Search

Uilleam Ros agus Mòr Ros.

Date 11 March 1953
Track ID 7994
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.21.A3

Original Tape ID

SA1953.021

Summary

William Ross and Mòr Ross.

The contributor has heard the following in Canada as well as Scotland. William Ross met Mòr Ross at a concert in Stornoway while accompanying his father, a travelling merchant, there. He fell in love and proposed to her. She accepted. When he left Stornoway, Mòr married a sea-captain and went to Liverpool. This made William very ill and he never fully recovered.

He got work as a schoolmaster in Gairloch. Mòr regretted her marriage and wrote to William, asking him to come for her. He set off, then thought better of it, but the ordeal brought him to his deathbed. On the night of his death, Mòr was preparing for a ball. There was a knock at the door. When Mòr saw that it was somebody who looked like William or possibly an apparition, she panicked. The candle she was carrying set her clothes alight and she burned to death.

He wrote many songs, very few of which we have today.

Item Subject/Person

Ros, Uilleam; Ros, Mòr

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Agus an cuala sibh dad a dh'iomradh aca riamh air an tè a ghabh e... a ghabh e spèis dhi agus gun deach a losgadh mu dheireadh?

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Ò, Mòr Ros. Ò, 's mi a chuala. Chuala, chuala. Chuala mi iomradh air a sin, chan ann a-mhàin anns an dùthaich seo ach ann am measg nan seann Ghàidheal thall ann an Canada. Chuala. Ò, 's e... 's e naidheachd anabarrach iongantach a th' ann an sin. Sgrìobh mi fhìn, sgrìobh mi beagan mu dheidhinn beatha agus bàs Uilleim Rois. 'S ann ann an Steòrnabhaigh ann an Leòdhas a thachair e rithe. Bha e fhèin agus athair, bhiodh iad a' dol mun cuairt mar cheannaichean-siubhail. Bha an obair a bha ann an sin air a meas an uair sin a cheart cho mòr agus cho urramach ri... ris a' mharsantachd choitcheanta an-diugh.

Agus bha adhbhar sònraichte ann, tha mi cinnteach, airson gun deach Uilleam timcheall cuide ri athair airson bliadhna no dhà mar cheannaiche-siubhail. Fhuair e sgoil mhòr, fhuair e fhèin 's a phiuthar sgoil mhòr, nach robh air a thoirt idir, idir seachad anns a' choitcheann do dh'òigridh an ama. Fhuair e eòlas air na cànanan mar a bha Laidinn agus Greugais ann am Farrais. Ach co-dhiù, gun a bhith a' leudachadh air a sin, chuir e barrachd ùidh anns a' Ghàidhlig, ann an cànan a dhùthchais, na ann an aon dhe na cànanan eile. Agus chuir e roimhe gum faigheadh e eòlas math air mar a bha a' Ghàidhlig air a labhairt, chan ann a-mhàin anns an Eilean Sgitheanach no ann an Geàrrloch air tìr-mòr, ach anns na h-eileanan. Agus 's e sin bu mhiann air gun robh e ann an cois athar a' dol timcheall mar cheannaiche-siubhail.

Oidhche shònraichte, nuair a bha iad ann an Steòrnabhaigh, fhuair iad cuireadh gu oidhche chiùil a bha air a cumail ann an aon de thallachan a' bhaile. Chaidh iad ann an sin. Agus sin far am faca e Mòr Ros, far an d' fhuair e a' chiad sealladh oirre. 'S tha e coltach gun do... gun do rinn bòidhchead na h-ighinn a bh' ann an seo - bha cuid ag ràitinn gun robh i càirdeach dha fhèin, agus tha mi ga chreidsinn - tha e coltach gun do rinn e... gun do dhrùidh e air a' bhàrd cho mòr agus gun do dh'iarr e oirre a phòsadh. Gheall i seo, tha e coltach, agus lean iad air adhart mar sin a' suirghe, agus ann an ceann greiseag b' fheudar da baile Steòrnabhaigh fhàgail cuide ri athair.

Agus bha esan fad an t-siubhail am beachd gun seasadh ise ri facal, 's gum pòsadh i e. Ach cha bu luaithe a chuir Uilleam Ros cùl ri Mòr na dhìochuimhnich i e ann an tomhas, agus thachair sgiobair saothaich rithe ann an Steòrnabhaigh, ris an do rinn i taobh na bu mhotha.

'S e bu cheann dhan a' chùis ach gun do dh'fhalbh i cuide ris an sgiobair agus phòs iad ann an Sasainn, ann am baile Liverpool. 'S bha am pòsadh air àite a ghabhail mun cuala Uilleam Ros guth dheth, ach nuair a chuala e mun a' chùis, ghabh e an gnothach cho mòr gu cridhe agus gun do chuir e gu laighe na leapa e.

