Rannsaich
Guthan ar Sinnsirean

Guthan ar Sinnsirean

’S e goireas air-loidhne a th’ ann an Tobar an Dualchais/Kist o Riches a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h-Alba a thaisbeanadh agus àrdachadh. Tha òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan am measg nam prìomh stuthan anns na clàraidhean seo, a chaidh a thogail bho na 1930an suas. Thàinig na clàraidhean, a th’ ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla, bho thrì tasglannan: Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Rèidio nan Gàidheal. ’S e prìomh amas Tobar an Dualchas/Kist o Riches dèanamh cinnteach gum bi beul-aithris bheairteach na h-Alba air a ghleidheadh agus ri fhaotainn do na ginealaichean ri teachd.

Na Daoine air Cùl nan Cruinneachaidhean

Cha bhiodh clàraidhean idir air an làraich-lìn seo às aonais nam mìltean de dhaoine a thug seachad gu fialaidh agus gu deònach an cuid eòlais agus beul-aithris. Cha bu mhotha a bhiodh iad ann mura b’ e an fheadhainn lèirsinneach a shiubhail Alba air fad gus na daoine seo a chlàradh. Thogadh mòran dhe na clàraidhean an toiseach ann an dachaighean dhaoine, agus an luchd-clàraidh tric a’ tarraing uidheam trom. Thagh sinne cuid dhen fheadhainn as iomraitiche co-cheangailte ris na cruinneachaidhean los gum faigh thu a-mach beagan a bharrachd mum beatha, a thuilleadh air a bhith ag èisteachd rin clàraidhean. Bidh sinn a’ cur tuilleadh chunntasan ris an làraich-lìn gach mìos agus mar sin, dèan cinnteach gun tadhail thu air na duilleagan seo a-rithist.

Pròiseactan agus Fiosrachaidh Eile

A bharrachd air a bhith a’ leasachadh na làraich-lìn againn, bidh sinn tric ag obair còmhla ri buidhnean eile agus daoine fa leth airson pròiseactan, tachartasan, agus cùrsaichean a leasachadh do mhath na coimhearsnachd. Tha beagan eisimpleirean dhe na pròiseactan seo shìos.

Goireasan Gàidhlig do Sgoiltean

Goireasan Gàidhlig do Sgoiltean

Chruthaich Tobar an Dualchais taghadh de ghoireasan foghlaim sa Ghàidhlig aig ìre ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil. Bidh na goireasan seo nan cuideachadh do luchd-teagaisg agus oileanaich ann a bhith a’ faighinn a-mach mun bheairteas de dh’fhiosrachadh a tha ri fhaotainn air an làraich-lìn. Tha e cudromach gun cuir Gàidheil òga eòlas air an dualchas bheairteach a tha an lùib a’ chànain agus ’s e goireas air leth a th’ anns an làraich-lìn seo airson an cothrom sin a thoirt dhaibh. Thèid tuilleadh ghoireasan a chur ris an earrainn seo nuair a tha iad deiseil.

Blogaichean as ùire

A’ Comharrachadh Bana-bhàrd aig an robh Ceanglaichean Dlùth ri Inbhir Nis

Thèid tachartas a bhios a’ comharrachadh beatha na bana-bhàird Màiri Mhòr nan Òran a chumail Disathairne 1 Màrt aig Eden Court ann an Inbhir Nis, mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Tha an tachartas saor an-asgaidh agus fosgailte dhan a h-uile duine. Tha e ga chur air dòigh le Tobar an Dualchais agus Cultarlann Inbhir Nis, ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach. Tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail co-labhairt aig Eden Court air an aon là, a-rithist mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.
Leugh

The National Trust for Scotland calls artists to create a piece of work celebrating Gaelic heritage and Canna House

The National Trust for Scotland is looking for an experienced creative practitioner to make an original piece of work celebrating the opening of Canna House. The piece must highlight content from the Gaelic archive and the casting call is open to all creatives with an interest in Gaelic culture and heritage. Monday 16 December 2024 at 10am is the deadline for expression of interest .
Leugh

In Search of Food/Sgrìob Acrach tro Thobar an Dualchais

Jo MacDonald is a freelance researcher, translator, broadcaster and writer, now living in Camuscross, Skye. Here she looks at how food is represented in Gaelic song, illustrated with some wonderful examples from Tobar an Dualchais.
Leugh