dòmhnall Dubh nan gobhar
'S ann a gheibhear anns an fhraoch e.

Dòmhnall Dubh nan gobhar
Agus Dòmhnall Dubh nan caorach
Dòmhnall Dubh nan gobhar
'S ann a gheibhear anns an fhraoch e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good