Rannsaich

O Theab Theab 's gun do Theabadh ar Bàthadh

Ceann-latha April 1963
Àireamh a’ chlàir 89999
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.14.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.014

Geàrr-chunntas

Tha an t-òran èibhinn seo ag innse mar a chaidh sgioba, am fiosraiche nam measg, le crodh gu àirigh o chionn dà fhichead bliadhna. Thàinig an dìle agus b' fheudar dhaibh tilleadh.

Chaidh an t-òran a dhèanamh le Aonghas Currie às an Ìochdar.

Notaichean a' Chlàir

The first line of the last verse here is often sung as: 'S g' eil Mòr is Catrìona gu cianail 's gu brònach.

Other singers omit verse 3 and sing the verses sung here in the following order:

C 4 C 1 C 2 C 6 C 5 C, as heard on track 26403.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An t-Ìochdar

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S ciamar a-nis an t-òran a bha seo. Dè bh' ann mu dheidhinn sin?

Kate Nicolson (KN): Uill bha an t-òran seo, chaidh a dhèanamh o chionn... dè... tha mi creidsinn gu bheil aon forty years ann. Dà fhichead bliadhna. Dh'fhalbh sinn le beothaichean gu àirigh a-mach gu Tonacheois an sin, agus o, dh'fhalbh mo bhràthair fhìn agus bràthair na h-ighinn a bha còmhla rium, Pàdraig Sheonaidh thall an sin, mo dheagh nàbaidh. Bha iad gus a bhith còmhla rinn a' chiad oidhche gu 'n seatladh na beothaichean, 's [?bha sinn] gus a bhith a-muigh sia seachdainean. Bha mi fhìn 's Mòr air toirt an aire dha na beothaichean toiseach na h-oidhche, 's bha iad ceart gu leòr, 's bha an uair sin mo bhràthair 's Pàdraig 's ann a' leughadh an leabhair a bha iad. Dh'fhalbh beothaichean Nìll 'ic Aonghais 'ic Nìll, beothaichean a thug sinn linn, ann an Cill Amhlaigh, 's cha robh sgeul againn orra. Cha robh ach thug mi fhìn 's Pàdraig Sheonaidh ar n-aghaidh gu baile, a-nuas a Chill Amhlaigh. An t-uisge nach tàinig riamh a leithid ann. 'S thug mo bhràthair agus piuthar Phàdraig Mòr an aghaidh taobh eile, 's fhuair iad beothaichean Nìll, 's bha tè dhiubh air a dhol am bogadh, 's ma bha cha ghabhadh i toirt on [?bhoglach]. B' fheudar dhuinne tilleadh an làrna-mhàireach. Thachair am bàrd a bha seo rinn air an rathad, Aonghas Currie nach maireann.

DE: Sin am fear air an robh sibh a' bruidhinn?

KN: 'S e. Agus sin am fear a rinn an t-òran dhuinn.


O theab theab, 's gun do theabadh ar bàthadh
O theab theab, 's gun do theabadh ar bàthadh
O theab theab, 's gun do theabadh ar bàthadh
Air mullach Tonacheois anns a' mhòintich a b' àirde.

Sin nuair thuirt Niall gura cianail am bàs e
Ma gheibhear mi nam shìneadh an dìg anns an fhàsaich
Thoir mo bheannachd fhìn chun an tìr san deach m' àrach
'S gur e Dòmhnall Seumas rinn gleusta nach tàinig.

'S thuirt Pàdraig an uair sin b' e buail' i gun àigh
Ma dh'fheumas sinn triall ron an Ìochdar a-màireach
Ciamar gheibh thu sìos a' bhò riabhach led nàire
'S i falbh air a glùinean 's a lùths air a fàgail.

'S nuair ràinig i 'n t-Òs cha robh mòran ri ràitinn
Bha maor 's e gun chòt' air a ròiceadh na [?phlaididh]
Ach cha dèan mi dìochuimhn' air fialachd mo nàbaidh
Gu dìcheallach dòigheil chuir e 'n òrdan rud blàth dhi.

Chuala mi bùirich 's gun d' dhùisg i glè thràth mi
Mun d' ghlan mi mo shùilean bha 'n trùp ud gam fhàgail
Dh'fhaighneachd mi fhèin an robh fèill anns an àite
No cò leis an sprèidh bha air èiginn a' cràladh.

'S nì 'm-bliadhna seo gleust' thu seach tè eile thàinig
Cha reic thu na cruachan cho luath mu Fhèill Màrtainn
Sguiridh tu dhed bhualadh gu cruaidh anns an àthaidh
'S bheir thu dhaibh na dhèis iad 's cha tèid thu gu àirigh.

'S g' eil Mòr is Catrìona gu tùrsach 's gu cianail
Ag ùrnaigh ri Dia feuch an dèanadh e tròcair
Àsan thoirt sàbhailt' à àite cho neònach
'S iad cho fad on càirdean 's gu h-àraid luchd-eòlais.


DE: Agus 's e sibh fhèin Catrìona?

KN: 'S mi. 'S Mòr, piuthar Phàdraig.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math