Bhuail e air an uair sin. Cha robh e ro làidir co-dhiù. Bhiodh e a' faotainn a shàrachadh le mùchadh. Bha broilleach lag aige. Agus dhrùidh am bròn a bha ann an seo air cho mòr agus gun tàinig e gu caitheamh dha. 'S bha e greis air an leabaidh. 'S fhuair e an uair sin rudeigineach an uachdar air. Bha e na b' fheàrr, 's bha e cho math a' faireachadh agus gun robh e comasach air beagan obrach a dhèanamh. Thug iad dha co-dhiù dreuchd mar mhaighstir-sgoile ann an sgìre Gheàrrloch, agus mar fhear seinn anns an eaglais. Bha an uair sin a bheag no a mhòr de dh'airgead ann an cois na dreuchd a bha ann an sin.

'S bha e a' dol air adhart mar sin gu laghach 's a' faotainn a shlàinte. Ach tha e coltach nach do chòrd am pòsadh ri Mòr cho math 's a bha i a' smaoineachadh. Dh'fhalbh an sgiobair 's chaidh e gu ruige dùthchannan thall 's cha robh i a' cluinntinn dad bhuaithe. Agus nach ann a bhuail an t-aithreachas i, 's thòisich a cridhe fhèin air bristeadh, 's sgrìobh i gu Uilleam a' tagradh ris tighinn ga h-iarraidh 's a toirt leis a dh'ionnsaigh na Gàidhealtachd.

'S dh'fhalbh e. Dh'fhàg e Geàrrloch, 's chùm e air agus 's ann nuair a bha e dìreach aig Sruighlea, 's ann a thug e fa-near gu dè bha e a' dèanamh, 's cha deach e na b' fhaide. Thill e air ais. Ach ma thill, ghreimich an gnothach air, 's chaidh e gu laighe na leapa a-rithist. Agus bha e ann an sin a' sìor shìoladh 's a' sìor chnàmh às le bròn. Tha e air innse nuair a bha e air laighe na leapa, gun robh mòran aige de a bhàrdachd air a sgrìobhadh. Fhuair e a leithid de sgoil agus gun robh e comasach air a' Ghàidhlig a sgrìobhadh gu math. Agus bha mòran, mòran, mura robh a h-uile h-òran a rinn e riamh agus rann aige air a sgrìobhadh sìos ann an Gàidhlig. Chan eil againn ach beagan air sgeul dhe na h-òrain a rinn Uilleam Ros, 's ged nach robh e ach ochd bliadhna fichead nuair a chaochail e, rinn e a dhà no thrì rud agus th' againn air sgeula.

Ach co-dhiù, ghabh e aithreachas air leabaidh a bhàis gun do rinn e uiread de dh'òrain gaoil do Mhòr Ros agus gun do leig e leithid de ruith le inntinn agus le aignidhean, gun deach e tuilleadh 's fada ga moladh. Agus air an latha seo, latha brèagha samhraidh, dh'èirich e far na leapa 's thug e a-nuas pasg mòr, mòr, tomadach de na pàipearan air an robh na h-òrain aige sgrìobhte, agus chuir e am mullach an teine bad an dèidh bad dhiubh, gus an do loisg e am fear mu dheireadh. Bha e airson nach biodh aon diubh air fhàgail às a dhèidh. Ghabh e aithreachas gun do leig e ruith le earchainn cho mòr.

Nise, chuala mi innse eile air a sin. Agus a rèir na naidheachd eile a chuala mi, cha b' ann idir air leabaidh a bhàis a bha e nuair a thachair seo. 'S ann a bha e dìreach na dhuine òg nuair a bha e a' suirghe air Mòr, agus e an uair sin loma-làidir agus gun nì a' cur dragh air, agus e cho làn de ghràdh 's de ghaol do Mhòr Ros agus gun robh e mar smeòrach eile a' seinn fad an t-siubhail, a' sìor dhèanamh òrain do Mhòr agus do a bòidhchead.

Tha e coltach gum biodh òige an àite a' cruinneachadh air chèilidh ann an taigh athar. Cha robh iongnadh ann an sin nuair a bha bàrd a' fuireach ann, agus bàrd cho buadhmhor ri Uilleam Ros. An oidhche seo co-dhiù, chruinnich an òige mar a chleachd iad 's bha an taigh loma-làn. Dh'fhalbh Uilleam sìos gu ruige àite air choreigineach agus thàinig e a-nuas le ultach mòr, mòr dhe na pàipearan air an robh a bhàrdachd sgrìobhte. Tha e coltach gum faca athair feadhainn diubh co-dhiù, agus nuair a chunnaic e dè bha a' dol a thachairt, gun robh Uilleam a' dol a thòiseachadh air leughadh a chuid bàrdachd dha na gillean òga, na h-òrain gaoil seo anns an robh a leithid de mholadh air Mòr, dh'èirich e na sheasamh agus thug e [???] agus àithne theann dha mhac na h-òrain a thilgeil anns an teine air neo gun cuireadh e an dàrna leth dhen an òige a bha ga èisteachd far an cinn.

