Eachdraidh-beatha
Rugadh Alasdair M. MacNeacail, no Billy an Fhiosaich mar a chante ris, aig 13 Lìonal ann an sgìre Nis, Leòdhas, air 22 Dàmhair, 1870. Rugadh athair, air an robh an t-ainm Alasdair MacNeacail cuideachd, ann an Àsmaigearraidh air taobh siar Leòdhais ann an 1838 agus 's ann an dèidh dha tilleadh à Canada a chaidh e a Lìonal. Bha e pòsta aig Mairead Mhoireasdan, a rugadh aig 7 Tàbost sa bhliadhna 1838 cuideachd, agus bha seachdnar cloinne aca, sianar bhalach agus aon nighean. Chuir còignear dhiubh seachad ùine an Canada no anns na Stàitean Aonaichte agus dh'fhuirich triùir aca thall.
Bha Billy pòsta aig tè de mhuinntir an Acha Mhòir, Mòr NicAoidh, agus bha sianar cloinne aca - Màiri, Sìne, Nora, Sara, Wallace Bruce a bha na mhinistear, agus Ailig Iain a fhuair an George Medal airson duine a shàbhaladh à itealan a chaidh na teine 's i a' feuchainn ri Port-adhair Steòrnabhaigh fhàgail.
Chaidh Billy a Vermont ann an Ameireaga, mar a dh'innis Iain N. MacLeòid, a dheasaich Bàrdachd Leòdhais anns an deach ceithir de na h-òrain aige fhoillseachadh ann an 1916: "Na ghille òg, aig ochd bliadhna deug a dh'aois, sheòl e gu Ameireaga, agus thilg e a champ am measg Shasannach nan Stàitean Aonaichte, a' feitheamh ris an t-soirbheachadh a dh'fhaodadh cuibhle an fhortain a chur mun cuairt dha. Shoirbhich leis agus ann an ùine nach robh fada bha e na fhear-ceàirde sgileil agus acfhainneach, ach a dh'aindeoin gach nì mhothaich e nach robh an dùthaich san robh e a' tighinn ri shlàinte agus mar sin thàinig e dhachaigh gu taigh a bhreith 's àraich."
Bha seo mu 1901 no 1902 agus thog Billy taigh fiodh agus bùth air an t-Sràid Àrd ann an Sgiogartaigh far a bheil Àireamh 27, taigh Dhòmhnaill na Rabaid an-diugh. B' e seo a' chiad bhùth a bh' anns a' bhaile, ach bha e cuideachd a' leantainn a chiùird mar shaor. Chaidh e a Vancouver mu 1909-10 ach thill e air ais, an toiseach chun an Ach, agus an uair sin a Nis mu 1913. Thòisich e bùth eile ann an Sgiogartaigh, beagan an iar air far a bheil Àireamh 11, Taigh Alasdair Eòradail, an-diugh. Nuair a smaoinich e nach robh a' bhùth faisg gu leòr air an rathad tha e coltach gun do chuir e an togalach air rolairean fiodha agus ghluais e e. Ann an 1914 chaidh e a Ghlaschu agus cheannaich e càr Ford, leis am biodh e a' toirt còmhdhail do mharaichean agus saighdearan a bha a' falbh agus a' tighinn eadar Nis agus Steòrnabhagh.
B' ann air fear de na tursan seo a bha e, air a' chiad latha den Lùnastal 1915, nuair a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh an càr far an rathaid aig Loch Bharabhat. Bha e air a ràdh gun robh e fhèin agus fear eile a' rèiseadh faic cò ruigeadh Steòrnabhagh an toiseach agus gun do bhuail càr an fhir eile ann an càr Billy 's e a' feuchainn ri faighinn seachad air.
A bharrachd air O Nach Àghmhor, a tha na sheòrsa de laoidh na sgìre aig iomadh Niseach, 's e An Tèid Thu Leam a Rìbhinn Mhaiseach an t-òran eile a rinn Billy air a bheil daoine fhathast eòlach:
Chì thu 'n t-àite san deachaidh m' àrach
Mun do dh'fhàs mi gu bhith mòr;
Canaidh tu gur baile brèagha
Lìonal ann an Eilean Leòdhais.
Chì thu laoich as bòidhche snuadh ann
Bheireadh buaidh am blàir na h-Eòrp';
Chi thu maighdeannan gun ghruaim orr'
Gabhail dhuan a' luadh a' chlò.
Chi thu mòinteach, cnoc is gleann
Le feadain chaim nan deann gu òs;
Chi thu smeòrach air na geugaibh
Madainn Chèit' an Eilean Leòdhais.
Clàr sgrìobhaidhean
Eilean Leòdhais, Tìr Nan Gaisgeach
Fàilte do dh'Eilean Leòdhais (O Nach Àghmhor)