Search

Siud an Deoch Mhilis

Date 19 January 1976
Track ID 94775
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.225.A6

Original Tape ID

SA1975.225

Summary

This is a song in praise of drink.

Item Notes

See:
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' p. 304

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn,
Chuireadh blàths air gach cridhe
Ged bhitheadh iad fuar.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.

Tha fàileadh gun fhòtas
Bho chneas Mhic an Tòisich,
Chuireadh blàths ann am pòraibh
Là reòt' 's gaoith tuath.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.

Bu taitneach an ceòl
A bhith 'g èisteachd a' chrònain,
Ga leigeadh à stòp,
A' cur cròic air a' chuaich.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.

'S tu culaidh an dannsa
Nuair thigeadh an geamhradh,
A bheireadh air seann duine
Cheann thogail suas.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.

Bu mhath thu air banais,
Gar cumail nar caithris,
Nuair bhitheadh luchd-ealaidh
Ri caithream nar cluais.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.

Nuair shuidheamaid socrach
'S a ghlaodhte na botaill,
Cha b' ionnan 's am brochan
Toirt bodach dheth nuas.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn,
Chuireadh blàths air gach cridhe
Ged bhitheadh iad fuar.
O siud an deoch mhilis
Nach pilleamaid bhuainn.


Nise chan eil dad agam ri ràdh mu dheidhinn siud ach gur ann aig Seonaidh Iain Laing, a dh'ainmich mi dhut tric mar-thà, fear a bh' anns an sgoil còmhla rium, 's ann a chuala mi siud. Chan eil fhios a'm cò aig a chuala esan e, ach bha òrain aig athair. Bha òrain gu leòr aig athair. Seann Iain Laing. Tha cuimhn' a'm air seann Iain Laing cuideachd, ach 's ann aig Seonaidh Iain Laing a dh'ionnsaich mi na h-òrain. Agus siud mar a bha... mar a bha e aig Seonaidh Iain Laing, an t-òran.

Iain Peatarsan (IP): Seadh. Agus a bheil eadar-dhealachadh ann, mar a tha e air a chur...

UM: Uill, cha do dh'ionnsaich mi na facail ann. Cha do dh'ionnsaich mi ach an t-sèist agus dìreach an ceòl, agus chan eil... chan eil na facail agam ach dìreach mar a tha mi gan toirt às an leabhar.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good