Search

Prògram Choinnich

Date 06 March 1997
Track ID 7169
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 06.03.1997

Summary

A shirt in the Kelvingrove Museum in Glasgow which belongs to a Native American tribe.

A shirt in the Kelvingrove Museum in Glasgow belonging to a Native American tribe came at the time of the Buffalo Bill Wild West Show. It belonged to someone who was murdered at Wounded Knee. The Lakota Sioux have been asking for five years to get the shirt back. Iain Sinclair is supporting them with their request. He feels that there is a strong similarity between the history of the Native Americans and the history of the Gael.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Lanarkshire

Parish - Glasgow

Village/Place - Glasgow

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Uill, Iain, tha thu fhèin an-dràsta a' dèanamh beagan strì, nach eil?

Iain Mac na Ceàrdaich (IM): Tha, tha. A' feuchainn ris.

CM: Beagan strì mu dheidhinn lèine Innseanach anns na Stàitean Aonaichte, an e?

IM: Tha sin fìor, tha.

CM: Chunna mi rudeigin mu dheidhinn seo ann am fear dhe na pàipearan. Dè th' ann?

IM: Uill, 's e sgeul a tha sin, tha an lèine sin air a bhith ann an Glaschu còrr 's ceud bliadhna. Thàinig an lèine bho Murt Wounded Knee, am massacre a thachair còrr 's ceud bliadhna air ais, leis a' Buffalo Bill Wild West Show, a bha ann an Glaschu aig... faisg air an àm sin, agus tha e gu math follaiseach gun tàinig i à cuideigin a bha air a mhurt, agus bu chòir a bhith air ais ann an South Dakota.

CM: Agus tha feadhainn ann an South Dakota ag iarraidh an lèine a tha seo, tha iad ga h-iarraidh air ais?

IM: Tha. Ò, tha. O chionn còrr 's còig bliadhna a-nis tha iad air a bhith a' feuchainn ris an rud fhaighinn air ais.

CM: Agus tha thusa a' toirt taic dhaibh?

IM: A' feuchainn ris.

CM: Ach, uill, 's e an rud an-dràsta, carson a tha thu a' faireachdainn làidir mu dheidhinn seo thu fhèin?

IM: Och, tha mi a' faicinn gu bheil ceangal làidir eadar na h-Innseanaich agus na Gàidheil fhèin, an eachdraidh aca, agus cuideachd tha eachdraidh air a bhith an aghaidh na h-Innseanaich gu ìre, agus tha mi a' smaointinn gu bheil an t-àm ann feuchainn ri sin a cheartachadh.

CM: Uill, tha an geansaidh, an lèine a tha sin, tha i, mar a thuirt sinn, tha i... ann an taigh-tasgaidh... an ann Kelvingrove a tha i?

IM: 'S ann.

CM: Agus leis na... ciamar a bhios tu ag ràdh seo? Lakota?

IM: Lakota. Lakota Sioux. 'S e pàirt den an treubh de na Sioux Indians a th' annta.

CM: Agus tha thusa ag iarraidh an lèine a dhol air ais thuca?

IM: Och tha, agus tha iadsan deònach replica a dhèanamh 's a' toirt stuth eile, a' toirt dhan taigh-tasgaidh co-dhiù.

CM: Ò, feumaidh sinn sùil a thoirt air an sgeulachd sin uaireigin eile a-rithist. Iain, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a bhruidhinn riumsa ann an seo an-diugh. Iain Mac na Ceàrdaich ag innse dhuinn mu Mhàiri Banrigh na h-Alba. Facal anns an dealachadh an siud mu lèine a tha esan ag iarraidh a dhol air ais gu Innseanaich Ameireagaidh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good