Search

Dithis bhodach às an Ìochdar a ghoid bò air Mac 'ic Ailein.

Date July 1964
Track ID 86007
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.042.A1

Original Tape ID

SA1964.042

Summary

Two men from Eochar steal a cow from Clanranald.

Two men from Eochar and their sons try to steal a cow. They then try to trick each other. They have to appear before Clanranald. Clanranald gives his judgement.

Item Notes

The contributor learned the story from his father.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1525H

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh ma-thà, feuch... nach feuch sibh a-nist.

Aonghas MacIllFhialain (AM): 'S e dithis chroitearan a bha seo anns an Ìochdar shìos. 'S ann ri linn Mhic 'ic Ailein a bh' ann. Agus cha robh cairtean aig daoine bochda an seo an uair sin ann. Cha bhiodh aca ach eich-chliabh a' feamnadh. Agus bha an dithis nàbannan a bha seo bha iad a' feamnadh an latha a bh' ann a sheo 's... shìos aig a' chladach. Agus bha gille am fear aca, 's bhiodh na gillean a' cruinneachadh an todhair na thorran far am biodh e furasta dhaibh na saic a lìonadh. Bhiodh na bodaich a' falbh leis na h-eich.

Ach an triop a bha seo 's ann a thòisich fear dhe na gillean a' tarraing nan each aige fhèin a-staigh anns an todhar a bha am fear eile a' dèanamh torran air. Chaidh na gillean far a chèile. 'S ann a rug iad air a chèile a' dol a shabaid. Thionndaidh an athair riutha 's thuirt e:

"Leigibh às a chèile, a dhà thrustair," ars esan. "Chan fhacas ur n-athraichean riamh air amhaichean aig a chèile. Bidh todhar ann agus gun sgeul air a h-aon againne. Cha b' e sin bu chòir dhuibh a dhèanamh. Bu chòir dhuibh falbh agus ar cuid Nollaig fhaighinn dhuinne."

'S ann faisg air àm na Nollaig a bh' ann.

"'S iomadh Nollaig a fhuair sinne dhuibh fhèin 's dh'fhaodadh sibh fhèin a-nist Nollaig mhath fhaighinn dhuinne."

"Cà 'm faigh sinne Nollaig dhuibh?" ars an gille 's e a' tionndadh.

"Gheibh," ars esan, "tha crodh aig Mac 'ic Ailein ann an Rosal ann am Beinn na Fadhla," ars esan, "agus bidh an tràigh gu math freagarrach. Agus cha chuir sinn suas ach an triop sa. Agus thèid sibh a-null agus gheibh sibh mart ann, agus nuair a thig sibh leatha gabhaidh sibh dhan rubha ann a sheo, Rubha na h-Àirde, agus thèid fear agaibh chun nan taighean. 'S thig sinn a-nuas agus marbhaidh sinn ann a sheo i."

'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh na bodaich dhachaigh 's na gillean, 's nuair a ghabh iad am biadh dh'fhalbh na gillean gu ruige Beinn na Fadhla a ghoid na bà.

Thàinig iad 's a' bhò aca, 's thug iad dhan rubha i 's chaidh fear aca chun nan taighean, 's chaidh na bodaich sìos. Mharbh iad a' bhò anns an rubha. Dh'fheann iad i 's:

"Uill," ars am bodach, ars esan, "tha e a' tighinn faisg air an latha," ars esan, "agus cha toir sinn dachaigh a-nochd i," ars esan, "ach cuiridh sinn am falach ann a sheo i, agus thèid sinn a chadal a-nochd mar a b' àbhaist aig an aon àm, air eagal gun cuir iad umhail sam bith oirnn, muinntir a' bhaile. Agus a' chiad fhear a dhùisgeas agaibh bheir e brath dhan fhear eile, agus bheir sinn dhachaigh an ath-oidhche i."

'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh na bodaich. Dh'fhàg iad a' bhò ann a shin. Ach sa mhadainn dhùisg fear dhiubh 's chaidh e a-null gu taigh a nàbaidh, 's bha am fear sin gun èirigh. Dh'èigh e dha:

"Bheil thu nad dhùsgadh?" ars e ris an fhear a bha a-staigh, ars esan. "Èirich. Tha an t-àm agad èirigh. Tha e a' tighinn faisg air an latha."

