Search

Casag an Èisg

Date 06 August 1975
Track ID 95516
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.220.A3

Original Tape ID

SA1975.220

Summary

This is a humorous quern song.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):


Hó rithill hó róbha
Hó rithill hó ré,
Hó rithill hó rithill
O hirì hill hó ré.

Ach a Mhurchaidh Òig Thàilleir
Guma slàn bhios tu fhèin.
Rinn thu m' aodach a chàradh
'S gheibh thu pàigheadh dha rèir.

Rinn thu m' aodach a chàradh
'S gheibh thu pàigheadh dha rèir.
Chuir thu pòca fo m' achlais
Air casag an èisg.

Chuir thu pòca fo m' achlais
Air casag an èisg.
'S math a dhìreadh a' mhunaidh
'S mo ghunna fo m' sgèith.

'S math a dhìreadh a' mhunaidh
'S mo ghunna fo m' sgèith.
Ged a shileadh an t-uisge
Cha fhliuchadh e 'n gleus.

Ged a shileadh an t-uisge
Cha fhliuchadh e 'n gleus.
Cha bu mhios' i air astar
Gu faiche nan ceud.

Cha bu mhios' i air astar
Gu faiche nan ceud.
An Dùn Èideann 's an Glaschu
Rìgh gum b' fhaicheil mo cheum.


Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, ma-thà.

UM: 'S ann am Muile a chuala mi an t-òran seo. Chuala mi e aig Dòmhnall MacGuaire, agus chuala mi bhon uair sin e ga sheinn aig Mòd, co-dhiù bha an aon t-sèist air, le tè a mhuinntir Thobar Mhoire. Bha i agam anns a' chlas seo ann an Dùn Èideann, tè Janet Tandy a bh' oirre.

IP: Ò seadh, tha cuimhn' agam oirre.

UM: A bheil cuimhn' agad air Janet Tandy?

IP: Tha. Tha, glè mhath.

UM: Agus feumaidh gun do dh'ionnsaich i... tha mi a' smaoineachadh... 's dòcha gun do dh'ionnsaich ise e aig bràthair a màthar, fhios a'd, 's e Aonghas MacEanraig, an gobha ann an Tobar Mhoire. Bràthair a màthar. Ach fios a'd, tha barrachd 's aon òran leis an t-sèist a tha seo. Tha òran eile san Òranaiche fhèin an seo, 'Gur muladach, muladach duine leis fhèin', agus 's e an aon t-sèist a th' air. Agus... agus 's e Muileach a rinn an t-òran, an t-òran a ghabh mise co-dhiù, Donnchadh nam Blàr. Bha mi a' bruidhinn mu dheidhinn Donnchadh nam Blàr dhut mar-thà - Donnchadh MacDhunLèibhe - a chionn thug mi dhut aon òran a rinn e mar-thà co-dhiù, aonan co-dhiù, 'Ged tha mi gun sunnd 's is dùth dhomh mulad'. Thug mi dhut am fear sin.

IP: Thug, tha mi a' smaoineachadh.

UM: 'Am muile nan craobh tha a' mhaighdeann bhanail, dhan tu mi mo ghaol'. Shin agad e. Donnchadh nam Blàr, Donnchadh Mac... ann an Crògan a bha e a' fuireach. No an e, sa Chrògan? Cha chreid mi nach eil an artaigil còmhla ris. Sa Chrògan a bha e a' fuireach, ann am Muile. Sin agad Donnchadh nam Blàr.

Ò rud eile, ò chan fheum mi seo a dhìochuimhneachadh - fios a'd dè seòrsa òran a tha seo, an ceòl a tha seo? Bheil fhios a'd? Tomhais dè seòrsa òran a th' ann.

IP: Chan eil fhios a'm.

UM: Òran brathainn.

IP: Ò 's e, dìreach.

UM: Seo an seòrsa fonn a bh' aca, agus sèist a bh' aca, ris na seann òrain a bh' aca nuair a bha iad ag obair leis a' bhrathainn, a' bleith a' ghràin. Òran brathainn a th' ann ma-thà. Cha mhòr nach aithnich thu air an seòrsa siubhal a th' aige. 'Hó rithill hó róbha, Hó rithill hó ré, Hó rithill hó rithill, O hirì hill hó ré'.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good