Nise, saoilidh sinn e rudeigineach annasach sin an-diugh. Ge-tà, nan robh sinn beò anns an latha a bha ann an siud, cha shaoileadh. Bha buaidh shònraichte aig bàrdachd agus grèim sònraichte aig bàrdachd air inntinn an t-sluaigh anns na làithean a bh' ann an siud nach eil aice an-diugh. Chaill na daoine anns an latha anns a bheil sinn beò, chaill iad an suim do bhàrdachd 's do litreachas. Agus cha robh e na iongnadh sam bith ged a bha eagal air athair gun dèanadh e inntinn na h-òige, gu sònraichte, rudeigineach a ghluasad agus a chur troimh-a-chèile. Agus tha e air innse gun do ghabh am bàrd comhairle athar agus gun tug... gun do thilg e anns an teine an t-ultach phàipeirean. Ach mun do rinn na lasraichean grèim orra uile, leum fear de na balaich a-null agus spìon e làn a dhùirn de na duilleagan agus thug e leis iad. Agus tha e air innse gur ann air na dearbh dhuilleagan sin a fhuaradh na h-òrain a tha an-diugh againn air sgeula, ach loisgeadh a' chuid bu motha dhiubh.

Nise, gu bhith a' tighinn a dh'ionnsaigh na crìche, na crìche iongantach agus na crìche dhuilich a thàinig air Mòr Ros. Mar a thuirt mi, thill Uilleam Ros dhachaigh. Dh'fhàg e Sruighlea às a dhèidh 's thill e do Gheàrrloch 's chaidh e gu laighe na leapa. Agus mu dheireadh thall chaochail e leis a' chaitheamh.

Co-dhiù no co-dheth, an dearbh oidhche a bha e a' gleachd ris a' bhàs, ann am Bad a' Chrò an Geàrrloch, bha Mòr Ros ann am baile mòr Liverpool agus i ga h-ullachadh fhèin airson a dhol a-mach gu bàl, bàl-dannsa. Bha gu leòr aice dhen an t-saoghal, bha i glè chofhurtail, 's bha a h-uile nì 's goireas aice a cheannaicheadh airgead, ach toileachas-inntinn cha robh aice. Bha seirbheiseach co-dhiù, searbhanta aice, agus bha i ga cuideachadh 's i ga dèanamh fhèin suas ann an geal airson a dhol a-mach chun a' bhàl-dannsa. Anns an dearbh mhionaid sin fhèin, chuala iad bualadh anns an doras. Chunnaic an t-searbhanta, chunnaic i... chunnaic i Mòr Ros a' clisgeadh.

"Thalla," ars ise fo h-anail ris an t-searbhanta, "agus seall cò th' anns an doras. Chanainn," ars ise, "nam biodh Uilleam Ros beò, chanainn gur e am bualadh aige a th' ann an siud."

Chaidh an nighean chun an dorais mar a dh'iarradh oirre, 's dh'fhosgail i an doras, agus thill i anns a' mhionaid agus thuirt i:

"Ò," ars ise, "tha duine òg," ars ise, "ann an deise Ghàidhealach anns an doras."

Dh'innis i a choltas agus dath aod-... dath a shùilean 's dath fhuilt.

"Ò," arsa Mòr Ros, "'s e Uilleam Ros a th' ann."

'S dh'fhalbh i a' dol a fhreagairt an dorais i fhèin. 'S e coinnlean a bh' aca. 'S e coinnlean bu trice a bh' ann an uair ud a bha a' dol. 'S thug i leatha tè dhe na coinnlean 's chaidh i chun an dorais. 'S ge be air bith gu diod a chunnaic ise ann an sin, leis mar a chaidh i na cabhaig agus na boil nach ann a ghlac a' choinneal, lasair na coinnle, an t-aodach geal... pàirt den aodach gheal phailt a bh' oirre, agus tha fios agaibh mar a bha na h-aodaichean anns an latha a bh' ann an siud, cho farsaing 's cho pailt 's a leithid ann dhiubh, chaidh i suas na smàl agus na lasraichean, agus mun d' fhuair iad freastal oirre, 's a teanacas, bha i air a dhol na teine. 'S thug i suas an deò ann an sin. 'S bha e air a ràitinn gur e sin an dearbh oidhche anns an do chrìochnaich Uilleam Ros a bheatha ann am Bad a' Chrò ann an Geàrrloch.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good