Fear aig nach robh sgeulachd idir
Track Information
Original Track ID
SA1963.057.A3
Original Tape ID
Summary
The man who had no stories.
A traveller asks for night's lodging in a house where the owner is a good storyteller. The traveller is asked to tell a story, but says he has none. He is given a bed in a closet where there is a carcase of a sheep hanging. As he is falling asleep, the man sees two men come in to steal the carcase. He sets off in pursuit, as he fears he will be accused of theft. He falls in the river but manages to hold on to a tree on the bank. He has to stay there all night. In the morning, he cannot get out of the river and is unable to shout. Eventually, he manages to shout, and wakens holding on to the bedclothes. His host says that if the man had no story before he will have one now.
Item Notes
See:
'Stories from South Uist' (Angus MacLellan, trans. by John L. Campbell, 1961) p. 201
Language
Gaelic
Genre
Collection
Classification
Transcription
Bha am bodach a' seanchas. Bha e fuathasach math gu seanchas. Dh'fhaighneachd am bodach dheth an robh naidheachd no sgeulachd aige a chuireadh seachad an ùine. Cha robh. Cha robh sgeulachd riamh aige.
"Hod, 'S e duine uabhasach a th' annadsa nach robh naidheachd air choreigin aige."
"Ò, ma-thà, cha robh naidheachd riamh agamsa," ars esan.
Agus bha am bodach a' cumail naidheachdan ris fad na h-oidhche. Bha iad an seo thàinig àm cadail orrasan, agus chuireadh esan do chlòsaid a bh' ann a chadal. 'S dè bha crochte anns a' chlòsaid ach beathach caorach a bh' air a mharbhadh. Chaidh e dhan leabaidh 's cha robh e fad anns an leabaidh nuair a dh'fhairich e a bhith a' fosgladh an dorais agus thàinig dithis a-staigh, agus leag iad am beathach caorach a bha sa... crochte agus thog iad leotha e.
A Dhia, dh'aithnich esan gun robh e damainte dha an leigeil air falbh, gum biodh an duine a' smaointinn gur e e fhèin a thug às e. Dh'èirich e agus dh'fhalbh e às an dèidh.
Bha iad a' dol air aghaidh, 's thug an seo fear aca an aire dha.
"Ò, mac an fhir sin, seall am fear a tha a' tighinn às ar dèidh gus ar brath," ars esan. "Thugainn," ars esan, "agus beireamaid air."
Leig iad às am beathach caorach agus às a dhèidh a ghabh iad, agus chaidh iad eadar e 's an taigh. A-mach a ghabh esan 's bha... bha iadsan às a dhèidh. Bha e seo a' cluinntinn fuaim aig abhainn, aig allt mòr a bh' ann, 's bha e a' dèanamh air an allt. Ach leth na truaighe, bha an t-allt cho fiadhaich 's chan fhaigheadh e a-null oirre, 's uair dhe na h-uaireannan 's ann a chaidh e leis an allt. Bha e a' falbh leis an t-sruth 's bha e air thuar a bhith bàthte.
Fhuair e an seo grèim air meangan craoibhe a bh' ann am bruaich na h-aibhne. Chroch e e fhèin ris a' mheangan. Agus bha iadsan a' siubhal mun abhainn feuch am faigheadh iad e 's a' seòladh chlach a h-uile h-àite am faiceadh iad dubhar craoibh. Bha iad a' dol seachad airsan. Bha e ann a shin fad na h-oidhche 's... gus an tàinig an latha.
Nuair a thàinig an latha 's a dh'fheuch e ri èirigh, tighinn às an abhainn, siud cha b' urrainn da. Bha e air reothadh anns an uisge. Bha e a' feuchainn ri èigheach. Cha b' urrainn dha èigheach a dhèanamh. Uair dhe na h-uaireannan rinn e seòrsa de sgread air choreigin 's thug e leum às. Dhùisg e. Dè rud a bh' ann ach rud a bha e a' faicinn anns a' chadal. Bha e rùisgte air beulaibh na leapa 's grèim aige air cover na leapa na dhà dhòrn. Seo am meangan a bh' aige fad na h-oidhche. Bha am bodach ag obair air le draodhachd fad na h-oidhche.
Nuair a dh'eir-... Anns a' mhadainn an sin nuair a bha iad aig a' bhracaist:
"Uill, fhir òig," ars am bodach, "ged nach robh sgeulachd a-raoir agad, cha chreid mi nach bi sgeulachd a-nochd agad," ars esan.
Mòr Chaimbeul (MC): Och, gu dearbh.
AM: Agus sin mar a dh'èirich dhan fhear nach robh sgeulachd riamh aige. Nam biodh sgeulachd air a bhith aigesan, cha deach... cha do chuir am bodach dragh sam bith air.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò, uill, chan eil... chan eil feum sam bith agaibhse air a sin, co-dhiù. 'S cò aige a bha i sin, Aonghais?
AM: Bha aig Dòmhnall mac Dhonnchaidh
DE: Sheadh. Tha i math cuideachd.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good