"Dè an duine thusa," ars esan, "ag èigheach mun àm sa a dh'oidhche aig taigh. Clìor air falbh," ars esan, "no cuiridh mi bucaid uisge mu d' chlaigeann."

"Hod, hod," ars am bodach 's e a' tionndadh ris a' ghille, "ghoid e a' bhò," ars esan. "Ach fuirich thusa," ars esan. "Cha tug e dhachaigh fhathast i," ars esan. "Thèid sinn sìos," ars esan, "feuch am faic sinn a bheil i far an do dh'fhàg sinn i."

Chaidh e sìos dhan rubha 's cha robh sgeul air a' bhoin. Thòisich iad air siubhal 's fhuair iad i air a cur am falach ann an taobh eile dhen rubha. Thug iad dhachaigh a' bhò leis na h-eich 's shaill e i, 's an ath oidhche an sin, anns a' mhadainn, thàinig am fear eile a ghoid a' bhò chun an taighe aig an fhear eile.

"Bheil thu nad dhùsgadh?" ars e ris an fhear a bha a-staigh, ars esan. "'S fheàrr dhut èirigh. Thàinig an cadal ormsa a-raoir," ars esan, "agus bha an latha ann mun do dhùisg mi," ars esan. "Tha an t-àm agadsa èirigh," ars esan.

"Gu dè an duine thusa," ars esan, "ag èigheach mun àm sa a dh'oidhche. Clìor air falbh," ars esan, "no cuiridh mi bucaid uisge mu d' cheann."

"Hod, hod," thuirt am fear a bh' ann. "Tha i a-staigh aige," ars esan. "Faodaidh sinn tilleadh dhachaigh."

Cha robh aige ach tilleadh dhachaigh, 's bha na bodaich spite aca dha chèile 's aig na gillean air sàillibh na bà. Cha robh sìon aig an fhear eile.

Bha iad an seo latha anns a' chladach a' feamnadh 's chaidh iad far a chèile. 'S ann a thilg am fear a ghoid a' bhò air an fhear eile gun do ghoid e am mart air Mac 'ic Ailein, gun do dh'ith e i 's... Sgaoil an naidheachd gus an tàinig i gu cluasan Mhic 'ic Ailein fhèin mu dheireadh.

Chuir Mac 'ic Ailein fios air na bodaich. Dh'fhaighneachd e dhiubh an iad a ghoid a' bhò.

"Sinn," ars esan, "a ghoid a' bhò ceart gu leòr," ars esan, "agus dh'fhàg sinn anns an rubha i," ars esan, "gus an toireamaid dhachaigh i," ars esan, "an ath oidhche i," ars esan. "Agus ghoid esan i," ars esan, "agus chuir e ann am falach i," ars esan, "agus fhuair mise i," ars esan, "agus thug mi leam i," ars esan, "agus rinn mi feum dhi," ars esan, "ach pàighidh mi dhuibhse i," ars esan.

"Rinn thu glè mhath," arsa Mac 'ic Ailein, "o nach do sheas e ri companas. An robh i math?"

"Cha robh i dona idir," ars am bodach.

"Dè b' fhiach i?" arsa Mac 'ic Ailein.

"Ò b' fhiach i deich air fhichead," ars esan. "Bha deagh fheòil oirre," ars esan.

"Ò ma-thà, ceart gu leòr," arsa Mac 'ic Ailein. "Fàgaidh sinn dìreach mar sin fhèin i."

Agus sin agaibh mar a dh'èirich dha na bodaich a chaidh a ghoid na bà.

DE: Aidh, aidh. Uill, 's e naidheachd mhath a tha sin. 'S cò aige a chuala sibh i seo, Aonghais?

AM: Ò Dhia, 's fhada o chuala mi i. Chuala aig m' athair. 'S ann aige a chuala mi an toiseach i.

DE: Ò tha i math cuideachd.

AM: 'S ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good